Nuair a bhriseas an levee – 25

Bho chionn trì miosan, dh’fhuiling Eòghan trioblaidean le a chuid shlàinte-inntinn.  Seo an sgeulachd aigesan.
Còig air fhichead. 25. Sin an aireamh a bhios air m’ inntinn gu bràth.

Bho chionn dà mhios thàinig briseadh air mo chuid-shlàinte.  Airson a’ chiad uair nam bheatha, b’ fheudar dhomh ùine mhòr a thoirt far m’ obair.

Is e trom-inntinn a bha mi air fulang a bha air mo chur dheth.  Bha mi air a bhith ag obair ann an àrainneachd-obrach a bha air fàs gu math ainfhoiseil, caochlaideach agus cha robh mise a’ faireachdainn gun robh an taic ann a bha dhìth orm.

Is e obair dheuchainneach a tha anns an teagasg, ach tha iomadh duais na lùib a chuireas spionnadh agus neart ùr na do chridhe.  Ach nuair nach eil cùisean rèidh, ’s e obair dhuilich dhà-rìreabh a th’ ann.  Mar an saoghal fhèin, tha a’ mhòr-chuid de dhaoine laghach is ceart, ach cha toir e ach meanbh-chuid an gnothach air fad a mhilleadh.

Is e sin a thug orm a bhith tinn aig a’ cheann thall – gun robh mi a’ faireachdainn nach robh smachd agam air mo shaoghal-obrach agus mar sin cha robh an comas agam diofar a dhèanamh.

Aig an àm a thàinig am briseadh orm ge-tà, cha do thuig mi seo. Thug e miosan fada de chnuasachadh pearsanta, còmhraidhean domhainn le caraidean ’s teaghlach, agus comhairleachadh proifiseanta airson sin a thuigsinn. Mar a sheinn an duine gorm anns an òran a ghoid Led Zeppelin, “Ma leanas an t-uisge, brisear an levee, ’s nuair a bhriseas an levee, cha bhi àite-còmhnaidh ann.” Bha an t-uisge air leantainn fad dà mhios chanainn, ach cha do mhothaich mise dhan t-sileadh mus robh e ro anmoch.

Mar gun robh do chas air briseadh agus sa bhad bha thu a’ mothachadh ri cuideam do chuirp fhèin, nuair a bhriseas an inntinn, thig a h-uile diomb is eudòchas agus trom-laighe a-steach mar thuil, cha d’fhiach rud sam bith math a rinn thu riamh agus chan urrainn do neach beò sin a ghiùlan leotha fhèin.  ’S mathaid gur ann aig àm mar seo, chanadh cuid gur e na cho-fhurtachd gu bheil a’ Ghàidhlig nas fheàrr air staid-inntinn a mhineachadh na a’ Bheurla.  Is cuideam seach brùthadh a th’ ann gu dearbh.

Gidheadh, cha robh co-fhurtachd sam bith anns a’ Ghàidhlig no càil eile nuair a lorg mi mi-fhèin ann an àite gu math dorch aig deireadh an Fhaoillich. Cha b’ urrainn dhomh èirigh sa mhadainn, bha mi a’ faireachdainn gun robh mi feargach fad na h-ùine, ’s nach robh mi comasach m’ obair a b’ àbhaist a bhith cho tlachdmhor is toilichte a choileanadh. Mu dheireadh thall mhothaich mi nach robh seo ceart, agus chaidh mi dhan cheannard ùr aig an sgoil agam agus bhris mi sìos air a beulaibh. Cha b’ urrainn dhomh cumail orm. Chaidh mo chur dhachaigh.

Dh’inns mi dha mo phàrantan an oidhche sin (mar a thuigeadh tu bha mo mhàthair air a bhith a’ gabhail uallach mu mo dheidhinn fad mhiosan) agus an uair sin chaidh mi dhan dotair an ath mhadainn ’s rinn mi an Ceisteachan Slàinte Euslàintich cuide ris.  Tha an ceisteachan seo a’ cleachdadh naoi ceistean airson do shlàinte-inntinn a thomhas.  Tha trì pùingean an urra ri gach ceist, seachd air fhichead uile gu lèir.  Fhuair mise coig air fhichead.

Bha mo dhotair taiceil agus thug e dhomh cola-deug far m’ obair an toiseach. Uair as dèidh sin,  ghabh mi an ceum a chuir mi air an t-slìghe cheart. Dh’aidich mi dha mo charaidean as dlùithe gun robh mi tinn le teachdaireachd bhon fhòn agam.

’S ann an uairsin a mhothaich mi gun robh mi beannaichte le caraidean daingeann fad is farsaing, ged nach robh mi a’ faireachdainn idir airidh air an càirdeas no coibhneas. Cha tugadh e ach teachdaireachd laghach eile bho chuideigin a thoirt orm a bhith a’ gal leathach-slìghe eadar toileachas is nàire. Dè còir a bha agam a bhith a’ faireachdainn cho iomallach is aonaranach nuair a bha mi ann an saoghal làn ghaoil?

Ach ’s e sin a thug orm a bhith a’ fàs nas fheàrr – aideachadh. Cha robh càil eile ann ach innse na fìrinn is ag aideachadh gun robh mi tinn. Ag aideachadh nach b’ urrainn dhomh seo a dhèanamh leam fhèin, agus ag aideachadh nach robh rudan mar bu chòir dhaibh a bhith.

Gu sgiobalta thòisich mi a’ coimhead air an t-suidheachadh mar gun robh mi air mo chas a leòn – ’s e a’ cheist a bha orm an uairsin an e cas bhriste (leithid McCoist no Larsson, far am bithinn comasach tilleadh le làn neart ach le cuimhne goirt) no glùn sgrìoste (leithid Ailean MacLabhrainn no Iain Ceanadach, far nach biodh cùisean a chaoidh mar a bha iad.) a bha mi air fulang?

Ach cuideachd, ma bha mi air mo chas a bhriseadh cha b’ urrainn dhomh sin a sheachnadh, bhiodh e follaiseach. Rinn mi an co-dhùnadh a bhith fosgailte mu mo staid-inntinn. Cha robh mi a’ dol timcheall ag innse do dhaoine eadar an dà shùil gun robh mi tinn ach ma bha iad a’ faighneach orm cha robh feum sam bith ann a bhith a’ freagairt leis an aon duan fhaoin, “No Bad Yersel’?” a bhios air ar bilean ro thric.

Leis an fhìrinn ga h-innse, bha mi gam shaoradh fhèin, agus a-rèir coltais, a’ saoradh càich. Tro bhith a’ dèanamh seo, tha mi air sgeulachdan agus smuaintean togarrach, oillteil, brosnachail agus duilich a chluinntinn bho dhaoine – dlùth charaidean, seann charaidean, teaghlach, caraidean ùra – tha sgeul aig gach neach ri innse mu dheidhinn trom-inntinn, agus tha mi taingeil gun do dh’inns iad dhomh, amhail mar a tha mi taingeil dhaibh airson èisteachd rium.

Mar shluagh, feumaidh sinn còmhraidhean mòra a dhèanamh mu dheidhinn trom-inntinn – Is e cion-tuigse agus aineolais na nàmhaidean as motha dhuinn.  Còig air fhichead, sin far an robh mise.  Tha mi a’ tuigsinn a-nise dè thachras dhan fheadhinn a ruigeas seachd air fhichead, ’s carson a tha e cho furasta dhiabh an rathad ìosal a ghabhail ge b’ e cho dorch sa bhios e a’ coimhead fad às.

Tha e nàdarrach a bhith duilich, no brònach no gu dearbh muladach nuair a bhios rudan tamailteach a’ tachairt, tha mi air na rudan sin fhaireachdainn mar a tha daoine eile. Tha mi a’ tuigsinn a-nis nach eil trom-inntinn coltach ri bròn idir.  Dhèanainn samhlachadh air nas coltaiche ri cion-shonais.  Sia làithean mus tàinig am briseadh orm, sheas mi air beulaibh mo charaidean Croft No Five aig Celtic Connections agus nuair a bha a h-uile duine eile a’ dèanamh hò-rò-gheallaidh ris na gaisgich sin a’ tilleadh o Thir nan Òg, bha mi an làthair far an robh mi riamh, aig teis-mheadhan an dannsaidh ach a’ coimhead air a h-uile càil mar gun robh mi tiotan air falbh bhuam fhèin – mar neach-amharc seach neach-gnìomh. Cha b’ urrainn dhomh fìor thoileachas a thoirt às.

Mholainn do neach sam bith Born to Run, fèin-eachdraidh Bhruce Springsteen, a leughadh ma tha iad airson beagan tuigse air trom-inntinn fhaighinn. Thàinig briseadh air inntinn Springsteen tràth sna h-ochdadan nuair a bha e a’ dràibheadh tro Thexas agus mhothaich e gun robh e air fàs amharcach seach gnìomhach. Bha eachdraidh dhorch de throm-inntinn aig athair cuideachd agus tha am Boss ag aideachadh gur ann tro fhùil a thàinig an trom-inntinn air-san. Tha mi taingeil ann an dòigh gun tàinig mo throm-inntinn às an t-suidheachadh seach às mo bhith-eòlas ach tha co-fhaireachdainn agam ri neach sam bith a bhios fon Chlò Dhubh airson adhbhar sam bith. Ach ge b’ e dè as còireach, chan eil ach aon fhreagairt an toiseach, a bhith fosgailte.

Chan e laigse a th’ ann a bhith ag aideachadh nach eil thu a’ deiligeadh ri rudan. Chan eil càil nas cumhachdaiche na aideachadh gu bheil thu feumach air cuideachadh.  Ma tha thu fortanach, cleachd na cothroman a tha an lùib nan sochairean aig d’ obair – comhairleachadh proifeiseanta, sàbaid, forladh is an leithid – ach cleachd an fhìrinn agus cleachd do charaidean. Tha barrachd dhiabh ann na tha thu a’ smaoineachadh, ’s ann tro bhith ag aideachadh gu bheil thu lag a gheibh thu neart gun tomhas.

Tha mi a’ gluasad gu obair ùr ’s ged a tha mi air tilleadh dham sheann obair airson trèis agus tha e a’ còrdadh rium sin a dhèanamh, agus tha mi air cràthadh a thoirt air mo bheatha soisealta – tha mi air lùghdachadh a dhèanamh air an ùine a bhios mi a’ cosg air loidhne, cha bhi mi a’ gabhail ach glè bheag deoch-làidir ged a bhios mi a’ cèilidh air barrachd dhaoine, bidh mi a’ leughadh nas motha agus tha mi nas dualtaiche a bhith a’ cur fòn do dhaoine seach teacsadh.  Rudan sìmplidh ach rudan a bha a’ faireachdainn do-dhèanta o chionn trì miosan.

Dà mhios as dèidh dhomh an Ceisteachan Euslainteach a dhèanamh, rinn mi a-rithist e.  Fhuair mi sia. Rinn mi an-diugh e, fhuair mi ceithir.

A’ tilleadh dha na rockstars eile, tha Led Zeppelin a’ crìochnachadh a’ cheathramh chlàir aca le “When the Levee Breaks” ach ’s e a’ chiad òran “Black Dog”, seann shamhla airson trom-inntinn. Tha mi toilichte gu bheil mi air mothachadh nach eil ach cuilean beag dubh a’ bìdeadh mo shàilean a-nis, chan eil Cù Mòr Glas ga mo thathaich no Gall’ Uaine ga mo shàrachadh. Le toil Dhè agus cobhair mo chuideachd, tha mi an dòchas aon latha gum faigh mi cuidhteas air gu bràth, ach an dràsta tha mi dìreach toilichte a ràdh gu bheil mi a’ fàs nas fheàrr le gach latha a’ coiseachd tron t-saoghal seo a tha làn shonas.

Share

One thought on “Nuair a bhriseas an levee – 25

  1. Cho math rudeigin mar seo fhaicinn ann an cànain sam bith. ‘S e cùis eagalach a tha seo dhan coimhearsnachd againn ach tha e math faicinn gu bheil cuid againn cho treun agus gaisgeil seo. Sin thu fhèin.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach