Craobh NicGumaraid – Fo bhlàth anns gach ràith

Schildau Maulbeerbaum 4JZ.jpg

Mar phàirt de shreath ùr a bhios a’ nochdadh o àm gu h-àm aig Dàna, bidh daoine a’ taghadh pios litreachais Ghàidhlig a tha air còrdadh riutha agus a’ toirt sùil air. Tha Eòghan gar tòiseachadh le “A’ Chraobh” aig Catrìona NicGumaraid.

“’s duilleagan a’ tuiteam dhìomsa,

’s rabhadh na do shùilean meallach”

– on treas rann

An-dràsta agus ’s ann aig deireadh foghair a tha sinn agus na craobhan a-nis air tionndadh o chrùintean òra nan cnàmhan lom. Bha mi ag ullachadh obair air pìos bàrdachd don luchd-ionnsachaidh àrd-ìre agam agus thachair gun do thagh mi fear de na pìosan as fheàrr leam, A’ Chraobh le Catrìona NicGumaraid.

’S e pìos bàrdachd simplidh a tha ann. Tha an cànan furasta a thuigsinn do luchd-ionnsachaidh ach tha brìgh an dàin furasta a thogail cuideachd. Dàn gaoil a tha ann, a’ bruidhinn air cuspair as aithne dhuinn uile. ’S ann a-mach air càirdeas a thàinig gu crìoch beag air bheag a tha i, agus ise gun aire a thoirt dha na còmharraidhean gun robh seo a’ tachairt – amhail mar nach bi sinn fhèin tron t-Samhradh agus toiseach an Fhoghair, na h-oidhcheannan a’ fàs dorch agus na duilleagan a’ fàs donn mus tuit i gu làr.  Tha a’ Chraobh na h-ìomhaigh làidir airson seo a chur an cèill.

Tha ceithir rannan ann, fear airson gach ràith agus gach ràith a’ samhlachadh mar a tha a gaol a’ caochladh, agus duilleach na craoibhe na shamhla air dè an staid sa bheil i. Ach le bhith cho sìmplidh, tha àilleachd thoinnte na lùib a’ nochdadh, a’ bristeadh às an dàn, mar a tha an duilleach anns a’ chiad rann as t-Earrach, nuair a tha an gaol cho ùr agus annasach.

’S urrainn dhuinn uile a tha air a bhith ann an gaol a thuigsinn mar nach eil i mothachail air na rabhaidhean (air neo a’ diùltadh, air neo a’ dol às aicheadh, gu bheil iad ann idir). ’S e am facal as cumanta sa phìos “mealladh” agus tha e soirbheachail ann a bhith a’ toirt air an leughadair co-fhaireachdainn a dhèanamh dhi.  Mholainn e gu mòr do thidsear sam bith, ma bhios tu a’ teagasg chloinne air neo inbhich a chleachdadh gus am brosnachadh gu bàrdachd aca fhèin a sgrìobhadh.

Bha Catrìona na preantas aig Somhairle MacGill-Eain (sgrìobh i marbhrann breàgha ris) agus chìthear anns A’ Chraobh, meadarachd shìmplidh, traidiseanta, a’ tarraing air an aon chleas ris An Roghainn – a’ cur an cèill fhaireachdainnean domhainn, ùr-nòsach ach ann an seagh a bhiodh comasach do sheann Ghàidheal a thogail. Cha mhòr gur e òran a tha ann, agus ’s mòr an t-iongnadh nach deach a chlàradh a-riamh, mar a thachair leis An Ròs, bàrdachd a peathar, Mòrag. Pròiseact airson seinneadair òg, èasgaidh, ’s mathaid?

Chanadh cuid gu bheil a’ chrìoch gu math eu-dòchasach – Catrìona bhochd air a trèigsinn, ga mealladh gu tur, agus an geamhradh fuar ann a-nis, “A’ Chraobh o bhun gu bàrr air rùsgadh” ach ’s ann an seo a chì mi an dòchas as motha sa ghnothach air fad. Ged is fhada bhuainn an t-Earrach uaireannan, bu chòir cuimhne a bhith againn gun tig e a-rithist às ùr.

’S urrainn dhut an dàn a leughadh, am measg dàin eile aig NicGumaraid anns A’ Choille Chiar air neo aig Làrach nam Bàrd.

An dealbh gu h-àrd: “Schildau Maulbeerbaum 4JZ” by Radler59 – Own work. Licensed under CC BY-SA 3.0 via Wikimedia Commons.

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach