Coffee and Craic | Àite blàth sa gheamhradh

Bho dh’fhosgail dorsan ‘Coffee and Craic’ an Glaschu10708685_959600287402579_765980110196973345_o san Dàmhair, tha fèill mhòr air a’ bhùth am-measg an dà chuid luchd na Gàidhlig agus luchd a’ chofaidh bho Bhaile Fhionnaidh gu Baile Eilidh. Tha fhios a’m; chunnaic mi sibh a’ clàradh a-steach innte air Facebook. Tha 25 lèirmheasan aca; tha sin nas mò na th’ againne!

‘S cinnteach gun cuala sibh mu dheidhinn na h-iomairt seo a bha air a maoineachadh, am pàirt, le Firstport agus bho mheasg an t-sluaigh. Bhathar an dùil àite a thogail ann an Glaschu do Ghàidhlig a bhitheadh a’ tabhann rudeigin nas buige na na ’dachaighean Gàidhlig àbhaisteach’ air a bheil sinn eòlach sa bhaile mhòr.

‘S i a’ Ghàidhlig cànan an luchd-oibre, a’ chànan bhlàth, mar an cofaidh a bhitheas iad a’ faotainn bho Dear Green Roast an Glaschu fhèin, air neo na cèicichean a thig à àmhainnean Amo Torta agus Aunt Jenny’s a tha, mar a chualas air bilean an t-sluaigh, blasta fhèin. Tha biadh ri fhaotainn cuideachd. Seall air sna dealbhan sultmhor seo! Tha Sarah, am manaidsear, cuideachd a’ togail na cànain, is thèid a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh am broinn na bùthaidh gu neo-fhoirmeil.

bradan

Dè tha dol?

Bidh clasaichean gan ruith aig ‘Coffee and Craic’ fad na seachdain don luchd-ionnsachaidh agus don fheadhainn eile a tha dèidheil air òrain agus cabadaich an cànan Edein.

Tha corra thachartas eile a’ dol innte, leithid Farpais-cheist agus cofaidh an-asgaidh ma tha t’ ainm ga nochdadh air a’ bhòrd air taobh a-muigh na bùthaidh. Agus chane eil beat air cofaidh an-asgaidh! (No a’ Ghàidhlig.)

 

Cupan Blàth aig Àm na Nollaige

Tha ‘Coffee and Craic’ an dùil a chumail fosgailte trè shaor-làthaichean na Nollaige. Tha iad an-dràsta a’ sireadh bheachdan an t-sluaigh a thaobh cuin a bu chòir dhaibh fhosgladh agus gu dè na tachartasan a bu mhath leibh fhaicinn na broinn fad a’ gheamhraidh fhuair mhosaich seo. Barrachd chlasaichean seinn, air neo drama furanach air Oidhche Challainn? Siuthad ’s gabh an cothrom. Chan eil àite nas fheàrr aig an àm seo dhen bhliadhna dhut na bùth cofaidh Cuaidhteach na Gàidhlig!

 

Liam Alastair Crouse

Share

2 thoughts on “Coffee and Craic | Àite blàth sa gheamhradh

  1. Pingback: Coffee and Craic CIC – the hearth of Glasgow’s Gaelic Marketplace | Scotland's Gaelic Marketplace

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach