Cleachd I No Caill I! Ach Ciamar?

Seo sia beachdan bho Alistair air mar a chuireas tu gu feum a’ Ghàilig ghaolach agad.

Cleachd i no caill i! Dè cho tric ’s a chluinneas sinn an abairt seo? Ach ma tha thu, mar a tha mi fhèin, a’ fuireach ann an ceàrn far nach eil mac no nighean ann a rugadh do mhàthair a bhruidhneas cànan an àigh riut ciamar fon ghrèin a nì thu sin? Chan ionnan mòr-chànan is mìn chànan a thaobh chothroman cleachdaidh. Can ma tha mi airson Fraingis ionnsachadh thèid mi dhan Fhraing; follaiseach. Agus cha bhi dòl às; bruidhnidh mi Fraingis ge b’ oil leam. Ach fiù ’s ma thèid mi dha na tha air fhàgail dhen Ghàidhealtachd am bruidhinn muinntir an àite Gàidhlig rium?

.1. Rach an Sàs

Rach air comataidh, thoir a-mach ballrachd, obraich gu saor-thoileach! Tha thu a’ tarraing asam, ciamar a lorgas mi an ùine? Bidh daonnan leisgeul againn gun a bhith a’ cur seachad na tìde. Ach cuimhnich gu bheil sinn an eisimeil air buidheann de dhaoine èasgaidh a dh’obraicheas gu dìcheallach son a’ chanain airson tòrr a thacras ann an saoghal na Gàidhlig; agus bhon a gheibh sinn uile buannachd.

Is ionmhalta an obair an nì buidhnean leithid comataidhean ionadail a’ Mhòid is nam Fèisean a thaobh ciùil, cànain is cultair agus bidh buidhnean iomairt leithid Misneachd trang a’ strì son còir a’ chànain às ar leth. Cha toir e mòran saothair dhut faighinn a-mach cò na commain a th’anns an sgìre agad fhèin. Cuir fìos thuca! S’ e an duais a dh’fheitheas ort a bhith an sàs ann an obair fheumail a bheir toil inntinn dhut, agus; an salann sa bhrot; bidh thu am measg cuid de na daoine as daingne a thaobh a’ chànain.

2. Rach Mun Iar Fhir Òig (a Bhean Òg)

Ged as ann mu dheas a lorgas tu grian is teas tha aon rud cinnteach; cha chluinn thu mòran Gàidhlig ann an Ibiza no Fuerteventura. Coma leat a’ mheanbh-chuileag no dìle is cuir air dòigh co-dhiù aon turas dhan Ghàidhealtachd sa bhliadhna is òl às fuaran a’ chànain. San latha a th’ ann tha e fìor gun tèid agad air a dhol dhan Gàidhealtachd gun smid Gàidhlig a chluinntinn agus mar sin ’s fhiach e ro-innleachd a bhith agad. Mar eisimpleir, faigh leabaidh is bracaist far a bheil Gàidhlig aig an òstair (feuch an ionnsaich thu mar dhiùltas tu pònairearan àmhainn leis a’ Full Scottish’ agad), cuir fios air na buidhnean a tha an sàs ann an Gàidhlig san àite no dè tha dol. No dè mu dheidhinn dol air cursa, leithid an fheadhainn a tha air an cur air dòigh le Ceòlas is Sabhal Mòr Òstaig a tha air an ruith tron Ghàidhlig.

3. Tog Fonn; Seinn Le Còisir

‘S dòcha nach tus’ an ath Phavorotti ach ’s toil leat a bhith a’ seinn san fhrasair agus, nad bheachd, tha guth seinn air choireigin agad. Nach eil làn thìde agad faighinn a-mach às an fhrasair is aghaidh a chur air do luchd-èisteachd! ‘S e smaoin eagalach, tha fhìos agam, ach ma sheinneas tu le còisir cha bhi thu nad aonar. A bharrachd air sin bidh spòrs an lùib a’ gnothaich agus, ged nach eil Gàidhlig fhìorghlan aig a h-uile ball-chòisir chan eil rian nach bi duine no dithis ann a bhruidhneas Gàidhlig riut.

4. Bi Nad Charaid Do Na Gàidheil

Tha sinn fortanach gu bheil daoine fhathast beò aig a bheil Gàidhlig bhreagha, gun smal mar chiad chànan. S’ e stòras luachmhor a th’aca nan cinn ach gu tric gun duine ann a thig às an dèidh dhan toir iad seachad i. Abair call! Nuair a fhuair mi fhèin de mhisneachd a leigeadh leum faighneachd de sheann Sgitheanach a tha a’ fuirich faisg orm am biodh e cho math Gàidhlig a bhruidhinn rium b’ e an fhreagairt a fhuair mi gun robh e air a dhòigh ghlàn gun robh cuideigin ann a bhruinneadh a chànan gaolach màthaireil ris. Tha sinn nar deagh charaidean a-nis agus an dithis againn a’ faighinn buannachd às a’ chàirdeas ged ’s ann le beagan nàire a dh’aidicheas mi gur mise a fhuair a’ chuid às fheàrr. Bidh e an urra ruit fhèin rudeigin a chur air dòigh ach mar a chanadh mo sheann athair rium; ‘The worst that can happen son: you’ll get a no!’

5. Cùm Cluas Ri Claisneachd

‘S urrainn do bheatha sgoilear na Gàidhlig a bhith caran aonranach is fiù ’s dòrainneach aig amannan is ar sròn ann an leabhar no sgrìon fad na h-ùine. Faigh a-mach nas tric, sin mo chòmhairle, is cuir beagan fealla-dhà is spòrs an lùib an rud! Sa chuid as motha de sgìrean gheibh thu tachairtean spòrsail Gàidhlig ma chùmas tu cluas ri claisneachd. Thèid mi fhèin bho àm gu àm gu farpaisean-cheist ann an Glaschu a bhios air an cur air dòigh leis a’ bhuidheann An Gealbhan. Ann an Dùn Èideann cuiridh am buidheann Am Bothan cuirmean is consartan neo-fhoirmeil air dòigh. Ann an Inbhir Nis ’s e buidheann air a bheil Tac an Teine a riutheas seiseanan seinn. Sin dìreach trì eisimplierean am measg iomadh fear eile.

6. Thig Cruinn còmhla

Nar triall Ghàidhlig ’s iomadh duine de ar leithid fhèin ris an tachair sinn aig cùrsaichean, coinneamhan is eile. Ged is tric a bhios sinn a’ gearan mu dhìth chothroman còmhraidh de cho tric ’s a bhios sinn a’ bruidhinn ri chèile? San latha a th’ann, le pailteas dhòighean conaltraidh ann, chan eil leisgeul againn fiù ’s ma tha sinn a’ tighinn beò taobh thall an t-saoghail bho càch a’ chèile. Tog fòn. Cuir teachdaireachd. Cuir romhaibh beagan thìde a chur seachad còmhla ann am pub, no cafaidh, air cuairt no Skype, Facetime, Whatsapp, Instagram, ooVoo, Viber, Talky …. Gabh mo leisgeul fhad ’s a tharainngeas mi anail…….. Chan eil e gu dìofar ciamar no càit ach gun deàn thu e; an diugh fhèin!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach