Conasgach | Bàrdachd

conasg

Do chloinn Mhanchester

le Eòghan

“Gràdhaichibh a chèile. Cha d’fhiach rud eile san t-saoghal seo ach gràdh” – Victor Hugo

tha an saoghal a’ spreadhadh an-diugh
cho biorach ’s cho buidhe
ris a’ chonasg air a’ chreig
àilleachd is àileadh a’ chnò-chòco
an lùib nan gathannan ’s a’ ghuidheachain
tha crùn conaisg air ar cruinne cheusta
le bàs is beatha is bòidhchead fo bhlàth innte.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach