Vive la différence? | Cànain Roinneil na Frainge

Flag on the towerBho shean, ’s i an Fhraing an dùthaich a b’ ioma-chànanaiche san Roinn-Eòrpa agus an-diugh, cunntar 75 cànain aithnichte taobh a-staigh nan crìochan aice (a’ gabhail a-steach nan ranntairean ’s roinnean cèin, no DOM-TOM mar a their iad riutha).

Gidheadh, tha i air tè de ghrunn dhùthchannan, nam measg sin, An Eadailt, An Ruis ’s feadhainn eile*, nach do dhaingnich Cairt Eòrpach nam Mion-chànan no nan Cànan Roinneil fo reachdas, a dh’aindeoin ’s gun do chuir i a h-ainm rithe an 1992 fo sgèith Comhairle na h-Eòrpa.

’S e rud samhlachail a bh’ ann ainm a chur ris a’ Chairt ann an 1992, ach leis nach eil Riaghaltas na Poblachd deònach dol thairis air sin, gu ruige seo cha d’ fhuair cànain roinneil na Frainge an taic a gheibheadh iad nan robh i air a daingneachadh fon lagh. Fo bhun-reachd na Poblachd, chan fhaod còraichean coitcheann a bhith aig luchd-labhairt nan cànan roinneil oir ’s i a’ Phoblachd ’na h-aona stàite, do-roinnte ’s chan fhaod ach aon chànan a bhith aice.

’S ann an 1539 a thugadh a h-inbhe oifigeil don Fhraingis ach bheireadh e linntean eile mun tigeadh i gu bhith ’na phrìomh chànan aig a’ mhòr-shluagh. Dh’fheumadh an Fhraingis taic làidir bho na rìghrean an toiseach agus an uair sin bhon Stàit fhèin – bhiodh iad daonnan a’ cur sìos air na cànain roinneil agus a’ togail na Fraingis ’nan àite. ’S ann a shaoil iad gun robh na cànain roinneil ’nan cnap-starra ro aonachd na tìre, agus b’ i an sgoil a chaidh a chleachdadh gus Fraingis a sgaoileadh agus bacadh a chur air cleachdadh nan cànan roinneil, nan dualchainntean agus nam patois. (A Ghàidheil, b’ eòlach do sheanair air?)

Ann an 2008 bha cànain roinneil na Frainge air an aithneachadh fon bhun-reachd mar phàirt de dhualchas muinntir na Frainge gu lèir. Tha an t-aithneachadh seo caran coltach ri poileasaidh an riaghaltais againne an Dùn Èideann a thaobh na Gàidhlig, agus iad a’ cur meas oirre “mar phàirt riatanach de dhualchas na h-Alba”.

An làrach nam bonn ge-tà, chuir l’Académie Française an aghaidh an lagha ùir, ’s iad ag ràdh gun robh e ’na chunnart do aonachd nàiseanta na dùthcha. Chan eil cumhachd aig an Académie a thaobh bun-reachd na Poblachd ach, dh’fhaodadh an seasamh seo a bhith ’na shamhla de dh’fhìor shealladh an riaghaltais air suidheachadh nam mion-chànan innte.

632px-Langues_de_la_France_svg

Dealbh o Wikipedia

Mur b’ e an sealladh staoin seo aig àrd ùghdarrasan na Frainge, dh’fhaoidte gum faigheadh na cànain roinneil fada a bharrachd taic oir, chuir 68% de mhuinntir na Poblachd an cèill gun robh iad airson an iomadachd seo – an Fhraing a tha breac de chaochladh chànain ‒ a ghlèidheadh.

Dh’iarr mi beachd air frangach, François, a tha a’ ruith làrach-lìn airson ionnsachadh iomadh cànan an t-saoghail (langoland.free.fr), agus a shaoil leam a bhiodh taiceil, oir bha e air iarraidh orm Gàidhlig a chur ann dha. Cha b’ ann buileach mar sin a bhà. Thuirt e gun robh a h-uile cànan cudromach dha. An Fhraingis ‒ mòr-chànan agus feumail thall thairis. Cànain roinneil ‒ oir, ged nach fhaigheadh tu obair leotha, bha iad math airson blas a chur air a bheatha, bha iad inntinneach dha a thaobh cultair ’s nòsan, agus mar annas.

Ceart gu leòr, shaoil mi. Dè a bheachd ma-tà air seasamh an riaghaltais mun Chairt Eòrpach? Chuir an fhreagairt aige iongnadh orm. Bha e airson daingneachadh na Cairte mar bheachd-smuain, ach ann an da-rìribh, bha e an aghaidh sin! Nan daingnicheadh a’ Phoblachd a’ Chairt fo reachdas, dh’fheumadh iad seirbheisean poblach, lagh, foghlam msaa, a thoirt seachad sna cànain roinneil. Seadh, shaoil mi, dè an duilgheadas, ma-tà? Nach e sin na bhiomaid ag iarraidh?

Ge-tà, tha François cuideachd a’ dèanamh ceangal ’na inntinn eadar iomairtean-cànain nam Basgach ’s nan Corsach agus a’ chòmhraig sna ceàrnan sin. Tha e an aghaidh na cànain a bhith air an cleachdadh mar innealan gus fèin-riaghladh no neo-eisimeileachd fhaighinn, agus tha e am beachd gu bheil cuid ann an Corsica ’s Dùthaich nam Basgach gan cleachdadh, chan ann air sgàth gaoil airson a’ chultair, ach gus barrachd cumhachd phoileataigich a bhuidhinn.

Dhòmhsa dheth, tha còmhraig ann am beachdan François. Air an dàrna làimh, thuirt e gum b’ e deagh rud e foghlam tro mheadhan na Breatnais no na Basgais a thoirt seachad sna ceàrnan sin (nan robh gu leòr airgid ann air a shon), ach air an làimh eile, “gun robh barrachd dhaoine a’ bruidhinn Arabais seach cànan roinneil sam bith (san Fhraing)”. B’ e seo a’ phuing mu dheireadh a bh’ aige sa chòmhradh a bh’ againn, agus dhearbh e ’nam inntinn ‒ a dh’aindeoin a’ mheas a th’ aige air cànain ’s cultaran eile ‒ nach robh e eu-coltach ’na bheachdan ri luchd-càinidh na Gàidhlig a bhios gu tric a’ sgrìobhadh gu na pàipearan naidheachd.

Saoilidh mi gu bheil e gu math furasta a bhith moltach air dìon cànain ’s cultair aig muinntir eile gun a bhith a’ smaointinn cus air dè dha-rìribh a dh’fheumas tachairt airson an smuain fhàbharach a thoirt gu buil dha-rìribh. Dh’fhaoidte gu bheil an 68% sin san Fhraing a tha fàbharach mu dhìon nan cànan roinneil coltach ri François air an dòigh sin.

Bha cànain roinneil aig ceathramh cuid de mhuinntir na Frainge ann an 1930, ach aig deicheamh cuid dhiubh ro 1950 agus aig ficheadamh cuid dhen t-sluagh ann an 1970. A rèir cunntais an 1990, cha robh ach 3% de phàrantan Frangach a’ cleachdadh chànain roinneil mar mhodh conaltraidh san teaghlach. Gheibhear lethbhreac den lùghdachadh seo ann an teaghlaichean Albannach cuideachd, agus coltach ri cor na Gàidhlig an Alba, tha foghlam tro mheadhan cuid de na cànain roinneil anns an Fhraing a’ dol am meud fhad ’s a tha an cleachdadh làitheil a’ dol an lughad. Tha faisg air 400,000 clann-sgoile a’ faighinn foghlam dà-chànanach san Fhraing, agus tha cuid dhiubh anns a’ Bhreatainn Bhig agus an Dùthaich nam Basgach ga fhaighinn gu tur tro mheadhan nan cànan fa leth aca gu ruige ìre collège.  Chan eil iad buileach ’nam pàirt de shiostam foghlaim na Stàite ach tha iad a’ faighinn taic-airgid bhuaipe.

Gidheadh a rèir luchd-iomairt, ’s i an leisge seo aig an Stàit Fhrangach stèidh laghail a thoirt do na rùintean ann an Cairt Eòrpach nam Mion-chànain as adhbhar don chrìonadh seo ann am bruidhinn nan cànan roinneil bho latha gu latha. Tha fhios nach e aon lagh a-mhàin ann an reachdas dùthcha a chuireas lasair ri lòchran aig mion-chànan fo chunnart agus a bheir dùsgadh grad air.  Feumaidh rùn agus na ceudan de rudan eile a bhith a’ tachairt aig an aon àm gus atharrachadh a thoirt, ri tìde, air beachdan an t-sluaigh, leithid bheachdan François agus gu seachd àraidh an toiseach, air cleachdaidhean nan ùghdarrasan a tha os cionn chùisean.

*Cha do shoighnich ’s cha do dhaingnich Poblachd na h-Èireann i fon lagh na bu mhotha leis gu bheil inbhe oifigeil aig a’ Ghaeilge ’na bun-reachd a-cheana, ’s chan fhaodadh i a h-ainm a chur ris a’ Chairt no a daingneachadh fon lagh.

– Steaphan MacRisnidh

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach