Comhairle Ar Co-Ghàidheal

Sa gheàrr-chunntas seo air “cumas dátheangach” sa bhun-sgoil, ’s ann a tha ar caraid, Niall Gòrdan, a’ toirt sùil air obair rannsachaidh an Èirinn agus air foghlam na Gàidhlig acasan, feuch an gabh rudan ionnsachadh a-bhos an Alba.

© Eric James Sarmiento
© Eric James Sarmiento

Cha b’ ann an-diugh no an-dè a thòisich Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann a’ conaltradh ri chèile: agus tha mise mar aon glè thoilichte gu bheilear fhathast ris an deagh obair seo, eadar ’s gum bi sinn ag ionnsachadh cànan a chèile air neo a’ lorg ceangal a’ chìuil eadarainn.

Bu toil leam an ceartair sùil glè aithghearr a thoirt air obair rannsachaidh a chaidh a chrìochnachadh is a chur an clò o chionn glè ghoirid: agus, le ur cead, a luchd-leughaidh uasail, cuiridh mi beagan de Ghàidhlig na h-Èireann an lùib na sgrìobhas mi.

An toiseach – neo “i dtús báire” – feumaidh mi innse dhuibh gu bheil fear dhen cheathrar a chuir an obair rannsachaidh ri chèile an ceartair na chòmhnaidh san Eilean Sgitheanach—duine còir gasta air a bheil sinn gu math eòlach. Cha chan mi cò dhiubh a th’ ann – fòghnaidh na dh’fhòghnas de bhiadh na h-inntinne!

Iniúchadh-ar-an-gCumasIniúchadh ar an gCumas Dátheangach” as tiotail don leabhar thomadach a tha fo m’ aire an-dràsta, neo “Sgrùdadh air a’ Chomas Dhà-chànanach”. ’S ann mu dheidhinn suidheachadh na Gaeilge an taca ri cleachdadh na Beurla ann am bun-sgoiltean a tha e, agus tha an “taighde” (rannsachadh) air cìreanan dhaoine a thogail mu-thràth! Saoil an e deagh rud a tha seo?

’S iomadh beachd a th’ air tighinn am bàrr mun chùis – nis, chan eil e nam chomas sa chunntas aithghearr seo sùil a thoirt air a h-uile taobh den sgeul, ach ’s dòcha gun cuir mi ris an deasbad nam dhòigh fhín… agus gabhaidh mi cothrom air a’ chothrom rud beag de Ghaeilge a shealltainn dhuibh cuideachd!

Mar a chì sibh on chòmhdach, ’s ann ri cùisean pàistean nam bun-sgoiltean a bhuineas an leabhar. Tha 10 caibidealan ann, còrr is 300 duilleag agus grunn phìosan beaga an lùib sin. Seo na thagh mi air thuaiream:

(Còmhdach-cùl):- Is éard atá sa saothar seo, iniúchadh domhain, ilghnéitheach ar chumas Gaeilge agus Béarla daltaí óga Gaeltachta (7 – 12 bliain d’aois) a bhfuil Gaeilge amháin á labhairt leo sa bhaile.

Neo…

’S e a tha san obair seo ach sgrùdadh domhainn, iom-fhillte air comas sgoilearan òga sa Ghàidhealtachd (7 – 12 bliadhna dh’aois) nach labhair ach Gàidhlig aig an taigh.

Agus…

Léirítear míbhuntáiste sa Ghaeilge i gcumas dátheangach na ndaltaí (.i. sáraíonn a gcumas sa Bhéarla a gcumas sa Ghaeilge go suntasach)…

Neo…

Comharraichear mì-bhuannachd sa Ghàidhlig ann an comas dà-chànanach nan sgoilearan (ann am faclan eile, bheir an comas sa Bheurla sàr air an comas sa Ghàidhlig gu mòr)…

Agus dè na molaidhean a th’ aig ùghdar an leabhair a thaobh seo a chur am feabhas? Uill, tha grunn dhiubh ann a bhuineas ri pàrantan is luchd-teagaisg is eile, leithid na leanas…

Chan fhaighear cànan ach tro dhaoine eile.

Mar sin, nach eil seo a’ cur an cèill nach eil foghlam fhèin a’ dol fada gu leòr? Rud a shaoil mi fhìn o chianaibh, ’s e gum feum barrachd air foghlam a bhith ann – mar eisimpleir, suidheachadh sòisealta. Cuiridh an leabhar an cèill gum feum an dà rud seo a bhith air chois an lùib a chèile, ge-tà.

Mar a bhiodh dùil againn sa leithid seo de leabhar tha tòrr àireamhan is cairtean a dhèiligeas ri cùisean acadaimigeach – fàgamaid seo aig na h-eòlaichean! Aon rud eile a thog m’ aire ‘s mi a’ beachdachadh gu luath air na tha san leabhar, ’s e gu bheil còmhraidhean, no agallamhan, ri luchd-sgoile ann – seallaidh seo iomadh rud intinneach mu chomasan sgoilearan, agus a bharrachd air sin saoilidh mi gur d’ fhiach an leughadh ri linn ‘s gu bheil iad fhèin dà-chànanach.

Aig deireadh an leabhair, tha liosta de leabhraichean eile às an deach fiosrachadh a tharraing agus a leithid. Gach dìleas gu deireadh, ge-tà, feumaidh mi ràdh gum bi mi a’ leughadh na h-obrach-sa gu ruige an t-àm seo an ath-bhliadhna! Tha na h-ùghdaran rim moladh: agus fàgaidh mi am facal mu dheireadh aca fhèin…

Bonn do chlár oibre úr atá i moltaí an tsaothair seo – do thuismitheoirí, do mhúinteoirí, do ghníomhairí pobail agus do lucht polasaí.

Neo…

Cuiridh na molaidhean san obair seo clàr-obrach ùr an cèill – do phàrantan, do thidsearan, do ghnìomhaichean coimhearsnachd agus do luchd-dèanamh phoileasaidhean.

Agus mar a chanas ar co-Ghàidheil thall:

Sláinín go fóillín / Tìoraidh an-dràsta!

– Niall Gòrdan

Chaidh an dealbh gu h-àrd a chleachdadh le cead Creative Commons

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach