Clàran na Bliadhna | MacConnaill

frank_ocean_blonde_2

Tha sinn glè thoilichte fàilte a chur air Calum MacConnaill a-rithist agus e a’ bruidhinn air na deich clàran as fheàrr de 2016.

Eadar còmhstrì san Ear Mheadhanach, suidheachadh poilitigeach nan Stàitean Aonaichte, Brexit agus staing nan in-imrichean air feadh na Roinn-Eòrpa, gun teagamh sam bith, ’s e bliadhna dhoirbh a bh’ ann an 2016. A bharrachd air a sin, chaill sinn cuid dhe na daoine a thug crathadh air gnìomhachas a’ chiùil thar nam bliadhnaichean. Prince, Maurice White, Glenn Frey. Agus dithis eile a bhios mi a’ toirt iomradh air fhathast…..

A thaobh ciùil fhèin ge-tà, ’s e bliadhna shònraichte a bh’ ann. Chuala sinn clàran bho luchd-ciùil ùra, thill cuid eile le clàran às dèidh a bhith air falbh ùine mhòr, agus gu mì-fhortanach, chuala sinn na clàran mu dheireadh aig duine no dithis. Clàran a thug spionnadh dhuinn, clàran le teachdaireachdan cudromach, agus clàran le fuinn air leth. Nam bheachdsa, seo na prìomh dheich clàran a chaidh an cur air bhog am-bliadhna.

10: Noname – Telefone

Anns a’ Mhàrt am-bliadhna, dh’atharraich Noname Gypsy a h-ainm, ag aideachadh nach robh i buileach a’ tuigsinn dè cho mì-iomchaidh ’s a bha e do dhaoine Romani. Chuir i às dhan fhacal Gyspy, agus chuir i a-mach a’ chiad chlàr aice Telefone fo ainm Noname. Ged gur e Noname an t-ainm a bh’ oirre a-nise, cha robh e fada gus an do thòisich an t-uabhas a’ bruidhinn mu deidhinn.

’S e rapper agus bard a th’ ann an Noname a thàinig gu aire dhaoine nuair a nochd i air a’ chlàr Acip Rap le Chance The Rapper. Tha e gu math furasta ri bhith ag èisteachd ri Telefone. ’S e ceòl mìn a th’ ann, agus Noname a’ seinn ann an dòigh lèisg cha mhòr. Ach chan eil faclan nan òran idir leisg le teachdaireachdan poilitigeach ann, a’ toirt sùil air na tha air a bhith tachairt o chionn ghoirid san dachaigh aice, Chicago, gu h-araid na trioblaidean a bhios an-aghaidh daoine dubha gu làitheil.

Chan e seo ach a’ chiad chlàr aig Noname, ach bho seo a-mach, cha bhi aice ri nochdadh air clàran luchd-ciùil eile airson aire dhaoine a tharraing. ’S urrainn dhi sin a dhèanamh na h-aonar leis a’ cheòl aice fhèin.

 

9: Kanye West – The Life of Pablo

Dè ’s urrainn dhut ràdh mu Kanye? Dè ’s urrainn dhut ràdh nach deach a ràdh mar-thà? Bliadhna annasach dha Mgr West, agus dìreach o chionn sheachdain, choinnich e ri Dòmhnall Iain Trump san togalach aige ann am meadhan New York. Chan eil fhios againn dè tha dol air adhart na bheatha, ach tha deagh theans’ nach eil fhios aige fhèin nas motha.

Air a’ chlàr The Life of Pablo ge-tà, rinn Kanye na tha e a’ dèanamh nas fheàrr na rud sam bith eile. Sgaoil e clàr sònraichte math, clàr a bhios a’ tòiseachadh leis an òran shoisgeulach Ultralight Beam, coisir a’ seinn na sèist gu brèagha. A thaobh nam faclan, chan e na h-òrain a b’ fheàrr a sgrìobh West riamh, ach tha an ceòl fhathast cho tarraingeach gum bi e a’ toirt buaidh air luchd-ciùil eile fad bhliadhnaichean. Tha an clàr a’ crìochnachadh le òran dannsaidh air a bheil Fade. Cha do chriochnaich an clàr le Fade an toiseach ge-tà. Ged a chaidh an clàr a sgaoileadh sa Ghearran sa chiad dol a-mach, tha e air a bhith ga atharrachadh air-loidhne bhon uair sin.

’S dòcha gu bheil sin a’ sealltainn fear a tha mì-chinnteach. Fear nach urrainn dha co-dhùnaidhean a dhèanamh. No ’s dòcha gu bheil e a’ sealltainn fear nach eil airson cumail ri cleachdaidhean, fear nach eil air a chuingealachadh le riaghailtean. Ge bith dè ni e ann an 2017, bidh an saoghal ga choimhead.

 

8: Kate Tempest – Let Them Eat Chaos

Bàrd eile a-nis a tha a’ nochdadh san liosta seo, agus ’s i tè a bhios a’ seinn mu dheidhinn a dachaigh gu math tric cuideachd. Ach chan ann às na Stàitean a tha Kate Tempest ach Lunainn an Ear Dheas.

Seo an dàrna clàr a tha Kate Tempest air a dhèanamh. Chaidh a’ chiad chlàr aice Everybody Down a chur air adhart airson an Duais Ciùil Mercury an 2014, agus tha an clàr seo ceart cho math ris a’ chiad oidhirp. Air Let Them Eat Chaos, tha Tempest a’ sgrìobhadh òrain mu sheachdnar aig a bheil beathannan gu math eadar-dhealaichte ach a bhios a’ fuireach air an aon sràid. Cuid dhiabh a’ fuireach ann am bochdainn, cuid eile a’ strì le trioblaidean deoch, agus cuid aig a bheil clann òg a tha gan cur drol. Tha na caractaran seo a’ toirt cnàimh-droma a bhios a’ ruith tron chlàr, agus tro earrannan labhairte a tha snaidhte eadar na h-òrain, tha e a’ faireachdainn gu bheil sibh air turas bho thoiseach gu deireadh a’ chlàir.

Tha Tempest mì-thoilichte leis mar a tha an t-saoghal anns a bheil sinn a’ fuireach san latha a th’ ann. Tha am pailteas de rudan a’ cur dragh uabhasach oirre. Ach tha dòchas ann cuideachd, is i a’ faicinn gu bheil cothrom againn na rudan sin a chur ceart. Clàr sònraichte le teachdaireachdan pungail.

 

7: Anderson .Paak – Malibu

’S ann à California a tha Anderson .Paak, agus tha e air obrachadh còmhla ri sàr luchd-ciùil tro na bliadhnaichean an leithid Dr Dre, Schoolboy Q agus Talib Kweli. Eu-coltach ri luchd-ciùil hip hop eile, bidh e a’ seinn fhad ’s a bhios e a’ cluich nan drumaichean, agus tuigidh sibh gur e riochdaire air leth a th’ ann cuideachd. Cluinnidh sibh siud air feadh a’ chlàir Malibu.

Tha a’ ghuth aige cho beòthail, agus tha soul dìreach a’ dealradh dheth. Tha iomadh stoidhlichean ciùil rin cluinntinn air Malibu, eadar coltas hip hop às na 90an, no soul às na 60an. Nuair a chluinneas tu diofar stoidhlichean mar sin, uaireannan tha sibh a’ smaoineachadh nach eil luchd-ciùil buileach cinnteach dè seòrsa ciùil a bu chòir dhaibh a bhith cluich. Ach air a’ chlàr seo, tha na stoidhlichean uile ag obair còmhla ann an dòigh ùr-nodha. Talantach dha-rìribh.

Chaidh Malibu a chur air bhog aig toiseach 2016, ach tha daoine fhathast a’ bruidhinn mu dheidhinn is sinne aig deireadh na bliadhna. Cuideachd, nochd Anderson. Paak air Liosta Fhuaim a’ BhBC 2017. Gu cinnteach, tha deagh bhliadhna roimhe.

 

6: Leonard Cohen – You Want It Darker

Feumaidh mise aideachadh, chan eil mi idir cho eòlach air ceòl Leonard Cohen ach na h-òrain ainmeil mar Hallelujah agus Suzanne. Aon uair ’s gun cuala mi You Want It Darker ge-tà, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis.

Tha a’ ghuth dhomhainn aige dìreach gad tharraing a-steach. Chan eil e gu diofar cà’ bheil thu, ach cuiridh a ghuth stad ort, agus chan eil thu ag iarraidh ach suidhe sìos airson greiseag is a bhith ag èisteachd ris. Air You Want It Darker, tha na faclan gu math sìmplidh agus tha an ceòl a’ leantainn chruthan gu math furasta. Ach, mar as sìmplidh, ’s ann nas fheàrr. Aig deireadh a bheatha, bha am fear à Canada cho cruthachail ’s a bha e riamh.

Air an seachdamh latha dhen t-Samhain, chaochail Cohen às dèidh dha tuiteam aig an taigh. Bha e ochdad ’s a dhà bliadhna a dh’aois. Mar a tha an seanfhacal ag ràdh, thig crìoch air an t-saoghal, ach mairidh gaol is ceòl. Mairidh ceòl Leonard Cohen gu sìorraidh bràth.

 

5: Bon Iver – 22, A Million

Chaidh a’ chiad chlàr aig Justin Vernon (Bon Iver) a dhèanamh ann an seada ann am meadhan a’ choille an Wisconsin. Bhon uair sin, tha ceòl Bon Iver air atharrachadh gu mòr, is Vernon air tilleadh gu stiùidio àbhaisteach. Ach air 22, A Million, tha na seann chleachdaidhean fhathast ann gu ìre, is Vernon a’ sealltainn dhuinn gun urrainn dha ceòl uabhasach brèagha a chruthachadh le fuaimean is ionnsramaidean neònach.

’S e duine caran annasach a th’ ann an Vernon. Thug e còig bliadhna dha gus crìoch a chur air a’ chlàr seo. Tha e a’ feuchainn ri agallamhan a sheachnadh, is tha e coma mu dheidhinn margaidheachd no eile. Chan obraich e air clàr ma tha companaidh-clàraidh ga phutadh, agus sgrìobhaidh e ceòl ma thig e dha gu nàdarra a-mhàin.

Gach turas a dh’èisteas sibh ri 22, A Million, cluinnidh sibh rudeigin eadar-dhealaichte. Thug e ceithir tursan dhomh mus do mhothaich mi guth Paolo Nutini anns an òran 33 “GOD”. Chan eil duine sam bith eile san t-saoghal a tha a’ dèanamh ciùil mar a tha Bon Iver. ’S cinnteach gur e sin aon de na h-adhbharan a tha tòrr luchd-ciùil airson obrachadh còmhla ris. Ged a tha e neo-àbhaisteach, cho fad ’s gun cùm Vernon a’ dol san dòigh aige fhèin, tha sin taghta dhomhsa.

 

4: Solange – A Seat at the Table

Mura h-eil sibh eòlach air Solange, nuair a dh’innseas mi dhuibh dè sloinneadh a th’ oirre, bidh fhios agaibh uile cò th’ innte. ’S e Knowles a th’ ann, agus ’s i am piuthar as òige aig Beyonce. ’S dòcha gu bheil e nas ainmeile fhathast airson a bhith a’ toirt ionnsaigh air Jay Z ann an lioft fhad ’s a bha Beyonce an làthair ann an 2014.

Tha ciallan eadar-dhealaichte aig ainm a’ chlàir A Seat at the Table. Air òrain mar Don’t Touch My Hair, tha i a’ seinn mu chòirichean daoine dubha anns na Stàitean is gum bu chòir na h-aon chòirichean a bhith aig a h-uile duine. Tha i a’ briseadh a’ chlàr an àirde le clàraidhean beaga, is anns na pìosan seo, tha i a’ gabhail cothrom a guth a thogail mu rudan a tha cudromach dhi. A bharrachd air a sin, tha an ceòl sònraichte math, gu h-araid òrain mar Cranes in the Sky agus Rise, agus a guth a’ laighe thairis air a’ cheòl gu socair sòl gu socair sàmhach.

Ach ’s dòcha gu bheil A Seat at the Table cuideachadh a’ ciallachadh gu bheil i air a h-àite a lorg ann an saoghal a’ chiùil. Airson ùine, tha Solange air a bhith air beulaibh sgàil Beyonce, am piuthar as sine a’ cosnadh cliù airson gach ceum a ghabhas i. Chun an latha an-diugh, chan eil fios aig duine carson a thug i ionnsaigh air Jay Z anns an lioft, ach chan ann mu dheidhinn sin a tha daoine a’ bruidhinn tuilleadh. ’S e fìor neach-ciùil a th’ ann an Solange a-nise, ach dh’fhaodadh i a bhith na rionnag mhòr i fhèin fhathast, gun luaidh air a piuthar.


3: Chance The Rapper – Colouring Book

’S e Chance The Rapper aon de na rappers as ainmeile san t-saoghal sna làithean-sa. Am-bliadhna, sheall i dhuinn gu bheil e cho talantach ri rapper sam bith eile san t-saoghal. Ach dè tha cho sònraichte mu dheidhinn balach òg à Chicago a tha a-nis air an ìre seo a ruighinn? Nach d’ rinn Kanye West an aon rud? Uill, tha Chance The Rapper air a h-uile càil a dhèanamh as aonais cùmhnant-clàraidh.

Tha Chance The Rapper a’ cur a-mach an stuth aige air-loidhne saor is an-asgaidh.  Air Colouring Book, an treas clàr aige, tha òrain brònach ann, òrain a tha làn dòchais, òrain gòrach agus òrain creidmheach. ’S e Same Drugs aon de na h-òrain a b’ eireachdaile a chluinneas sibh riamh. Ma dh’èisteas sibh ri All Night gun a bhith a’ tòiseachadh dannsadh, tha sibh ag innse bhreugan. Tha Colouring Book cho math bho thoiseach gu deireadh nach eil laigsean idir ann. Mar a thug Kanye West buaidh air Chance The Rapper is e na dheugaire, le Colouring Book, bidh Chance a’ toirt buaidh air deugairean sna làithean-sa.

Tha e a’ toirt oirbh smaoineachadh am biodh cùisean eadar-dhealaichte dha nan robh cùmhnant aige ri companaidh-clàraidh. Tha coltas nach biodh e cho ainmeil ’s a tha e a-nis. Tha e air sealltainn gu luchd-ciùil eile gum faod sibh a bhith soirbheachail nur n-aonar, is chan fheum sibh a bhith clàraichte ri cùmhnant. Aig aois fichead ’s a trì, tha teans’ gum bi sinn a’ cluinntinn mu Chance airson iomadach bliadhna fhathast.

 

2: David Bowie – Blackstar

Air an ochdamh latha dhen Fhaoilleach am-bliadhna, chaidh an seachdamh clàr air fhichead aig David Bowie a chur air bhog. ’S e Blackstar an t-ainm a bh’ air, agus am measg nan òran air a’ chlàr, bha Lazarus agus I Can’t Give Everything Away. Dà latha às dèidh làimh, fhuair sinn fios gun robh e air bàsachadh aig aois seasgad ’s a naoi.

Bha Bowie air tilleadh gu h-iongantach ann an 2013 leis a’ chlàr The Next Day, agus ged a chaidh innse dha ann 2014 gun robh e a’ fulang le aillse, dh’obraich e cruaidh gus clàr eile a dhèanamh sa bhliadhna mu dheireadh dhen bheatha. Chan eil ach seachd òrain air Blackstar, is tòrr dhiabh ann an stoidhle jazz. Ach, tha Bowie aithnichte airson a bhith a’ feuchainn rudan ùra, agus tha sin ri chluinntinn ann an Sue (A Season of Crime) mar eisimpleir far a bheil e a’ measgachadh jazz le beagan drum and bass. Às dèidh a bhàis, bha ciallan gu math eadar-dhealaichte aig cuid dhe na h-òrain, agus thuig sinn uile na bha e a’ seinn mu dheidhinn. ’S e clàr cumhachdach a th’ ann, agus fàsaidh e nas cumhachdaiche buileach gach turas a dh’èisteas sibh ris.

Trì làithean mus do chaochail Bowie, thòisich e a’ leantainn Dia air Twitter. Rinn Bowie rudan fad a bheatha ris nach robh duine sam bith an dùil ris. Ged nach robh fios aig muinntir a’ phobaill gun robh Bowie tinn, bha làn fhios aigesan nach robh tòrr ùine aige air fhàgail. Bha e airson aon tiodhlac eile a thoirt dhuinn mus do shiubhail e, agus ’s e sin Blackstar. Fiù’s ann am bàs, ’s e Cruthadair a bh’ ann.

 

1: Frank Ocean – Blond

Self Control — Frank Ocean from Joshua Tetreault on Vimeo.

Nas tràithe air a’ bhliadhna, bha daoine feargach le Frank Ocean. Cha robh sinn air càil ùr a chluinntinn bhuaithe ann an ceithir bliadhna (thàinig Channel Orange a-mach ann an 2012). Dh’ainmich e deitichean far an cluinneadh sinn tuilleadh fiosrachaidh mu chlàr ùr, ach chaidh na deitichean sin seachad gun fhuaim sam bith. Bha daoine a’ fàs mì-fhoighidneach. Dè bha tachairt. An uair sin, nochd dealbh beò air an làrach-lìn aige. ’S e seòrsa de sheada obair-fhiodha a bh’ ann. Bha barrachd ceistean aig daoine na bh’ aca roimhe.

Ach taobh a-staigh seachdain, cha robh aon clàr againn, ach dà chlàr ùr. Endless agus Blond. ’S e clàr mìorbhaileach a th’ ann am Blond, agus tha e doirbh dìreach aon òran a thaghadh seach òran eile. White Ferrari (a tha a’ cleachdadh pìos bho Here There & Everywhere le na Beatles), Self Control, Ivy, Pink + White, chan eil aon òran dona air a’ chlàr, agus tha seachd deug dhiubh ann. Tha a’ mhòr-chuid gu math saorsnail, ach ann am pìosan eile, cluinnidh sibh ceòl a tha fiabhrasach, mar eisimpleir air an òran Solo (Reprise) le Andre 3000. Tha diofar luchd-ciùil ainmeil a’ nochdadh air a’ chlàr an leithid Kendrick Lamar, Beyonce, James Blake, Tyler the Creator, agus Pharrell. Agus ’s ann mu dheidhinn Ocean a tha an clàr seo. Chan eil duine sam bith eile a’ deàrrsadh cho soilleir ’s a tha e fhèin.

Cha do chuir Frank Ocean an clàr air adhart airson na Grammys am-bliadhna, ach nan robh e air sin a dhèanamh, bhiodh e air a’ mhòr-chuid de dhuaisean a bhuannachadh nam bheachdsa. Is ged a bha sinn a’ feitheamh fada gu leòr airson a’ chlàr, bha e àiridh air an ùine. Dìreach dean cinnteach nach eil sinn a’ feitheamh ro fhada an ath thuras Frank, okay ma-thà?

 

@cmcconnell14

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach