Cogadh agus Ceòl am Bhiet-Nam

 

vnlarge

“‘S iongantach mar a thèid rud cho bòidheach ri ceòl còmhla ri rud cho oillteil ri cogadh.” – Turas gu Sear le Alasdair an t-seachdain seo.

‘S iongantach mar a thèid rud cho bòidheach ri ceòl còmhla ri rud cho oillteil ri cogadh. Nar n-inntinn tha òrain leithid ‘Long Way to Tipperary’ agus ‘Pack Up Your Troubles’ air an dlùth cheangal ris a’ Chogadh Mhòr agus tha an aon rud fìor mu chèol bho leithid Vera Lynn agus Glenn Millar agus an Dàrna Cogadh. Ach ’s ann ri linn cogadh Bhiet-nam a thàinig an dàimh eadar ceòl is cogadh gu ìre. Airson a’ chiad uair gheibhte rèidiothan is innealan teip so-ghiùlan is bha ceòl aig na saighdearan air an uchd-bhualaidh. Cha mhòr nach canadh tu gun robh soundtrack ann dhan chogadh.

‘S e ìomhaigh a chaidh a dhaingneachadh tro na fìlmichean a thàinig às a dhèidh mar ‘Apocalypse Now’ is ‘Full Metal Jacket’. Ach cha nochd iad seo ach aon taobh dhen sgeulachd, an taobh Aimeireaganach; is mar a tha fios againn tha dà thaobh aig gach sgeul. B’ ann air thuaiream a fhuair mi aiteal air an taobh eile nuair a thàinig criomag de cheòl Bhiet-namoch bho linn a’ chogaidh am bàrr air a’choimpiutair agam ’s mi a’ toirt sgrìob tro shaoghal mìorbhaileach Youtube. Ach, an soul is rock air a sheinn le còmhlain Bhiet-namach anns a’ chanan aca fhèin a leum bho mo speacaran; cha b’e sin idir an rud ris a bha mi an dùil. Chaidh m’ aire a thogail is chuir mi romham barrachd fhaighinn a mach mu cheòl na dùthcha.

Agus gu dearbh is math a b’ fhiach. Fhuair mi a-mach gu bheil dualchas ciùil làidir is farsaing aig Bhiet-nam agus gun robh ceòl a cheart cho cudromach do mhuinntir Bhiet-naim ri linn a’ chogaidh ’s a bha e do mhuinntir Aimeireagaidh. Tha tùsan beartas ciùil na dùthcha rin lorg am measg ceòl nan 60 diofar chinnidhean a thàmh taobh a-staigh crìochan na dùthcha mar a tha i an-diugh. Bha an ceòl seo air a sheinn ann an grunn diofar chanain is air a chluich air farsaingeachd de dh’ionnsramaidean nach fhaighear an dùthaich eile.Thar na linntean thàinig an ceòl dùthchasail seo bho bhuaidh bhon t-saoghal a-muigh, gun sònraichte bho na h-Innseachan is Sìona agus an uairsin bhon iar nuair thàinig an sgìre fo smachd nam Frangach mar phàirt de dh’Indochine Fhrangach. Mar thoradh air na diofar bhuaidhean seo bha Bhiet-nam na dhachaidh do dhualchas ciùil leasaichte is farsaing ro dheireadh an Dàrna Cogaidh. Ach an àite a bhith a’ cur aghaidh air linn de shìth bha còrr is 30 bliadhna a bharrachd de chogadh is aimhreit gu bhith air thoiseach air na Bhiet-namaich. Mus tigeadh an linn dorcha sa gu crìoch bhiodh suas ri 3 millean Bhiet-Namaich air am beatha a chall.

Bho seo a-mach bha sgeul ciùil is cogaidh gu bhith air an snìomh còmhla. Ach cha b’e snàth aon-fhillte a thigeadh às. Nuair a ghabh na Comannaich thairis air taobh tuatha na dùthcha thug ceòl a-mach dà rathad eadar-dhealaichte a bha calg-dìreach an aghaidh a chèile. Do na Comannaich b’ e inneal propaganda a bh’ ann an ceòl. Dhaibhsan cha b’ e ach rud cuilbheartach a bh’ ann an ceòl an iar. Bha na roghainnean gann do luchd-ciùil; gabh ris an t-siostam, leig seachad ceòl no falbh.

Bha an sgriobhadair ciùil Phạm Duy am measg an fheadhainn a roghnaich falbh. B’ e fear air leth torrach is tàlantach a bh’ ann a sgrìobh mu mhìle òran na bheatha ann an grunn diofar stoidhlean. Ged a rinn e strì son greis an aghaidh nam Frangach an cois a’ Bhiet-Minh mar neach-ciùil do na saighdearan, dh’fhàs e diombach mun cheannsalachd a bhathar a’ cur air luchd-ealain. Chaidh e gu deas far an do chuir e seachad bliadhnaichean cogadh nan Aimeireaganach, mar a chanadh muinntir na dùthcha ris. San tuath chaidh a chuid chiùil a thoirmeasg. Nuair a thuit Saigon fo smachd fheachdan a tuath bha aig Phạm Duy ri teicheadh aon uair eile, an turas sa do na Stàitean Aonaichte. Cha robh an neach-ciùil Trịnh Công Sơn cho fortanach. B’ e Bod Dylan na Bhiet-Naim a b’fhar-ainm dha air sgàth an grunna òrain a sgrìobh e a’ cur an aghaidh cogaidh leithid ‘Raointean Na Sìth’, ‘Laoidh Do Na Mairbh’ is ‘Cumha Na Màthar’. Ged a dh’fheuch riaghaltas a deas ri a chuingealachadh dh’fhàs cùisean na bu mhiosa dha fo na Comannaich. Ged a dh’fhalbh a theaghlach cha d’fhuair esan air teicheadh is chuir e seachad greis ann an campa saothrach far an deach e tro phrògram ‘ath-thrèanaidh’.

Air taobh eile na crìche dh’fhan buidheann de luchd-ciùil dìleas do riaghaltas a tuath. Fhad ’s a bha an neach-ciùil Phạm Tuyên na cheannard aig Prògraman rèidio Guth Bhiet-Nam a bhathar a’ cleachdadh mar inneal propaganda leis an riaghaltas sgrìobh e grunn òrain a’ tarraing air euchdan an airm no buadhan an riaghaltais is a’ phobaill. Chan urrainnear a bhith teagmhach mu bhrìgh nan òran aige le tiotalan mar ‘Dath na Brataich As Gradhaiche Leum’, ‘Shoillsich Am Partaidh Comannach Ar Sùilean Is Ar n-Anman’, no ”S E Am Partaidh Comannach A Thug Dhuinn An t-Earrach’. Tha e na shamhla air mar a bha an luchd-ciùil seo air am meas cho cudromach don riaghaltas gun deach an Duais Ho Chi Minh a bhuileachadh air mòran dhiubh; duais a tha am measg nan urram as àirde ’s a gheibhear san dùthaich.

A bharrachd air a bhith a’ sgaoileadh ceòl tron rèidio bhiodh luchd-ciùil a’ tadhal gu cunbhalach air an uchd-bhualaidh, far am biodh aca ri cliuch ann an suidheachaidhean èiginneach is cunnartach. Gu dearbh ’s e obair a bh’ann a bha a ceart cho cunnartach ri obair an t-saighdeir is cha bu bheag an àireamh dhiubh a chaill am beatha. Chuirte sloca boma a dh’fhàg na B52s gu feum mar amphi-tèataran is bhiodh consairtean fiù ’s gan cumail anns an lìonra de thunailean a chaidh a chladhadh leis a’ Bhiet-Cong. Air an druideadh ann an doilleireachd nan tunailean, b’ fheudar don luchd-amhairc iad fhèin a chumail sàmhach is neo-ghluasadach gus nach biodh am beagan adhair thana a bha mu thimcheall orra air a chaitheamh.

Ach ’s ann bhon deas a thàinig an ceòl as inntinniche agus is beag an t-iongnadh sin leis gun robh barrachd saorsa aig luchd-ciùil an seo. Lean iadsan orra a’ toirt a-steach buaidhean bhon taobh a-muigh. Nuair a nochd na saighdearan Aimeireaganach len cuid ceòl soul, ròc is psychadelic rinn òigridh Saigoin gàirdeachas ris a’ cheòl ùr bheothail seo. Cha b’fhada gus an robh luchd-ciùil Bhiet-namach ag atharrais air. Fhuair iad barrachd brosnachaidh bhon bheagan teachd-a-steach a chaidh aca air cosnadh le bhith a’ cluich do na saighdearan Aimeireaganach is iad air fòrladh sa bhaile. A-mach à seo ghin gnè ciùil a las cho soilleir ’s a bha i dìomhain. Nuair thuit Saigon b’fheudar do na daoine a bha an sàs ann teicheadh no dol fon choill is chaidh an ceòl a chruthaich iad à fianais buileach glan.

Ach gu fortanach chaidh cuid dheth a chlàradh air 45s no air teip. Ged a dh’fheuch na h-ùghdarrasan ùra cur às dha chaidh aig dòrlach de chruinnichean dìcheallach greim fhaighinn air, ’s e sgapte air feadh an t-saoghail an cois nam fògarrach a dh’fhàg Bhiet-Nam. ‘S ann taing dhaibhsan a tha mi fhèin; is sibh fhèin; a-nis comasach air èisteachd ris tro Youtube is eile. Nuair a dh’èisteas mi ris na h-òrain seo chì mi nam inntinn club dorcha ceòthach an cùl-shràid Saigon. Tha an t-àite air bhoil, is e a’ cur thairis le saighdearan Aimeireaganach gun fhios aca dè tha gu bhith air thoiseach orra, còmhla ri muinntir an àite a’ faighinn faochadh bho àmhghar a’ chogaidh. Tha faclan nan òran a ghearras tron adhar thiugh mu dheidhinn dealachaidh is call a’ cur an cèill an àmhghar. ‘S e an ceòl aighearach a tha ga fhuadachadh.

Nach e tha fìor gur ann à cruadal gu tric a thig an ealain as fheàrr.

  • AP

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach