Comhartaich nan Con air an Sgùrr | Brexit Chruaidh Theresa

By Jwslubbock (Own work) [CC BY-SA 4.0 (http://creativecommons.org/licenses/by-sa/4.0)], via Wikimedia Commons

Uill, fàilte dhan àm ri teachd aig a’ Chaillich Mhàighich – Tha Bodach na Droch Shìde air leabaidh a’ bhàis agus tha na coin a’ tighinn. Eòghan ri rabhd an-diugh.

Air a’ chlàr iongantach aca, “This Is The Sea”, sheinn na Waterboys an t-òran “Old England”. Chaidh a sgrìobhadh nuair a bha cleasachd Magaidh aig bàrr ach tha e a’ fàs gach bliadhna nas coltaiche ri fàistneachd, mar dhà shealladh air an trom-laighe beò sa bheil sinn nar dùisg an-dràsta.

Bha an duan seo a-mach air Sasann (agus airson sin, leugh Breatann) a bha a’ crìonadh, is a bàsachadh, ga shamhlachadh mar bhodach, a’ coimhead suas ris na speuran agus a shùilean a’ fàs meirgeach leis an tais, a’ samhlachadh crìonadh nan gnìomhachasan mòra anns na h-ochdadan – gual, stàilinn, na gàrraidhean-longa . Tha an t-òran a’ cur thairis le ìomhaighean tiamhaidh a bheir iomradh air ar càs san latha an-diugh.

Tha am bodach na mheirleach ann an seann deise ghorm, a’ goid bhuainn is ag innse bhreugan dhuinn. Bodach a tha fhathast air tòir a’ ghlòir a bha aige nuair a bha e òg, nuair a bha na càirtean-iùil gan dathadh bàn-dhearg le fùil nan Gàidheal is nan Tùsanach. Bha e fìor nuair a chaidh Blair, am Blàrach, a-steach gu Babalon a’ seinn duan na h-Ìmpireachd, agus tha e fìor nuair a chì sinn na billeannan gan cosg air Trident agus bombaichean a’ sprèidheadh san fhàsach far an robh Ìosa na latha.

Tha Mike Scott ag aithris na rudan a tha a’ toirt air a bhith ag osnaich, a bhios a’ cur gaoir troimhe, agus chan eil cus air atharrachadh ann an deich bliadhna air fhichead.

“Where criminals are televised, politicians fraternized
Journalists are dignified and everyone is civilised”

Savile agus Thatcher, Ecclestone agus Blair, Morgan agus Brown, Brooks agus Camshron, Farage agus May. Aig Glastonbury o chionn trithead bliadhna, chuir Scott loidhne eile ann “Where Kinnock fumbles and Thatcher lies.” Kinnock, Miliband, Corbyn – Thatcher, Cameron, May. Plus ça change.

Na Làbaraich a-mach air Eadar-naiseantachd agus Co-chaidreachas an Luchd-obrach aig an aon àm ’s a tha iad ag ràdh nach eil na Tòraidhean làidir gu leòr air in-imrich agus fògarraich. Gonadh orra. Gonadh air Dugdale is a leithid a tha searbh gun deach long na sùgh-feòla acasan ris na creagan mus d’ fhuair iad cus cothrom a dhol air bòrd. Dè eile a bhiodh gam fàgail cho dubh an-aghaidh co-obrachadh leis SNP ach an seann bhreug gur e nàiseantachd an rud as miosa san t-saoghal?

Tha nàiseantachd mhath ann agus tha nàiseantachd dhona ann. Tha mise a’ creidsinn ann an nàiseantachd stèidhichte air dùthchannan beaga ag obair còmhla; tha nàiseantachd Bhreatannach ann am fìrinn seagh na h-ìmpireachd – a’ feuchainn ri iomadachd is eadar-dhealachadh a mhùchadh agus ar cur uile fo chois Lunnainn.

Chan eil mòran mu dheidhinn na Rìoghachd Aonaichte  a bheireadh sunnd air cogais cuideigin. Fuirich, cuir às dha sin. Chan eil mòran mu dheidhinn na Rìoghachd Aonaichte nach toir air cuideigin a bhith ri diobhairt. Is e stàit fhaoin, fhèineil, dhrabasta, choirbte a th’ innte, agus ann an àite Bodach, tha Cailleach na Droch Shìde againn, a’ sgaradh is a’ slàireagadh is a’ smàladh gach dòchas is rud a bha riamh math sam bith mun tional seo de dhùthchannan. Tha am bruadar marbh. Tha an trom-laighe beò. “Is fheàirrde riaghladh ann an Iutharna.” Bhiodh an Sàtan agus a’ bhean May ag aontachadh air ro-innleachdan riaghlaidh a rèir coltais.

Bidh cuimhne agaibh air sanas Better Together, am Patronising BT Lady. “Dùin do chab agus ith do ghràn”. Chan e gràn a tha againn o Lunnainn a-nis, ach gràin. Gràin air a’ choigreach, gràin air a’ chiorramach, gràin air an neach gun obair, gràin air an Albannach a chreideas ann an àm ri teachd diofraichte.

Nach neonach gur e dileab a’ Chamshronaich a thrèig sinn san staing seo na shamhla ri sluagh-ghairm a’ chinnidh. “Thigibh an-seo a chlanna nan con agus gheibh sibh feòil”?

Tha coin a’ Bhrexit a’ teannadh dlùth agus tha an còmhartaich ri chluinntinn air an sgùrr. Children Stare With Heroin Eyes

Tha binn-ghuth ealaidh ri chluinntinn. Tha clagannan deireannach na Sàbaid air seirm. Old England is Dying.

Is e a’ cheist, am faigh Alba bàs còmhla ris air neo an dèan i èirigh?

 

  • Eòghan @eoghanuig
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach