Comann Chlann Hannaidh

Tha eachdraidh fhada, allail aig Clann Hannaidh. Tha Comann Chlann Hannaidh ag iomairt gus ceanglaichean eadar buill an teaghlaich a neartachadh is seann àras a’ chinnidh aig Sòrabaidh faisg air Baile na h-Ùige a ghleidheadh.

Suaicheantas Hannaidh

Chaidh Comann Chlann Hannaidh (a’ toirt a-steach na h-ainmean teaghlaich – Hanna/Hannah/Hannay/Hanney (ann am Beurla)) a stèidheachadh le Pat Hanna, dealbhaiche cartùn agus deasaiche ealain à Astràilia, agus John Hannay, Leas Àrd-bhàillidh Chelsea, Lunnainn. Às deidh don dithis èasgaidh sin coinneachadh air thuiteamas ann an Lunnainn, chaidh Comann Chlann Hannaidh a stèidheachadh air 28 Ògmhios 1961 aig Sòrabaidh, le dòchas gun deigheadh seilbh fhaighinn aon latha air dachaigh shinnsireil an teaghlaich. Thàinig sin gu buil an ceann beagan ùine agus tha Tùr Shòrabaidh air a bhith ann an cùram Chlann Hannaidh bho 1965, agus tha pàirt-seilbh aig gach ball ann gus dèanamh cinnteach nach fhaigh aon neach fa-leth sealbh air gu bràth.

Tùr Shòrabaidh

800px-Sorbie_Tower

Bho 1965, mar thoradh air fialaidheachd a’ Bh-ph Sìne Chuimeanach (Cummings), tha Tùr Shòrabaidh agus a chuid fearann air a bhith ann an seilbh Comann Chlann Hannaidh. Chaidh an Tùr mar a tha e an-dràsta a thogail timcheall air 1550 agus tha e suidhichte sia mìle gu deas air Baile na h-Ùige. Bhathas a’ fuireach ann suas gu 1748 agus chaidh a chur ann an suarachas bhon uairsin gus an tàinig e gu bhith fo chùram Comann Chlann Hannaidh. Chaidh cuid de dh’obair càraidh is glèidhidh air adhart mean air mhean, mar a cheadaicheadh maoineachadh, bho 1974, agus thàinig an ìre mu dheireadh gu crìoch ann an 2007. Chùm buill Cinnidh an Tùir agus a chuid fearann ann an òrdagh gu saor-thoileach. Chuir Clann Hannaidh taic ri sgrùdadh àrsaidheachd a rinnear den ‘doir-choille’ agus àite-còmhnaidh bhon 12mh linn le Oilthigh Shrath Chluaidh agus tha aithisg aca le co-dhùnaidhean a tha a’ sealltainn ìre obair-talmhaidh is claisean, a chithear fhathast anns na coilltean. Ann an 2013 chaidh Tùr Shòrabaidh a thoirt a-steach do Chlàr-aisig Alba Aosmhor agus chaidh molaidhean a thaisbeanadh airson ‘mullach’ a chur air an Tùr.

Breacan Hannaidh

Chaidh am breacan brèagha teaghlaich seo a chlàradh gu h-oifigeil le Ceann nan Sìth-mhaor ann an 1984. Tha an gorm a’ riochdachadh plannt a’ Chinnidh – Vinca Major (Gnàmhan) a bhiodh an Luchd-cinnidh a’ cur nan adan gus an t-eadar-dhealachadh eadar caraid agus nàmhaid aithneachadh anns a’ bhlàr.

Breacan Hannaidh

Airson barrachd fìosrachaidh mun iomairt aig Comann Chlann Hannaidh tadhail air an làrach-lìn aca.

Comann www.clanhannay.com

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach