Cha tig às a’ phoit ach an toit a bhios innte.

A’ gabhail na grèine air Beinn Aslaig.

‘S dòcha gu bheil sinn ullamh gus smaoineachadh uaireannan gur e “obair latha tòiseachadh“; ach às dèidh dhomh a bhith a’ leughadh mun leithid seo de dh’atharrachadh a thug Eilidh Sgaimeal  air a caitheamh-beatha ann am beagan is bliadhna, “’s e an-diugh an latha, agus ’s e seo an t-àm” a tha a’ tighinn a-steach orm an-dràsta. Seo Eilidh ’na faclan fhèin ag innse dhuinn ciamar a rinn i e.


(Mar a thug mi piseach air mo chuid slàinte)

le Eilidh Sgaimeal

As t-Samhradh 2016 chaidh mi air làithean-saora dhan Roinn Eòrpa gu trì bailtean mòra a bha gu math eu-choltach. Cha robh mòran airgead agam, mar sin cha b’ urrainn dhomh ach glè bheag a chosg gach latha. Thug seo orm a dhol air cuairtean coiseachd an-asgaidh, far am biodh tu a’ pàigheadh na b’ urrainn dhut air deireadh na cuairte, an àite cìs stèidhichte.

Le seo, rinn mi an t-uabhas coiseachd, chunnaic mi tòrr agus dh’ionnsaich mi pailteas mu gach baile. Ach leis cho trom, lapanach ’s a bha mi, bha duilgheadasan mòra agam le mo chuid slàinte. Aig amannan, cha robh comas agam air cumail ris na buidhnean coiseachd gun strì, oir bha mo dhruim agus mo ghlùinean goirt, agus bha mo chasan air at. Bha agam ri pilichean-pèin is pilichean-sèididh a ghabhail gach latha fad an turais.

Ged a chòrd an turas rium gu mòr, cha do chòrd am pian agus chuir e dragh mòr orm nach robh mi fiot gu leòr gus coiseachd aig astar àbhaisteach.

Thug seo orm smaoineachadh gun fheumainn barrachd coiseachd a dhèanamh gus mo chuid slàinte a thoirt air adhart. Mar sin, cheannaich mi pedometer gus faicinn na bha mi a’ dèanamh de choiseachd gach latha. Ach cha do rinn mi cus a bharrachd… Thòisich mi a’ coiseachd eadar na togalaichean air fad aig an àit-obrach, seach a bhith a’ cleachdadh a’ chàir. Ach, aig an àm, cha robh beachd sam bith agam air dè eile a b’ urrainn dhomh dèanamh.

San Dàmhair 2016 chaidh mi air ais gu Berlin, fad seachdain an turas seo. A-rithist, rinn mi an t-uabhas coiseachd, ach fhathast, cha robh mi fiot gu leòr gus an turas a chur seachad gun strì. Bha mo dhruim is mo ghlùinean goirt a-rithist agus bha mi fhathast a dhìth air pilichean gach latha. Cha robh e na chuideachadh gun robh an t-àite-fuirich agam caran fad air falbh bhon stèisean U-Bahn as fhaisge, agus gun robh agam ri ceithir làran a dhìreadh san togalach far an robh mi a’ fuireach.

Nam sheasamh air an drochaid aig Coire Chatachain.

Nuair a ràinig mi dhachaigh bha fios agam gun robh barrachd obair agam ri dhèanamh gus mo chuid slàinte a thoirt air adhart. Ach cha robh fios agam ciamar agus cha do rinn mi an còrr oidhirp.

Aig toiseach 2017 thug mi gealladh na Bliadhn’ ùire gus barrachd coiseachd a dhèanamh, ach bha mi feumach air amas air choireigin gus mo chumail a’ dol. Às dèidh beagan sgrùdaidh air an eadar-lìn lorg mi dùbhlan gus 1000 mìle a choiseachd taobh a-staigh de bhliadhna. Dh’obraich mi a-mach gun robh agam ri beagan nas lugha na 3 mìltean a choiseachd gach latha gus an dùbhlan seo a choileanadh agus thàinig mi dhan cho-dhùnadh gum biodh seo furasta gu leòr, fiù ’s le obair oifis.

Gus na mìltean a choileanadh thug mi orm a dhol a-mach a choiseachd gach oidhche timcheall a’ bhaile, ge be an aimsir. Chan eil am baile agam uabhasach mòr agus tha e gu math còmhnard. Mar sin choisich mi an aon slighe gach oidhche, beagan còrr is mìle, gun dìreadh sam bith.

Aig deireadh an Fhaoillich choisich mi thairis Drochaid an Eilein airson a’ chiad uair. Bha seo na fhìor dhùbhlan dhomh agus bha agam ri stad turas no dhà gus m’ anail a ghabhail. Beagan mhìosan às dèidh sin bha comas agam coiseachd thairis an drochaid agus dhan Chaol is air ais gun trioblaid sam bith!

Bhon uair sin thòisich mi air cuairtean coiseachd cearta a dhèanamh, agus aig toiseach na bliadhna sa, shreap mi beinn airson a’ chiad uair!

A’ feuchainn ri coiseachd tron t-sneachd aig Bealach a’ Chruinn-leuma.

Am-bliadhna tha mi ag amas air aon chuairt coiseachd ceart a dhèanamh gach seachdain agus aon bheinn gach mìos. Gu ruige seo tha mi dèanamh gu math, agus tha mi toilichte a ràdh nach eil mi lapanach tuilleadh!

A bharrachd air sin, thug an coiseachd orm feuchainn aon uair eile gus cuideam a chall, agus an turas seo dh’obraich e! Bho thoiseach a’ Ghearrain 2017 tha mi air còrr is 10 clachan a chall. Cha deach mi air diet sònraichte, agus cha deach mi an sàs ann an cluba diet nas motha. Dh’atharraich mi na bha mi ag ithe beag air bheag agus rinn mi cinnteach nach robh mi acrach uair sam bith. Mearachd a rinn mi tric gu leòr san àm a dh’fhalbh.

B’ e an rud a bu chudromaiche dhomh nach do dh’fheuch mi ri cus a dhèanamh aig an toiseach. Cha do dh’fheuch mi ri beinn a shreap nuair nach robh comas agam. Rinn mi a h-uile càil beag air bheag. Agus chleachd mi tòrr amasan beaga gus mo chumail a’ dol.

Tha mi a’ coimhead air adhart ri dhol air ais dhan Roinn Eòrpa uaireigin, le làn fhios gum bi comas agam cumail ri astar nam buidhnean coiseachd agus nach bi mi an urra ri pilichean gus mo chumail a’ dol bho latha gu latha.

Mas urrainn dhomhsa fàs fiot taobh a-staigh bliadhna, thèid aig duine sam bith air cuideachd. Agus, nam bheachdsa, ’s e coiseachd an eacarsaich as fheàrr is as tlachdmhoire a th’ ann. Gu h-àraidh ma tha thu a’ fuireach an àiteigin cho àlainn ris an Eilean Sgitheanach!

Air mullach Beinn Aslaig

Suas leis a’ choiseachd!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach