Còig faclan Uibhisteach

Thairis air an deireadh-sheachdain, bha a’ chiad fhèill litreachais sa Ghàidhlig ga cumail ann an Uibhist a Deas, ‘Às an Tobar’. Bha Catrìona NicIlleDhuibh an làthair, a’ bruidhinn mu fhaclan san leabhar ùr aice, Forradh: Sly Cooking – taghadh bho fhaclan is abairtean a chruinnich Mgr Ailean ann an Uibhist agus Èirisgeidh.

Feasgar a’ chiad latha den Dùbhlachd, bha còmhradh againn mu chuid de na faclan – dè feadhainn bha fhathast ann an cuimhne nan daoine, dè ciall a bh’ aig feadhainn eile, dè chanamaid air an latha an-diugh.

Seo agad taghadh de chòig a nochd sa chòmhradh, as urrainn dhut cur ris a’ bhriathrachas agad. Gàidhlig ghlan Uibhist; cha mhiste tu sin.

1. Blìonas, cuideachd: plìonas – ainmear: gàire, air uaireannan ann an suidheachaidhean gòrach; eisimpleir: ‘…a’ toirt plìonas ort airson dealbh’ neo ‘plìonas mòr an amadain seo’.

2. Cabag – ainmear: cuideigin a bhitheas a’ sìor-bhruidhinn agus a’ cabadaich; eisimpleir: ‘och chan eil innte ach a’ chabag’.

3. Foileadh – ainmear gnìomh.: a bhith ag obair gu ro-chabhagach luideagach, foileach – buadhair; eisimpleir: ‘nì i a h-uile sìon, ach chan eil ann ach obair fhoileach’.

4. Smuig – ainmear: cuideigin bràgail a tha ga shaoilsinn fhèin; co-fhacal: cò-ach-e; eisimpleir: ‘’s e smuig a th’ ann, agus soillse an latha a’ dèarrsadh às a thon na bheachd-sa’.

5. Eislig – ainmear: cuideigin na shìneadh le coltas marbh orra; eisimpleir: ‘nuair a chluinneas e ‘ainm, fanaidh e na laighe san leabaidh mar eislig gun fheum’.

Nochdaidh cuid de na faclan an seo anns an leabhar ùr Forradh: Sly Cooking. Leugh barrachd mun fhèill litreachais ùr, ‘Às an Tobar’ air làrach-lìn Cheòlais.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach