Còmhla – Co-labhairt Do Luchd Ionnsachaidh Na Gàidhlig

comhla-flyer

Còmhla – Co-labhairt Do Luchd Ionnsachaidh Na Gàidhlig

Bha uair ann a bha Gàidhlig beò air bilean iasgairean is chroitearan, a-muigh aig muir, air a’ mhachair no a’ mhòintich. Ron a seo ’s cinnteach gun robh i beò air bilean àrmainn is bhàird.San latha an-diugh ’s e cànan a tha beò gu tric air bilean bhiurocratan is thìdsearan ann an saoghal làn fhille-chlàran (flip charts) is preasantaigeadhan power point. Far am biodh mile facail ann airson na h-aimsir no a’ chrutha-tìre ’s ann a tha mìle facal san t-saoghal ùr seo airson shiostaman maoineachaidh no bhuidhnean riaghaltais; gu tric ann an cruth acranaim.

‘S e saoghal anns nach eil mi fhèin ro chofhurtail is a bhios mi a’ seachnadh sa bhitheantas. Ach ’s e seo an saoghal anns an do lorg mi mi fhèin nuair a chaidh mi gu co-labhairt air teagasg na Gàidhlig do dh’inbhich fon ainm Còmhla, ann an talla a’ Cheilbhinn air 12mh dhen mhìos. Shaoil leam gum b’ fhiach gabhail ris airson latha gus beagan eòlais a chur air na daoine a tha an sàs an dà chuid ann a bhith a’ teagasg is ag ionnsachadh a’ chànain; cò na h-amasan a bhiodh aca is cò na dòighean obrach a bhiodh aca.

Chaidh an latha a chumail anns an earrainn ùr lèomach dhen talla anns am faighear oifis leabhar-lann na h-Alba is tasg-lann na h-ìomhaigh ghluasadaich. B’ e dìreach an latha roimhe a dh’fhosgaileadh an t-ionad gu h-oifigeil le Nicola Sturgeon. Seo far an do thàmh sinn na sheòmraichean coinneimh is na thalla-òraid ann an saoghal beag na Gàidhlig leinn fhèin aison corra uair a thìde gun bhuaireadh bho ghràisg na Beurla a bhiodh a’ riasladh tro shràidean a’ bhaile air an taobh a-muigh.

Fhuair sinn fàilteachadh bho Tony Kearney a bha togarrach is misneachail a chuir deagh thoiseach-tòiseachaidh air a’ ghnothach.

Fhuair sinn fios mun phròiseact ‘Go Gaelic’ do chloinn sgoile (a b’urrainn a bhith feumail do luchd teagaisg nan inbhich) -http://go-gaelic.scot/about-gogaelic/, teisteanasan bho dhaoine a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig, stiùireadh mu dhòighean ionnsachaidh, cleachdadh dàma an lùib teagaisg agus amasan Bòrd Na Gàidhlig airson teagasg nan inbhich. Agus fhuair am Bòrd iad fhèin cothrom èisteachd ri iarrtansan is feumalachdan na luchd ionnsachaidh. Agus nam bharail-sa b’ e sin a’ phàirt a b’fheumaile dhen latha le grunn diofar bheachdan is eòlais a’ tighinn am bàrr. A tharraing air dìreach aon eisimpleir thug tè às Alba Nuadh iomradh air sgeama a th’aca taobh thall a’ Chuain-Shiar a bheir còmhla seann luchd-labhairt na Gàidhlig is daoine òga aig a bheil am miann Gàidhlig ionnsachadh; rud a b’urrainn obrachadh gu math an taobhsa dhen chuan

Bu sinn a bha àraidh air na tamallan cofaidh is bìdh a cheadaicheadh dhuinn eadar na seiseanan. Thug sin cothrom dhuinn eòlas a chur air càch a chèile agus gun teagamh b’ e sin a’ phàirt a bu thlachdmhoire dhen latha. Chuir mi facal air daoine a thàinig a-steach gu saoghal na Gàidhlig air caochladh adhbharan; air sgàth gun robh an cuid cloinn a’ dol tro fhoghlam Gàidhlig, an ùidh bh’aca ann an eachdraidh no ceòl, no ann an eòlas-cànain , am buinteanas a bh’aca ris a’ chànan tron teaghlach, no dìreach air sgàth gun robh iad a’ sireadh cur-seachad. A dh’aindeoin nan diofaran bha aon rud aca uile an cumantas, agus b’e sin gun robh iad uile nan daoine inntinneach is laghach is bha mi tuilleadh is toilichte ùine a chur seachad nan cuideachd.

Aig deireadh gnothaich bha mi a’ faireachdainn mar gun deach ionnsaigh a thoirt orm le faclan is fìos; gun luaidh air na power points. Chan eil fhìos agam cò ris a bha mi an dùil. Gu dearbh cha b’e mìneachadh simplidh a fhuair mi ’s e air a thoirt thugam am broinn bogsa le ribean grinn air, peilear airgid a rèiticheadh a h-ùile duilgheadas a th’ann do luchd-ionnsachaidh is thidsearan. Na àite fhuair mi sealladh air saoghal ioma-fhillte far am bi grunn diofar gnèithean dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig air grunn diofar ahdbharan tro iomadh siostam teagaisg a tha air a lìbhrigeadh le farsaingeachd de bhuidhnean is luchd-teagaisg. B’ urrainn dha sin a bhith an dà chuid na dhùblan is na bhuannachd. ‘S math gu bheil rudeigin ann a fhreagras air feumalachdan a h-uile duine. Ach aig an aon àm nach e a bhiodh duilich do chuideigin a tha air ùr thighinn a-steach dhan t-saoghal mhìorbhaileach seo bun no bàrr a dhèanamh dheth? A dh’aindeoin na farsaingeachd sa a bha am follais bha mi mothachail do bheàrn tron latha agus is e sin an rud, ge bith dè bhios ann, a bheir luchd ionnsachaidh aig àrd ìre tron mhullach ghlainne gu ìre fileantais. Agus mas e amas ionnsachadh nan inbhich luchd-labhairt ùr a chruthachadh ’s e sin am beàrn as motha a dh’fheumar lìonadh.

Agus fhuair mi mo pheann an-asgaidh is am bogsa plastaig làn suiteis le steigear ‘I Love Gaelic‘ air. ‘S dòch’ nan ithinn gu leòr dhiubh gun lìonadh mo cheann le Gàidhlig, cleas nan suiteisean draoidheil aig Willy Wonka.  Ach feumaidh mi aideachadh gun do dh’fhàg mi am poca canabhais purpaidh a thugadh dhomh air mo chùl. Cha tigeadh e ri mo stoidhle-fhasain. Is a-mach air an doras gun ghabh mi, is mi a’ priobadh mo shùilean ann an solas an latha. A-mach gu saoghal an taobh a-muigh far am b’ fheudar dhomh gabhail ris às ùr nach b’ e a h-uile mac màthair aig a bheil gaol don Ghàidhlig no am miann ga h-ionnsachadh.

– Alistair Paul

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach