Clàran na Bliadhna | 2014

Chan e deich òrain a tha aig Calum MacConnaill an turas seo ach na deich clàran a thug buaidh air thar na bliadhna a chaidh seachad – “Càite a bheil 1989 aig Taylor Swift ge-tà?” Bidh gu leòr deasbaid na chois…

Tha ceòl suibseigeach. ’S e sin an fhìrinn. Bidh diofar stoidhlichean-ciùil a’ còrdadh ri diofar dhaoine.

Seo liosta de na deich clàran a b’ fheàrr leam a chuala mi am-bliadhna.

Future Islands – Singles

’S e bliadhna mhòr a th’ air a bhith ann airson Future Islands. Thòisich a’ chòmhlan ann an 2006, is sgaoil iad trì clàran bhon uair sin gun tòrr fhios aig daoine mun deidhinn. Ach, dh’atharraich sin anns a’ Mhàirt am-bliadhna nuair a chuir iad Singles, an ceeathramh clàr aca, air bhog. Le beagan cuideachadh bho prògraman telebhisean mar The Late Show with David Letterman, Jimmy Kimmel Live agus Later ….. with Jools Holland, thog iad aire a’ mhòr-shluaigh, gu h-àraid airson an stoidhle-dannsaidh car annasach aig an t-seinneadair, Samuel T Herring.
Seo an rud a tha a’ còrdadh rium mu dheidhinn còmhlain-ciùil mar Future Islands. ’S e sgeulaiche a th’ ann an Herring. Chan eil guth àbhaisteach aige. Faodaidh e a bhith gu math ìosal neo gu math àrd a-rèir dè seòrsa òran a th’ ann, is fiù ’s beagan sgreuchail ma thogras e fhèin. ’S e guth làn fhaireachdainn a th’ ann, agus cluinnidh sibh siud thairis air na deich òrain air a’ chlàr a tha seo.
Chaidh an t-òran Seasons (Waiting on You) a thaghadh le Pitchfork agus an iris NME mar òran na bliadhna. Tha Future Islands airidh air beagan shoirbheis, is ’s math gun d’ thàinig e am-bliadhna.

Paolo Nutini – Caustic Love

Tha Nutini a’ dol bho neart gu neart. Am-bliadhna, chuala sinn a’ chlàr a bu shoifiostaigiche a rinn e riamh, Caustic Love, is ged nach do nochd an t-uabhas de dh’òrain anns na clàran oifigeil mar a thachair le Sunny Side Up, chan eil sin a’ ciallachadh nach robh e soirbheachail. Nuair a thàinig e a-mach anns a’ Ghiblean, ’s e an clàr a reic barrachd leth-bhreacan na clàr sam bith eile aig an àm sin den bhliadhna.
’S e Nutini aon de na seinneadairean as motha ann an Alba an-dràsta, is tuigidh tu carson. ’S urrainn dha òran a sgrìobhadh ann an iomadh diofar stoidhlichean. Ma ’s e soul, pop, blues a th’ ann, nì Nutini e. Ach, an t-òran as fheàrr a nochd air a’ chlàr, ’s e sin Iron Sky, òran a bha làn theachdaireachdan misneachail agus brosnachail. Nuair a chuala Adele an toiseach e, thuirt i gur e aon de na h-òrain a b’ fheàrr a chuala i riamh. Chan eil sin dona.

Todd Terje – It’s Album Time

’S e riochdaire-ciùil agus DJ a th’ ann an Terje, ach bidh e a’ sgrìobhadh òrain bho àm gu àm cuideachd. Sgrìobh e fear de na h-òrain a bu mhotha a thàinig a-mach an-uiridh (Candy, còmhla ri Robbie Williams agus Gary Barlow), is dh’obraich e còmhla ri Franz Ferdinand air a’ cheathramh chlàr aca. Am-bliadhna, bha e airson an stuth aige fhèin a chlàradh, agus sin an dearbh rud a rinn e le chlàr ùr.
’S e It’s Album Time an t-ainm a th’ air a’ chlàr, is tha e làn cheòl electronaigeach nach biodh a-mach às an àbhaist nan cluinneadh sibh sna h-ochdadan e. Ach, thug ceòl an latha an-diugh buaidh air Terje cuideachd, ach tha an dà chuid a’ tighinn ri chèile airson clàr sgoinneil a dhèanamh. Cho fad ’s as aithne dhomh, chan eil tòrr DJs ann sna làitheans’ a’ cruthachadh an t-seòrsa ciùil a tha Terje, neo ’s dòcha gur e dìreach nach eil neach-ciùil air a bhith cho soirbheachail ’s a tha Terje air a bhith.
Ma tha sibh a’ dèanamh FilmG am-bliadhna agus tha sibh ag iarraidh òran a bhios freagarrach airson sealladh làn ghluasachd is eile, èist ri Delorean Dynamite gu h-àrd. Sorted.

Larkin Poe – Kin

– Seisean beò – Jail Break le Larkin Poe

’S e dithis pheathraichean a th’ ann an Larkin Poe (Rebecca agus Megan Lovell), ach b’ àbhaist piuthair eile a bhith sa chòmhlan. Chan eil fhios a’m càit’ an deach i, tha an dithis eile a’ faighinn air adhart ceart gu leòr às a h-aonais. Thàinig a’ chiad chlàr shlan aca a-mach beagan mìosan air ais, Kin.
Tha dusan òrain air a’ chlàr agus chan eil òran lag air. Tha iad a’ cluich ceòl roc à Ameireaga a Deas air Jail Break, ceòl pop (le buaidh HAIM) air Don’t, agus òran a tha nas coltaiche ri ceòl folk air Crown of Fire, ach tha na h-òrain uile ceart cho math ri chèile.
’S e seo dìreach an toiseach-tòiseachaidh airson a’ chòmhlain. Rinn e consairt math dha-rìribh aig Fèis Cheilteach Innse Gall am-bliadhna, is chaidh an ainmeachadh mar chòmhlan as fheàrr air nach robh tòrr dhaoine eòlach aig Glastonbury leis a’ phàipear-naidheachd an Observer.

Fat-Suit – Jugaad

– First Man on the Sun le Fat-Suit

’S e còmhlan-ciùil ùr Albannach a th’ ann am Fat-Suit, is bidh iad a’ cluich ceòl jazz. Tha mu shia duine deug sa chòmhlan, is ’s iad a tha uabhasach talantach, ged a tha iad uile fhathast cho òg. Às dèidh cuairt mhòr timcheall an Roinn-Eòrpa san t-samhradh, chuir iad air bhog an dàrna chlàr aca aig toiseach na Dùbhlachd, Jugaad.
Feumaidh mi aideachadh, chan eil mi cho eòlach air saoghal ciùil jazz na tha cuid eile, ach tha mi a’ cluinntinn beagan Weather Report sa cheòl aig Fat-Suit. Ann am fuinn mar First Man on the Sun, Don’t Die Octopi agus Sound Logic, cluinnidh sibh cho teann ’s a tha a’ chòmhlan, agus gu bheil fios aca ciamar a chuireas iad deagh fhonn còmhla ri chèile le iomadh diofar ionnsramaidean an lùib. Ach, ’s e am fonn April Lake aig Mhairi Marwick a bheireas tlachd dha muinntir ciùil traidiseanta. Bha Marwick air a’ gheàrr-liosta airson Neach-Ciùil Òg na Bliadhna aig toiseach na bliadhna, is ’s e fonn breàgha eile a th’ ann an April Lake, dìreach mar a bha No Regrets a nochd air a’ chiad chlàr aig Fat-Suit.

Damien Rice – My Favourite Faded Fantasy

Cha robh mi ach còig bliadhna deug a dh’aois nuair a thàinig an dàrna clàr aig Damien Rice a-mach. Bha Tony Blair fhathast na Phrìomhaire agus bha Saddam Hussein fhathast beò. Cha robh clàr ùr a’ tighinn ri chèile airson Rice, is chaith e tòrr ùine mar a dh’aidich e fhèin. Dh’atharraich sin gu tur an-uiridh nuair a thòisich e ag obair leis an sàr-riochdaire, Rick Rubin.
Sa bhad, dh’atharraich Rubin na dòighean-obrach aig Rice, agus cha do chuir e cus uallach air òrain a sgrìobhadh. Dh’obraich e agus chlàr iad ochd òrain airson a’ chlàr ùr seo, My Favourite Faded Fantasy.
Tha e doirbh òran a mholadh seach òran eile bhon chlàr a tha seo. Anns an òran The Greatest Bastard, tha Rice a’ càineadh càirdeas le boireannach a thàinig gu crìoch ach ann an dòigh caran èirmseach. Airson It Takes A Lot To Know A Man, tha am fuaim a’ fàs nas àirde is nas àirde fhad ’s a tha smuaintean ann an ceann Rice a’ fàs nas dubha is nas dubha. ’S e òran snog dha-rìribh a th’ ann an I Don’t Want To Change You, prìomh singilte bhon chlàr.
Seo an taghadh agams’ airson clàr na bliadhna. Faodaidh sibh èisteachd ris a-rithist is a-rithist agus chan fhàs thu sgith dheth. Dh’fhuirich sinn ochd bliadhna airson an treas clàr aig Damien Rice, ach thuirt e gum bi e air ais san stiùidio aig toiseach na bliadhna mar tha. Tha e coltach nach bi againn ri fuireach ochd bliadhna eile airson an ath fhear.

Catfish and the Bottlemen – The Balcony

Chunnaic mi Catfish and the Bottlemen aig fèis-ciùil ann an Glaschu sa Chèitean. Feumaidh mi ràdh nach do thuig mi dìreach cho math ’s a tha iad aig an àm, is dh’fhalbh mi airson còmhlan eile fhaicinn.
Ach nuair a dh’èist mi ri The Balcony airson a’ chiad turas, bha mi a’ faireachdainn mar dheugaire a-rithist. Ceart ma tha, cha bhuannaich Van McCann duais Ivor Novello airson an sgrìobhadh as fheàrr aige, is chan atharraich iad saoghal a’ chiùil leis a’ chlàr aca, ach dè tha ceàrr le sin? Chunnaic mi droch lèirmheas airson a’ chlàr a tha seo san iris NME o chionn ghoirid, is thuirt iad gun robh a’ chòmhlan mu ochd bliadhna fadalach leis an stoidhle-ciùil aca.
Chanainnsa, ma ’s e ceòl math a bh’ ann an 2004 neo 2014 neo fiù’s 1974, ’s e fhathast ceòl math a th’ ann. Chan ann a-rèir cuin a nochd a’ chòmhlan an toiseach.
’S e ceòl math a bhios Catfish and the Bottlemen a’ cluich. Tha òrain mar Cocoon, Kathleen agus Tyrants uabhasach ceòlmhòr, agus tha mi cinnteach gum faic tòrr dhaoine iad aig fèisean-ciùil an ath bhliadhna.

The Hazey Janes – Language of Faint Theory

Seo an treas clàr ceart a chaidh a chur air bhog leis na Hazey Janes, agus an dàrna fhear leis a’ chompanaidh clàraidh Armellodie. Thill iad dhan Spàinn airson clàradh aon uair eile còmhla ri Paco Loco (The Sadies, The Posies) agus John Agnello (Sonic Youth, Kurt Vile, The Hold Steady), dithis a dh’obraich iad leis air a’ chiad chlàr aca, Hotel Radio.
Chlàr iad seann òran dùthchail In Shadows Under Trees airson a’ chlàr, agus tha tòrr òrain pop ann le harmonies bòidheach eadar a’ cheathrar. Ach, ’s e an dà òrain aig deireadh a’ chlàir a tha a’ seasamh a-mach nam bheachdsa. Language of Faint Theory air a sheinn le Alice Marra, agus Bellefield Moon air a sheinn le Anndra Mitchell, dà òran cho math ’s a sgrìobh a’ chòmhlan riamh.
Tha bliadhna trang air a bhith aig na Hazey Janes, is tha e coltach gum bi 2015 dìreach an aon rud.

Royal Blood – Royal Blood

Tha bliadhna air leth air a bhith aig Royal Blood. Chluich iad consairtean mòra air feadh Bhreatainn, chuir iad clàr air bhog a chaidh a mholadh leis cha mhòr gach sgrìobhadair ciùil san dùthaich agus chaidh faighneachd dhaibh cluich còmhla ris na Foo Fighters aig cuid de na consairtean aca an ath bhliadhna. Chan eil sin dona airson còmhlan aig nach robh cùmhnant le companaidh-ciùil ochd mìosan deug air ais.
Chan eil mi builleach a’ tuigsinn fhathast ciamar a tha iad a’ dèanamh fuaim cho mòr nuair nach eil ach dithis sa chòmhlan. Ach sin an dearbh rud a tha iad a’ dèanamh. Tha a’ ghiotar a’ cur neart ann an òrain a leithid Come on Over, Ten Tonne Skeleton, Figure It Out agus Little Monster, agus na drumaichean a’ cumail cùisean a’ dol sa chùl.
’S e fìor deagh cheòl roc a tha seo. Clàr air leth a dh’fhaodadh duine sam bith èisteachd ris.

Willie Campbell – Dalma

Ged nach eil Caimbeul a’ bruidhinn na Gàidhlig cho math ’s a bha e aig aon àm, feumaidh sibh ga mholadh airson an oidhirp a rinn e leis a’ chlàr seo. Bhon a bhith ag obair le Calum Martainn, dh’eadar-theangaich iad deich òrain dhan a’ Ghàidhlig (le dà òran sa Bheurla), agus le Martainn a’ toirt comhairle do Chaimbeul a thaobh fhuaimneachadh, chlàr iad Dalma.
Agus ’s e clàr math a th’ ann. Ged a tha na seann òrain agus na òrain traidiseanta Ghàidhlig a’ còrdadh rinn uile, tha e cho math a’ cluinntinn Gàidhlig air a seinn ann an nos ùr. Feumaidh sinn a bhith a’ sgrìobhadh òrain Ghàidhlig ann an nos ùr, is ged a tha cuid ann a tha ga dhèanamh, chan eil an t-uabhas. Airson Gàidhlig a thoirt air adhart gu ìre eile, tha mi cinnteach gun cuidich òrain ùra mar na feadhainn a sgrìobh Caimbeul.
Ach chan eil e dìreach air an liosta air sgàth ’s gun robh mi feumach air clàr Ghàidhlig. ’S e clàr làidir a tha seo le òrain mar Shlàinich thu mi, Faisg air mo Dhia agus Grunnd na Mara a’ seasamh a-mach. Agus nan robh Fir-Chlis sgrìobhte ann am Beurla, tha mi cinnteach gun rachadh a chluich gun sgur air Radio One na bu thràithe sa bhliadhna.

Feumaidh sibh mo leisgeul a ghabhail ma chailleas mi dad a bha eagalach math. Tha fios a’m gun leughadh cuid de dhaoine an liosta agams’, is bidh iad a’ smaoineachadh:

“Càit’ a bheil St Vincent?”
“Nach eil Alt J a’ còrdadh riut?”
“An do dhìochuimhnich thu Swifty?!”

Airson mo phuing a dhaingeachadh, tha ceòl suibseigeach. Chan eil mi a’ cantainn gur e seo na deich clàran a b’ fheàrr a thàinig a-mach am-bliadhna, ach seo na deich clàran a b’ fheàrr a chuala mi fhìn.

Nach cuir sibh brath thugainn ma tha sibh a’ smaoineachadh gum bu chòir clàr a bhith air an liosta gu sònraichte? Neo nas fheàrr builleach, nach cuir sibh liosta thugainn le ur beachdan fhèin air dè bha na deich clàran as fheàrr a chaidh a sgaoileadh am-bliadhna?

Ceilirich rium @cmcconnell14

Share

One thought on “Clàran na Bliadhna | 2014

Freagair Catherine Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach