Comhairle nan Leabhraichean @50

Ann an 2018, bidh Comhairle nan Leabhraichean, am prìomh bhuidheann airson litreachas Gàidhlig na h-Alba, a’ comharrachadh 50 bliadhna on a chaidh a stèidheachadh ann an Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. 

Chaidh a’ chiad choinneamh dhen Chomann Leabhraichean (mar a bh’ air a’ bhuidheann aig an àm) a chumail air 20 Dùbhlachd 1968, fo stiùir an Àrd-Ollamh Ruairidh MhicThòmais.

B’ ann aig an Oilthigh a bha Comhairle nan Leabhraichean stèidhichte gu 1996, nuair a ghluais i gu Sràid Achadh a’ Mhansa ann am Partaig, far a bheil bùth-leabhraichean, oifis agus stòr ann fhathast. Thairis air na bliadhnaichean, tha Comhairle nan Leabhraichean air taic a chumail ri iomadh sgrìobhadair agus foillsichear gus an àireamh de leabhraichean Gàidhlig ann an clò àrdachadh.

Mar chomharra air 50 bliadhna de thaic agus leasachadh airson litreachas na Gàidhlig, bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ taisbeanadh suaicheantas sònraichte tro 2018. Bha an suaicheantas air a dhealbhachadh le Anna Deplano aig Graficanna, agus thèid a chleachdadh air stuthan margaideachd is eile tron bhliadhna.

A bharrachd air na tachartasan Gàidhlig a bhios air prògraman fèisean litreachail nàiseanta is ionadail, leithid Aye Write, Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann agus Imprint, bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ cur prògram sònraichte air dòigh de thachartasan thairis air 2018. Thèid tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn a’ phrògraim seo fhoillseachadh tron bhliadhna.

Thuirt Rosemary Ward, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean:

“Tha sinn air leth moiteil gu bheil Comhairle nan Leabhraichean air a bhith ann am bith airson 50 bliadhna. Tha e cudromach luaidh a dhèanamh air Ruairidh MacThòmais, a bha os cionn stèidheachadh a’ bhuidhinn san Oilthigh ann an 1968, agus air an iomadh ball a chùm taic ri Comhairle nan Leabhraichean thairis air na bliadhnaichean is i a’ fàs gu bhith na buidheann soirbheachail. Chan eil teagamh nach bi bliadhna thrang romhainn, ach tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ comharrachadh a’ chinn-latha shònraichte seo.”

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach