Costiera Amalfitana – Ceann a Deas na h-Eadailt

Dealbh le Paolo Costa Baldi. Cead-cleachdaidh: GFDL/CC-BY-SA 3.0

Dealbh le Paolo Costa Baldi. Cead-cleachdaidh: GFDL/CC-BY-SA 3.0

Dè a gheibhear dar a chuireas tu rèiligean Dhùn Èideann agus rèiligean Amalfi ri chèile? Aon Naomh Anndra iomlan, tha coltach! Tha Liam a’ toirt beachd air Costa Amalfi far an robh e bho chionn seachdain.

Tha costa Amalfi, sgìre UNESCO a tha suidhichte eadar Napoli na bheinn-teine agus Salerno gu deas, iomraiteach thar an t-saoghail airson slèibhtean creagach àrda, geodhan làn uisge fìor-ghuirm, agus bailtean air an togail air oir stallachan. Tha a’ cheàrnaidh seo den t-saoghal beairteach na h-eachdraidh ’s na dualchas agus mar thorradh air sin, an àireamh de luchd-turais a bhios a’ tadhal air an àite àlainn seo gach bliadhna.

Chaidh mi fhìn a thadhal air an sgìre air banais theaghlaich a thachair ann an Villa Cimbrone, taigh mòr a thogadh san aonamh linn deug ann an caochladh stoidhlean ailtearachd, leithid Nòrmannaich, Eadailtich, agus Arabaich. Thachair diathad na banais fhèin an rèilig a’ Villa – trì ballachan cloiche ’s airsean boghta Nòrmannach os ar cionn agus aon sealladh a-mach gu creagan gorm a’ chosta nach tèid air dìochuimhne.

Sna Meadhan Aoisean, b’ e a’ Villa aon de na prìomh thogalaich ann an Ravello, baile a chaidh a thogail bho thùs mar thèarmainn sna beanntan bho na Gearmailtich a thigeadh gus creach a thogail aig dol fodha Impireachd na Ròimhe. Air an latha an-diugh, tha beòshlaint Ravello uileag a’ tighinn às turasachd agus bainnsean agus tha e gu math cuimir air a shon sin.

A-nuas bhuaithe, sìos rathad an ìre mhath singilte a tha a’ ruith air gualainn glinne lùbaich air a bheil ‘Valle del Dragone’, tha an costa fhèin far a bheil am mòr-rathad a’ fiaradh a-mach ’s a-steach eadar Salerno agus Sorento agus e air a bhreacadh le tùir is caistealan Nòrmannach air gach rubha bhon ionnsaigh a thogadh san aonamh linn deug. Ged a tha an rathad fhèin uamhraidh brèagha, chan ann don fheadhainn a dh’fhulaingeas tinneas-gluasaid! Bha mo phiuthar a’ gearan fad an rathaid agus i an impis a’ cur a-mach air a’ bhus.

Dh’fhuirich sinn fhèin ann an Amalfi, baile beag an cois na tràghad. Air an oidhche, dar a bha an luchd-turais làitheil uileag air falbh, bha e doirbh a chreidsinn gun robh am baile sàmhach seo le sluagh mu 5,000 duine uair aig cridhe lìonra-mara meadhain-aoisich air leth cumhachdach le còrr is 70,000 a’ còmhnaidh taobh a-staigh a chrìochan. Chan eil an t-uabhas de thogalaich air fhàgail mun cuairt bhon linn ’ud – tha sin, tà, air shàilleabh crith-thalmhainn agus tonn-taomaidh, dar a thuit leth-chuid a’ bhaile a-steach dhan mhuir. ’S mairg nach robh speuclairean-mara agam aig an àm, rachainn air tòrr nan tobhtaichean!

Tha ceàrnag a’ bhaile shnog seo fo sgàil cathair-eaglaise (duomo) rìomhaich a thogadh an tòiseachd san naoidheamh linn, ach air an deach iomadach ath-sgeadachadh tro na linntean. Innte, thathar a’ tasgadh rèilig Naomh Anndra. Dad ort, nach eil còir dha sin a bhith ann an Cill Rìmhinn? Co-dhiù no co-dheth, ann an 1879, dar a chaidh Cathair Chaitligeach na h-Alba ath-shuidheachadh, thugadh Duomo di Amalfi gualainn Naomh Anndra don chathair-eaglais ann an Dùn Èideann! Abair tìodhlac…

Beagan mhìltean mu thuath, tha eilean sàr-bhrèagha Capri. Faodaidh gu bheil an t-eilean seo car doirbh a ruigsinn air uairibh, ach na thasgadh tha leithid de sheòid mar an Grotta Azzurra (‘uamhag ghorm’) a tha ainmeil airson nan uisgeachan gorma a tha na broinn. Ri linn nan Ròmanach, bha na h-ìmpirean a’ cleachdadh Capri mar àite turasachd spaideil. A-rèir Tacitus, bha suas ri naoi deug taighean leòmach impireil san eilean agus gabhaidh gàrraidhean Augustuis fhaicinn chun latha an-diugh. Agus tha e coltach nach do dh’atharraich stà an eilein bhon uair sin – bidh na mìltean de luchd-turais a’ tadhal air an eilean gach samhradh agus e na sheòrsa de resort.

Tha Costa Amalfi iomraiteach san Roinn Eòrpa mar cheann-iùil nan saor-làithean. ’S beag an t-iongnadh carson – agus cha d’ rinn mi iomradh fiù ’s air a’ bhiadh!

Grotta Azzurra

Grotta Azzurra

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach