Criomagan à Canada

Eòghan air a bhith trang a’ siubhal, ach dearmadach a thaobh sgrìobhaidh! Seo beagan à Acadia!

89D84FDB-0BB2-462C-AB78-A0B68FD3466F

Uill, uill, uill! Tha e fada nas dorra na bha mi an dùil a bhith a’ sgrìobhadh aistean mòra fada air an iPhone 6 agam! Mar sin, chan eil an uimhir de sgrìobhahd air a bhith ga dhèanamh! Nach mi a tha ag ionndrainn mo choimpiutair-uchd a-bhos an-seo sa Choille Ghruamach!

Tha mi a’ gabhail brot “fricot” an ceartair ann an Cheticamp, baile beag Acadianach, agus tha Luchd na Fraingis air mòran smuaintean a bhrosnachadh airson altan san àm ri teachd.

Tha Canada air a bhith uabhasach fhèin inntinneach, gu h-àraidh thall ann an Eilean a’ Phrionnsa agus a’ tadhal air na Mi’kmaq cuideachd. Ach ’s ann ann am Màbu a lorg mi rudan prìseil.

Bha mi cho fortanach aoigheachd Oighrig NicFhraing agus a duine, Daniel, fhaighinn. Aoigheachd cheart Ghàidhealach nach ghabh a chur an cèill cho fialaidh is fosgailte a bha an tè uasal Uibhisteach. Gàidhlig is seanchas gun smàl aice. Tha muinntir na Gàidhlig (agus gu leòr seòid nam measg) cho fortanach gu bheil a leithid (agus a’ bhana-ghaisgeach eile, Mairead Pheutan, leis an d’ fhuair mi urram a choinneachadh Disathairne) thall aca, airson a chur ris an stòras a tha aca pèin. Mo bheannachd oirre.

Agus mu dheireah ann am Màbu, landaig mi ann an cuideachd Eoin Philip MhicFhraing agus chaidh sinn a chèilidh air Annag Dhòmhnallach. “An t-Seann Tè” mar a bha aig Eoin oirre, agus Gàidhlig cho beartach cho aosmhor cho ceart a chuala mi air taobh seach taobh den Chuan Siar. Abair urram a bhith na lathaireachd, ged a dh’òl mi fada cus rùma dubh airson cuimhne ceart a bhith agam air a’ phàilteas de bhriathrachas is abairtean a thug i seachad!

Mar sin a chàirdean, ’s dòcha gum bi pios eile agam bhon taobh seo mus till mi an ath sheachdain. Tha an saoghal seo a’ fàs nas lugha le teicneòlas ach tha e fhathast mòr gu leòr. Connadh ri losgadh, rathaidean a ghabhail.

– Eòghan

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach