Còig air Fhichead Bliadhna de Chràdh, Jock Dallas fhathast a’ dearrsadh…

iomain dd

Bonnach mòr le mallachd? A bheil eachdraidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich air an sgioba a chumail air ais agus an urrainn don mhanaidsear ùr, Iain MacLeòid, an togail a-mach às na lìogan sgìreil?

S ann air bhioran a tha mi airson an Earraich agus seusan ùr na h-iomain. Bidh mi fhèin a’ togail mo chamain airson bliadhna eile le Camanachd Leòdhais ach bidh m’ aire air an Eilean Sgitheanach cuideachd far am bi Camanachd an Eilein Sgitheanaich a’ cluich fo stiùir a’ mhanaidseir ùir, Iain “Spod” MacLeòid.

Tha mi a’ guidhe nach cuir mi a’ bhuidseachd air an duine uasal chòir seo ach tha mi làn chreids gun toir e buaidh mhath air sgioba a tha air crìonadh bho chionn ghoirid ach air a bheil meas mòr am measg nan Gàidheal. Tha an ceangal eadar an comann agus a’ Ghàidhlig gu math làidir agus tha cuid de na duilgheadasan a tha fa chomhair an-dràsta nan aon duilgheadasan aig a’ Ghàidhlig agus na h-eileanan air fad; eilthireachd, astar agus crìonadh-sluaigh.

Bha ìomhaigh romansach aig sgioba an Eilein riamh – “Lads in White at the Speed of Light” mar a sheinn Runrig, a’ toirt dhuinn dealbh air Port Rìgh ann an teas an t-Samhraidh, Beinn Tianabhaig taobh thall na locha, ceàrnag Shomhairle làn de ribeanan is luchd-tadhail, agus na gaisgich-iomain a’ strì air raon ann am meadhan a’ bhaile, Pàirc Rìgh Sheorais V.

Ach ma tha aon rud air Camanachd an Eilein a dhaingneachadh ann an aire an t-sluaigh ’s e an là dealrach, airgeadach a thog iad Cupa na Camanachd anns a’ Ghearasdan anns an Ògmhios 1990.

Bha an geama fhèin an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh iongantach gu leòr ach tha ùr-sgeul an latha sin air leudachadh thar nam bliadhnaichean: An Ecsodus Eileanach gu Inbhir Lòchaidh agus an cartùn ainmeil sa Phàipear Bheag “An cuir am fear mu dheireadh far an Eilein na solais às?”, an còig mìle a choinnich ris na seòid a’ tilleadh a Phort Rìgh aig leth-uair an dèidh uair madainn na Sàbaid (agus ’s e cùis mhòr a bha sin na làithean ud) agus gu dearbh, an sgeulachd ainmeil gun deach an Cupa a lorg ann am meadhan Sràid Wentworth an ath latha leis fhèin; a h-uile mac mathar den bheachd gun robh uallach aig cuideigin eile air a shon.

Ged a sguir mòran de na seòid gu math àithghearr as dèidh 1990, airson treis mhath, ged nach robh duaisean mòra air sgeilp preas nan cuach, bha gu leòr làithean dealrach eile ann. Dà iar-chuairt dheireannach ann an Cupa na h-Alba, seusan anns a’ Phrìomh Lìog agus iomadh geama ann an Cuairt Dheireannach Cupa a’ Bhaile Mhòir, co-fharpais a ghlèidh iad mu dheireadh thall ann an 2008.

Ghluais an sgioba gu pàirc ùr ann an 1998 air iomall Phort Rìgh. Nan rachadh tu gu Pàirc nan Laoch air Rathad an t-Srùthain gun eòlas a cheana, shaoileadh tu gun robh cùisean cho math ‘s a bha iad riamh an Eilean a’ Cheò. Chaidh a’ phàirc a chruthachadh às a’ mhonadh os cionn a’ bhaile, le lùchairt de thaigh-comainn air a chliathaich.

Tha a h-uile càil aig an Eilean air pàipear – sgeama òigridh thar càch agus goireasan gun choimeas san tìr – ach nuair a thig cùisean gu h-aon is dhà, ro thric bidh na Sgitheanaich aig sia no seachd. Dhealaich sgioba a’ Bhaile Mhòir taobh a-staigh dà bhliadhna, feadhainn a’ fàgail an Eilein airson obair, is feadhainn a’ fulang droch fhortan is leòn. A dh’aindeoin gach oidhirp, tha cùisean air fàs cho dona gun cluich a’ chiad sgioba anns an treas rang airson a’ chiad uair bho linn nan còn ann an 2014. Dè tha ga fhàgail ann an staid cho truagh?

A bheil 1990 air a bhith na bhacadh do adhartas a’ chomainn? Nach ann an dòigh, tha na Sgitheanaich coltach ris na Sasannaich a’ cuimhneachadh air 1966? Airson Bobby Moore, sgiobair dealasach, faic Cally MacIlleathain; airson Geoff Hurst, faic Willie Cowie; agus Alf Ramsey mar Ross Cowie– na mhanaidsear raidigeach a thug a-steach riaghailt “No Train No Play” a chuir spionnadh anns na gillean airson aon bhliadhna mhìorbhaileach. Amhail mar na Sasannaich gach ceithir bliadhna a-nis, a bheil iad air fulang le “Dùilean Àrdaichte” no “Raised Expectations”? No a bheil an duilgheadas nas bunaitiche na sin?

Gu pearsanta, bha mi fortanach gu leòr a chluich dhan Eilean agus rud beag coidseadh a dhèanamh. Cha do choinnich mi riamh ri sluagh cho càirdeil is cho coibhneil. Ach mar fhear a shaothraich fad ceithir bliadhna ann, ’s e briseadh cridhe mòr gur aithne dhomh fada cus ghillean òga a tha air an cùl a chur ris a’ gheama, feadhainn mus d’ ràinig iad aois ochd deug is iad làn de thàlant. Bidh feadhainn dhiabh a’ fàgail a’ gheam tro chaitheamh nàdarrach gu dearbh ach tha mi den bheachd gu bheil fada cus gan searbhadh leis a’ chuideam a tha a’ tighinn orra air sgàth cion cluicheadairean nas sìne.

Gu h-ìre ’s e rud math a th’ ann an cuideam do chluicheadair òg ach mura bheil seann laoch no dhà ri ghuaileann, nuair a bhios cùisean a’ fàs cugallach an aghaidh nan sgiobaidhean mòra, faodaidh e a dhol bhuaithe gu math sgiobalta. Thachair an dearbh rud an-uiridh ann an geama cupa an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh agus droineadh naoi gu neoni ga thoirt seachad. ‘S beag an t-iongnadh gum bi òigridh a’ call misneachd is a’ dol leis a’ bhall-coise airson beatha nas fhasa! Dubh-chearcall gun teagamh! Nuair a thuirt Ailean Hansen “Cha bhuannaich thu càil le cloinn” mu Mhan United, rinn e dearmad gun robh an leithid de Chantona, Irwin, agus Schmeichel air cùl Beckham is Giggs.

S e spòrs amataireach a th’ ann an iomain a tha a’ crochadh air beatha dhaoine. Tha an t-astar eadar an t-Eilean agus àiteachan eile agus iarrtasan obrach is teaghlaich a’ toirt buaidh nas motha air an Eilean na air sgiobaidhean o cheàrnaidhean eile. Dèan coimeas leis an eòlas agus tapachd inntinn aig triùir no ceathrar bhodaich a tha aig sgiobaidhean leithid Loch Abar is Ceann Loch Seile, a’ toirt faochadh dhan fheadhainn òga an-sin agus tha iad a-nis aig bàrr nuair a tha na Sgitheanaich san dìg. Tha cus fhir air sgur a chluich ro thràth, tha e sìmplidh.

Tha an sgioba còidsidh aig “Spod” MacLeòid na shamhla air seo. Bha tòrr dhiubh nan sàr-chluicheadairean ach tha iad air a bhith trang ag obair no a’ gabhail cùram airson an teaghlaichean fad bhliadhnaichean – fhathast a’ nochdadh ùidh san spòrs ach gun chothrom no gun tìde cluich no còidseadh aig an àrd ire. ’S math gu bheil iad a-nis a’ tilleadh gu dreuchd sa chomann. Bidh suas ri seachdnar eòlaichean an lùib ullachadh an sguad ach ’s e fear treun, stòlta a tha ann am MacLeòid agus bidh am facal mu dheireadh aigesan a-mhàin. Tha cothrom math aca san lìog agus ann an Cupa a’ Bhaile Mhòir am-bliadhna. Bheireadh cuach no dhà misneachd gun choimeas ris an sguad òg a bhios fo riaghailt “No Train No Play” aon uair eile.

A bharrachd air fastadh MhicLeòid, tha samhla eile ann de dh’ath-bheòthachadh, fear gu math sealbhach cuideachd. Bhuinnig Sgioba nam Ban aig Eilean Lìog a’ Chinn a Tuath an-uiridh – ‘s dòcha gum bi euchdan am mnathan a’ brosnachadh nam fear gu euchdan nas motha dìreach mar a thachair aig Blàr a’ Chumhaing is “na mnathan bu shuairce, bu mhodhaile a ghluasad” ag iompachadh nan croitearan ri sabaid!

S fhada bhon a bheachdaich mise gum bu chòir dhan Eilean a bhith riaraichte gun do ghlèidh iad an Cupa aon turas – tha iomadh sgioba ann nach do bhuannaich e riamh agus tha gu leòr eile nach do bhuannaich e bhon a bha Rìgh Seòras V fhèin beò. ‘S e latha air leth a bh’ ann ach cha dèan e feum dhan Eilean a bhith ga chur air adhart mar amas mus bi iad air ais aig an ìre sin. Ach ma nì Mgr MacLeòid is an sgioba aige an dìcheall, tha mi làn beachd gum bi iad air an t-slighe cheart a dh’aithghearr. Tha eachdraidh ag innse dhuinn, ann an spòrs agus ann am poileataigs, nuair a dhùisgeas na Sgitheanaich gur ann le smior agus le buaidh a bhios iad ag èirigh.

– Eòghan Stiùbhart

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach