Tha sinne aig Dàna gu math toilichte a ràdh gum bi sinn nar britheamh airson co-fharpais litreachais aig Comunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu.
‘S e fear de na prìomh amasan a bh’ againn nuair thòisich sinn an iris air loidhne, gum biodh i a’ brosnachadh sgrìobhadh – agus leughadh – ann an Gàidhlig. Mar sin, tha sinn air ar dòigh a bhith an sàs san iomairt seo leis a’ Chomunn Oiseanach.
Am bliadhna, ’s e cuspair na co-fharpaise “Chan fhaighear math gun dragh”. A bharrachd air co-fharpais artaigil, bidh co-fharpais bàrdachd agus co-fharpais sgeulachd ghoirid gan cumail leis a’ Chomunn, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean.
Faicibh gu h-ìosal airson barrachd fiosrachaidh, agus cuideachd airson riaghailtean na co-fharpaise a leughadh.
Siuthadaibh – bithibh Dàna!
Riaghailtean
1. Bidh trì farpais ann: bàrdachd, sgeulachd ghoirid agus artaigil.
2. Airson bàrdachd, feumar aon pìos bàrdachd a chur a-steach.
3. Airson sgeulachd ghoirid, chan fhaodar a bhith nas fhaide na 2000 facal.
4. Airson artaigil, feumar a bhith eadar 800-1200 facal.
5. Faodar iarrtas a chur a-steach airson na trì farpaisean.
6. Tha an co-fharpais fosgailte do dh’oileanach colaisde neo oilthigh agus sgoilearan S5/6.
7. ‘S e an ceann-latha airson iarrtasan Dihaoine 7 an t-Samhain 2014.
8. Tha duais de £50 ri chosg airson an neach a bhuannaicheas gach farpais.
9. A bharrachd air sin, gheibh aon neach ‘Duais John Dumbreck’ thar chàich (Tha seo a’ gabhail a-steach na h-iarrtasan bàrdachd agus sgeulachd ghoirid ach chan e artaigil.)
10. Bheirear seachad na duaisean aig Oilthigh Ghlaschu air Dihaoine 5 an Dùbhlachd 2014.
11. Ma dh’fhaoidte gun tèid iarrtasan fhoillseachadh ann an leabhran leis a’ Chomuinn; le bhith a’ cur iarrtas thugainn tha seo ag aontachadh le seo. Bidh ùghdarras nan iarrtasan air an aithneachadh gu soilleir.