Ceòl beò: Oi Polloi/ Itziarren Semeak, Dùn Eideann

Iomadachd – se a dh’fhàgas an saoghal againn cho inntinneach. Aig deireadh a’ Ghiblein, thàinig ceòl ùr-nòsach agus mion-chànanan ri chèile. Ged a chanar ‘punc’ ris an dà phrìomh chòmhlan a chluich, bha iomadachd gu leòr ann. Rudeigin airson a h-uile duine, mar a chanar.

Air a’ chiad oidhche, se Oi Polloi a chluich an cois grunnan chòmhlan eile. Thàinig mu 150 neach a dh’fhaicinn nan seann laoch a tha seo. Iadsan a bha thall ʼs a chunnaic, às dèidh bliadhnaichean de chluich air feadh na Roinn Eòrpa agus Aimeireagaidh a Tuath. Tha an seinneadair Ruairidh fileanta ann an grunnan chànan, a’ Ghàidhlig nam measg. Mar sin dheth, ged a bha òrain Ghàidhlig ann, cha robh guth air ceòl traidiseanta.

Tha ceòl Pholloi sa chumantas luath, trom agus fuaimneach – measgachadh de Dhischarge, Killing Joke agus Sham 69. Chan eil teagamh nach eil fuinn aca agus sèistean a ghabhas greim ort. Tha na sèistean sìmplidh is dìreach – èibhinn uaireannan – agus is dual dhan luchd-èisteachd an èigheachd a-mach gu dealasach. Se aon dhiubh ‘Union Jack – Thall is Cac!” agus ged nach tuig a’ chuid as motha den luchd-èisteachd na rannan, seinnidh iad a’ Ghàidhlig seo mar aon. Tha e furasta dèanamh dheth gu bheil poileataigs air leth cudromach dhan chòmhlan seo. Gu dearbh, thog an giog seo £500 dhan tèarmann bheathaichean TASS ann an Siorrachd Lanraig a Tuath.

https://youtu.be/HXAnbBXuRdA

Tha òrain ann an aghaidh nam faisisteach agus laghannan a’ chainb. Tha caochladh chuspairean ann ge-tà, cuid aca sa Ghàidhlig mar L.I.N.U.X, SS Politician, Ramalair Rùisgte agus Dìon is Cuidich. Ged a tha na bliadhnaichean a’ tighinn air a’ chòmhlan seo, chìthear gu leòr dhaoine òga aig na cuirmean aca. Is math gu bheil a’ Ghàidhlig fainear dhaibh.

Air an dàrna oidhche, san aon taigh-sheinnse, se eItziarren Semeak à Dùthaich nam Basgach a chluich. Theirear ‘brass-driven ska-punk’ orra agus sin dìreach a fhuair sinn. Fonnmhor, beòthail agus leantalach – ged nach robh an t-àite ach letheach làn bha na bha an làthair ri dannsa. B’iongantach dhomh nach robh tòrr Albannaich an làthair ach se an fhìrinn nach eil iad aithnichte an-seo fhathast.  Se Basgaich à Dùn Eideann agus beagan Spàinntich a bu mhotha a bha san t-sluagh.

https://youtu.be/MhCNu6VwNeA

Se Euskera no Basgais a chleachdas Itziarren Semeak anns cha mhòr a h-uile òran ged a nochdas Spàinntis an-dràsta ʼs a-rithist. Chan eil seo na annas idir ann an dùthaich bheag far am bi daoine òga a’ cleachdadh Euskera gu nàdarra ann an iomadh roinn bho na h-ealain gu ceòl gu na meadhanan. Ged a tha ceòl ùr-nòsach aca mar phunc, meatailt, pop is eile chìthear taobhan den dualchas aca air an snìomhadh a-steach an-siud ʼs an-seo. Sann mar sin a thòisich Semeak an giog aca– le fonn punc-sgà air a chùlaibh, rinn an seinneadair an aurresku – dannsa traidiseanta a chleachdar gu tric airson fàilt’ a chur air luchd-èisteachd sam bith.

Bha cuspairean nan òran gu ìre air an aon ràmh phoilitigeach ri Oi Polloi, gu h-àraidh a thaobh còraichean mion-chultair, ach bha cuid aotrom cuideachd. Fhad ’s a mholas Oi Polloi uisge-beatha ann an SS Politician, nì Semeak an aon rud ann an Mirentxu Patxaran – se patxaran deoch-làidir thraidiseanta a nìthear bho dhearcan àirneige.

Is mòr am beud nach eil iomadachd mar seo againn ann an Alba. Chan eil ach glè bheag a sgrìobhas òrain ùra sa Ghàidhlig agus se ‘trad’ as motha a chluinneas sinn. Gheibh na Basgaich taic bhon  riaghaltas aca fa chomhair cultair mar seo ach tha e follaiseach gu bheil òigridh na dùthcha ro dheònach pàirt a ghabhail ann. B’urrainn dhuinn an dearbh rud a chruthachadh an-seo – tha iomairtean coltach ris mar FilmG air a bhith air leth soirbheachail. Agus taic bhon riaghaltas an àite coiteachaidh bho na ‘freumhan’ no coimhearsnachdan Gàidhealach? Tha mise coma. Gabhaidh mise ris an dà chuid. Se an riaghaltas a thug Gàidhlig bho bheòil chlann nan Gàidheal. Tha dleastanas aige a cuideachadh le bhith ga cur air ais.

A-nis, togamaid fonn is dèanamaid dannsa.

 

Seonaidh Adams @MacNaBracha

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach