Cnuasachadh fiolm | Hamish

hamish-henderson

‘S e fiolm drùidhteach cumhachdach a th’ ann an Hamish a ghrèimeas ort. Chan eil teagamh gun robh buaidh nach beag aig Hamish Henderson air Alba, ge brith mar sgrìobhadair, iomairtiche, fear-cruinneachaidh, no sgoilear. Tha Liam a’ beachdachadh.

Tha cuimhne agam far an robh mi air oidhche chunntais nam bhòtaichean san t-Sultain, 2014, mar a th’ aig a’ mhòr-chuid againn. Mu mheadhan oidhche, bha mise a’ leughadh ’s ag ath-leughadh nam faclan san òran aig Hamish, agus a’ coimhead air a dhealbh, a bha crochte air a’ bhalla am broinn Sandy Bell’s an Dùn Èideann. Mus an do dhùin an taigh-seinnse an oidhche ud, air ar lìonadh le measgachadh eadar mòr-fhiùghar, mì-chinnt agus eagal, thog sinn ar guthan, a’ seinn aig àird ar claiginn, Freedom Come All Ye. An dèidh sin, ’s cinnteach a’ leanadh mar a dhèanadh Hamish e fhèin, thog mi orm a’ phìob agus spaidsirich sinn sìos an t-sràid gu ruige an Royal Oak. ’S ged nach robh mi eòlach gu pearsanta air Hamish, saoilidh mi gum biodh e air a dhòigh leis an iollach a rinn sinn an oidhche fhogharraidh ud.

‘Bha Hamish airson saoirse dhan a h-uile duine, agus a h-uile dùthaich’, mar a thuirt Dolina NicIllFhionnain san fhiolm. Bha sin aig cridhe gnothaich: am fìor ghaol a bh’ aige air beatha, air an t-saoghal agus air Alba. ’S chaidh sin a dhaingneachadh a-rithist agus a-rithist le cuimhneachain nan daoine a ghràdhaich e fhèin fad a bheatha.

’S e fiolm aithriseach a th’ ann an Hamish, air a lìonadh is air innse leis na daoine a bha eòlach air gu pearsanta, a dh’fhàgas e cho cumhachdach. Leis an aithris, tha am fiolm ga shuidheachadh fhèin badeigin eadar eachdraidh, seanchas agus cuimhne, mar a tha iomchaidh do dh’athair an ath-bheòthachaidh thradaiseanta.

Tha e iomchaidh oir ’s ann mar sin a fhuair mi fhìn – agus tòrr eile – eòlas air Hamish, tro na sgeulachdan aig na daoine a bha eòlach air gu pearsanta. Ged as ann an Sandy Bell’s, neo Seòmar an t-Saoghail, neo Sgoil Eòlais na h-Alba, tha Hamish fhathast ga chuimhneachadh gu dùrachdach leis a’ choimhearsnachd a chuidich e fhèin ri togail ann an Dùn Èideann tron ath-bheòthachadh. Tha e mar fhianais air a’ bhuaidh a bh’ aige gur e farsaingeachd de dhaoine an sàs anns an fhiolm seo, a’ gabhail a-steach a theaghlaich, Kätzel ’s an dithist nighnean (a thug seachad agallamhan airson a’ chiad uair), ollamhan leithid Iain MhicAonghais agus Mairead Bhennet, seanchaidhean leithid Essie Stiùbhart, agus muinntir na h-ealain bho dhiofar dhùthchannan.

Seadh, b’ e cleas na h-aithris gun robh iomadachd chànanach mar phàirt mhòr de sin, bho Ghearmailtis is Beurla gu Eadailtis is Gàidhlig (uile le fo-thiotalan Beurla). Bha am beartas chànan a’ samhladh beatha Hamish fhèin, agus cho pan-Eòrpach ’s a bha e na chuairtean, na chomasan cànain, na chreideasan.

’S e fiolm drùidhteach cumhachdach tha seo, a tha a’ faireachdainn ann an dòigh mar chèilidh cuimhneachaidh, mar taigh-fhaire ann an dòigh, air a chumail le càirdean do dhuine a bha cho cudromach agus gràdhaichte ann am beatha na h-Alba. Dh’fhàg e snighe air mo shùilean a bhith a’ faicinn charaidean a’ cuimhneachadh air cuideigin nach do dh’eòl mi gu pearsanta, agus a thug buaidh gun teagamh air mo bheatha.

Ghràdhaich iad esan, agus ghràdhaich esan Alba. ’S ann an seo a bha a bhuaidh bu mhotha aige. Nach iongantach, agus iomchaidh, gu bheil a dhìleab bheò fhathast a’ toirt iùil is stiùir dhuinn – eadar na h-òrain, na cuimhneachain, agus na daoine a bhrosnaich e – agus sinn ag obair gus an ceann-ùidhe aige a choileanadh.

Tha am fiolm Hamish ga chuairteachadh an-dràsta ann an Alba agus thèid a shealltainn air BBC Alba nas fhaide den bhliadhna.

Hamish: Trailer from Pure Magic Films on Vimeo.

– Liam Alastair Crouse

(Tha na beachdan a nochd san alt seo an urra ris an ùghdar fhèin agus chan eil iad a’ riochdachadh buidheann eile sam bith.)

 

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach