Cor na Gàidhlig an Eaglais na h-Alba

Fhuair mi cothrom ‘Na Duilleagan Gàidhlig’ airson na mìos seo a leughadh san eaglais DiDòmhnaich nuair a shìn Gàidheal thugam i. Bha mi air mo dhòigh glan, oir chan fhaca mi i o chionn àm an fhoghair dar a bha mi a’ frithealadh Eaglais nam Manach Liath, far am bi i ann gach Dòmhnach dhan choitheanal Ghàidhlig.

Co-dhiù, bha deasaichear nan ‘Duilleagan’, an t-Oll. Ruairidh MacLeòid, a-mach air àite na Gàidhlig an Eaglais na h-Alba, a’ leantail air co-labhairt a thachair sa Mhàrt an Glaschu. Tha Modaratair ùr na h-Eaglaise, an t-Oll. Aonghas Moireasdan, a’ cur roimhe Gàidhlig a neartachadh san Eaglais, agus tha thìde aig a leithid.

Tha trioblaidean air a bhith ag èirigh thar na dùthcha dha coitheanalan Gàidhlig agus dìth mhinistearan aig a bheil a’ Ghàidhlig ag adhbharachadh gur ann ainneamh a gheibhear seirbheis Ghàidhlig fiù ’s anns na h-Eileanan Siar. ’S ann mar sin a bha e dhuinn an Dùn Èideann dar a chuir sinn romhainn uallach nan seirbhisean a ghabhail os làimhe sinn fhìn. Agus ’s e an dearbh rud a dh’fhiosraich mi fhìn dar a thàinig mi a dh’Uibhist a Deas a’ mhìos seo chaidh. (Tha fhios a’m gur e àite air leth Caitligeach a th’ ann an Tìr a’ Mhurain, ach tha coitheanal Pròstanach ann fhathast).

Chan eil fiù ’s ministear làn-ùine ann (coltach ri tòrr dhe na h-eileanan an-dràsta), gun luaidh air ministear aig a bheil cànan an t-sluaigh! Chuala mi cuideachd, gum bi cuid dhe na ministearan/sagartan, aig a bheil a’ Ghàidhlig, a’ diùltadh searmonachadh innte sna h-eileanan. Mar sin, ’s e a’ Bheurla a gheibhear air a searmonachadh bhon chrannag, ach a’ Ghàidhlig aig a’ choitheanal às dèidh na seirbhise am measg a chèile. Rud neònach dhomh-sa.

Dè a ghabhas dèanamh? Uil, rinn an t-Oll. MacLeòid iomradh air ministear ùr coitheanal an t-Srath agus Shlèibhte, an t-Urr. Ruairidh MacLeòid (eile), a tha air a chur roimhe a bhith comasach air searmon Gàidhlig a libhreagadh an ceann trì bliadhna. Agus mo bheannachd air.

Ach, ’s e ministear na h-Eaglaise a tha sin, aig a bheil dàimh ris a’ Ghàidhlig, a’ gabhail uallach na Gàidhlig os làimh e fhèin. Cò mheud a leanas eisimpleir Ruairidh?

Nar coitheanal, coitheanal Eaglais na h-Alba an Uibhist a Deas, tha sinn ro bheag airson sgaradh nar dà leth, agus cha dèanadh e cus maith. Ach, far nach eil ach seirbheis Bheurla an-dràsta, gabhaidh àite na Gàidhlig a neartachadh taobh a-staigh nan seirbheisean fhathast, ar leam. Saoilidh mi gur e an dòigh as fhasa Gàidhlig a chur air ais ann tro mheadhan nan salm Gàidhlig. Fiù ’s dhan fheadhainn aig nach eil a’ Ghàidhlig, tha ùidh aca ann a bhith gan cluinntinn; ’s mur eil na faclan aca, dh’fhaoidte gun seinn iad na fuinn aon uair ’s gu bheil iad aca. ’S e dòigh eile, cuideachd, Gàidhlig a nochdadh dhan fheadhainn sa choimhearsnachd a tha ag ionnsachadh na cànain, no a tha taiceil dhith. Ma thig brùthadh bhon Mhodaratair agus brùthadh bho na coimhearsnachdan fhèin, bidh teans nas fhèarr againn.

Mar sin dheth, tha mi air a bhith a’ dol mun cuairt a’ choitheanail ’s a’ faighneachd dhe dhaoine an cuid bheachdan air a’ ghnothach, ’s tha daoine gu math deònach seo fheuchainn. Cò aig a bheil fios, às dèidh leth-chuid dhen t-seinn sa Ghàidhlig, carson nach gabhadh leth-chuid den leughadh a dhèanamh sa Ghàidhlig làitheigin?

‘Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail’, (Peadar 1 2:5).

– Liam Alastair Crouse

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach