Cho sgìth ris a’ chuileag – ruitheaman làitheil agus gleogan-eanchainn

Tha fiamh a’ ghàire air a h-uile duine a bhios tric a’ gabhail itealan astar mòr an t-seachdain-sa agus aplacaid air nochdadh a chuireas às don diabhal jetlag a tha siud.

Chan eil sian nas miosa nuair a tha thu air do laithean-saora là a chall san leabaidh ’s tu a’ fulang ris an sgìths seo. Tha jetlag a’ tighinn ort nuair a bhristeas tu do Ruitheaman Làitheil (sin agad circadian rhythms sa chànan eile). Tha na Ruitheaman Làitheil seo coltach ri gleog am broinn d’eanchainn, ag innse dhut cuin am bu chòir dhut cadal is dùsgadh. Nuair a shiùbhlas tu gu taobh eile an t-saoghail, chan eil an gleog seo ag aontachadh leis na tha èirigh is dol fodha na grèine (agus gleogan na dùthcha fhèin) a’ dearbhadh dhut. Bidh thusa an Astràilia a’ feuchainn ri cadal aig deich uairean na h-oidhche ach tha do ghleog-eanchainn fhathast an Uibhist a’ smaointinn gur e meadhan-là a th’ann! ‘S beag an t-iongnadh nach bi thu faighinn do chuid cadail…

Jetlag gu leor ort a’ dol a Bharaigh.

Às dèidh mu sheachdain san dùthaich ùr, tha do ghleog-eanchainn a-rithist a’ ruith còmhla ris na tha a’ ghrian ag ràdh tro ruitheaman solais agus teas. Chan eil e fada on a fhuair sinn a-mach ciamar a tha seo ag obrachadh. Nad shùil, tha dà bhuidheann cealla ann a tha air an cur air nuair a dh’fhiosraicheas iad gath grèine. Mar bu dùil, tha a’ chiad bhuidheann a’ toirt a-steach an t-seallaidh a tha mud choinneimh, is diofar sheòrsachan dhiubh gu sònraichte air an cur air aig solas le dath no deàrsadh sònraichte. Ach am buidheann eile, tha iad a’ tarraing fiosrachadh mu dheidhinn an t-soillse a tha timcheall ort ’s ga tharraing dìreach sa bhad chun a’ ghleog-eanchainn. Ma tha diog do ghleog-eanchainn eadar-dhealaichte, às dèidh treiseag thèid ath-shuidheachadh, dìreach mar a chuireas sinne ceart gleog didseatach às dèidh don dealan a dhol dheth. Tha an t-aplacaid seo dom b’ainm ‘Entrain’ ag obrachadh a-mach cia mheud uair is cuin am bu chòir dhut cadal, agus a’ toirt sgeideal dhut a chuireas ceart do ghleog-eanchainn an ceann dà là.

Ach carson fon ghrèin a tha gleog agad nad eanchainn? tha sibh faighneachd. Carson nach bi sinn dìreach a’cadal ’s a’ dùsgadh ri linn cuairteal na grèine ’s air an dòigh sin cha bhithinn cho sgìth an ath-thuras a thèid mi a Shydney? Nach biodh sin na b’ fhasa?

Uill, chan eil grian daonnan ann. Nuair a chuireas tu rodan no luchag am broinn bogsa ann an dubh dorchadas, bidh iad a’ cadal ’s a’ cluich ’s ag ithe an co-sheirm le tionndadh an latha, ged a nì an neach-saidheans cinnteach nach eil cuairtealan far a bheil solas na blàths ann. Tha an aon rud a’ tachairt le daoine a tha beò ann an uamh fad mhìosan. Tha iad a’ cumail glè mhath ri tionndadh an latha os an cionn. Ach, a dh’aindeoin sin, as dèidh treiseag tha an gleog aca a’ ruith gu saor ’s iad a’ cumail ri pàtran a dh’fhaodadh a bhith eadar 16 no 36 uairean, ag innse dhuinn gum feumar a’ ghrian gus a chumail ceart, ged a mhaireas an gleog glè mhath às a h-aonais.

A’ chuileag-mheasach i fhèin.

Chan urrainn do dhaoine, a chaill structar am broinn an eanchainn ris an canar an suprachiasmatic nucleus (SCN) ri linn lannsaireachd no galair, cumail ri ruitheaman làitheil idir. Tha sinn a’ faicinn an aon rud ann an luchagan a tha a dhìth air cuideachd. An eisimpleir as iongantaiche ge-tà, ’s na trì ginealan de hamstair òir aig a bheil ruitheaman làitheil a tha rud beag bìodach diofraichte bho chèile. Thug luchd-saidheans an SCN bho hamstair a bha cumail ri gleog 22.3 uair agus bho hamstair a bha cumail ri gleog 24 uair , agus chuir iad an uairsin gach SCN am broinn an hamstair eile! Thòisich an hamstair 22.3 uair a-nis a’ cumail ri ruitheam làitheil 24 uair – obair eagallach ach deagh fhianais gur e gleog an SCN.

’S math sin, tha fhios againn càit a bheil an gleog, ach chan eil an eanchainn ach na brochan, agus chan eil càit a bheil e ag innse mòran dhuinn mu dheidhinn ciamar a tha an gleog a’ cumail na h-ùine. Son sin, feumar coimhead air obair a rinnear ann an cuileagan thar nam bliadhnachan mu dheireadh den 20mh linn. ’S e a’ chuileag-mheasach (Drosophila melanogaster sa chànan eile, eile) bànrigh Bith-eòlais – ’s ann bhuaipese a dh’ionnsaich sinn tòrr mu chiamar a tha dìleab is leasachadh-colainn ag obair. ’S e cuileag chliofar a th’innte, as urrainn seinn is dannsa is eadhon pòsadh aona-ghnè a dhèanamh!

’S mar sin, ann an obair-lann Sydney Brenner nach maireann (Duais Nobel, 2002) bha ùidh mhòr aca ann an ruitheaman làitheil chuileagan le diofar mhùthaidhean gan studaigeadh. Chuir iad còmhla pìob ghlainne às am biodh a’ chuileag bheò is gathan-infrared a’ dol troimhe – a h-uile turas a choisicheadh a’ chuileag seachad air a’ ghath, bhiodh fhios aig a’ choimpiùtair gun robh i a’ gluasad. Mar seo, b’urrainn dhaibh dè cho beothail no cho cadalach ’s a bha a’ chuileag a thomhais agus na ruitheamhan làitheil aice obrachadh a-mach. Thàinig iad tarsaing trì mhùthaidhean – ruitheam fada, goirid agus gun chiall! – agus às dèidh mapachadh ginteil, fhuair iad a-mach gun robh iad uile air an aon ghin a dh’ainmich iad period. Tha an aon ghine ri fhaighinn ann an luchagan agus ann an clann-daoine, far am bi mearachdan innte ag adhbharachadh droch chadal.

Ginean a’ ghleog-eanchainn…sa Ghàidhlig!

Às dèidh an t-uabhas obair chruaidh le Sydney Brenner is eile, tha eòlas glè mhath againn ciamar a tha an gleog ag obair. Anns na ceallachan-eanchainn anns an SCN, tha a’ ghine period, còmhla ri ginean eile mar timeless, ga cur air is dheth ann am pàtran mionaideach. Tha na ceallachan a’ lìonadh ‘s a’ tràghadh le grunnan-feòla nan ginean seo ann an cuairt an co-sheirm le ruitheam na là. Tha ìrean eadar-dhealaichte nan grunnan-feòla seo coltach ri spògan a’ ghleoga, a’ dol suas is sìos, agus ag innse dha na ceallachan gum feum iad innse dhan eanchainn ’s dhan cholann gu lèir gu bheil an t-àm ann dhut cadal no ithe no bhith ri feise. Nuair a thèid thu gu taobh eile an t-saoghail, tha solas na grèine ag innse dha na ginean gum bu chòir dhaibh tighinn air is dheth aig diofar amannan agus – gu slaodach – tha iad gan atharrachadh fhèin, agus a’ cur ceart an gleoc. Agus tha e coltach, le cuideachd na h- aplacaid ùr seo, a tha ag obrachadh a-mach dè an dòìgh as fhasa seo a dhèanamh, bidh thu nas luaithe a-mach às a leabaidh agus a’ siubhal na dùthcha, do ghleog-eanchainn ’s na ginean a tha innte a-rithist a’ diogadh gu tapaidh.

– Dòmhnall Iain Dòmhnallach

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach