Criomagan Ubhail | Teicneolas

Apple-Clips-Main

Tha Eòghan air a bhith a’ cur eòlas air aplacaid ùr Clips agus a’ feuchainn air a chur gu feum airson ionnsachadh na Gàidhlig.

OK ma-tha, cha chan mi an còrr, ’s mathaid nach eil e uabhasach “dàna” an tost agam air ar làrach-lìn a bhriseadh le artagail mu theicneolas nuair na tha de bhuaireadh a’ dol san t-saoghal ach mar a chunnaic mi ann am bhideo air duilleag Facebook “An Nàiseanta”, bodach nan geamannan coimpiutair a’ cantail, “Tha mi a’ dol a bhruidhinn air Sonic a’ Ghraineag o chionn ’s ma bha mi a’ bruidhinn air na naidheachdan cha bhiodh ann ach ceithir mionaidean dhìom a’ gal.”

Mar sin, leis gum bithinn an aon rud ach cuideachd a’ cumail ris an duan a bha agam aig toiseach na bliadhna mu dheidhinn nam mìle gnìomh, bheir mi luaidh air aplacaid coimpiutair a bhios a’ cur ris na gnìomhan sin.

Leis an duais a choisinn mi aig FilmG am bliadhna, fhuair mi an cothrom a bhith ag obair le sgioba nam meadhanan soisealta “The Social” aig a’ BhBC ann an Glaschu. Chaidh mi ann an làithean-saora na Caisge, ach bha e gu tùr diofraichte bho obair san sgoil. Mar thidsear, bha e inntinneach a bhith a’ cur eòlas air dòighean-obrach eile, agus bha sgioba The Social làn spionnadh is bheachdan. Dh’ionnsaich mi tòrr mu dheidhinn nam meadhanan soisealta, gu h-àraidh leis mar a bhios an dà mheur sin againn an-seo aig Dàna – an làrach agus an duilleag FaceyB. Is e an rud as cudromaiche a dh’ionnsaich mi gu bheil ochdad às a’ cheud de gach bhideo air loidhne a-nis gan coimhead gun fhuaim. (Nach eil an saoghal a’ dol air ais dha na 1920s anns a h-uile seagh!) Le sin, tha fo-thiotalan agus teacsa air èirigh a bhith gu math cudromach (sin agad fo-thiotalan sa chànan thùsail, a MG chòir!). Ri linn sin, chaidh aplacaid ùr, Clips le Apple, a shealltainn dhomh, agus abair thusa aplacaid le gu leòr aplacaid na cois!

Tha Clips na aplacaid air leth furasta a chleachdadh – taobh a-staigh cairteal na h-uarach, bha mi air a’ chiad bhideo a chruthachadh – stèidhichte air srùpag a fhuair mi aig a’ chafaidh uabhasach reusanta anns an ionad-fàilteachadh aig Cidhe a’ Chuain Shèimh. Faodaidh tu dealbhan is fiolmaichean a mheasgachadh agus teacsa a chur thairis orra. Bidh thu a’ cumail do chorrag air a’ phutan dearg airson cho fad ’s a tha thu ag iarraidh am bhideo no ìomhiagh a bhith a’ nochdadh anns a’ chriomag agad. Faodaidh tu liomh a chur air – tha Comic Book sgoinneil – agus sin agad e! Cha b’ ann gus an dara bhideo a rinn mi a dh’ionnsaich mi mar a chuireadh guth-thairis ris na h-ìomhaighean agus bha sin ceart cho furasta a dhèanamh – tha e uile air a riaghladh leis a’ phutan dhearg a-rithist.


Faodaidh tu ceòl a chur ris – tha tasglann aca de cheòl an asgaidh airson a chur air chùl na gnothaichean (’s e sin a bhios mise a’ cleachdadh leis gu bheil mi airson na bhideothan a sgaoileadh fad is farsaing) ach faodaidh tu an ceòl on iTunes agad fhèin a chleachdadh ma thogras tu.
Tha Clips gad chuideachadh le bhith a’ deasachadh is a’ gearradh do bhideo agu tha a h-uile càil ann an cruth ceart airson Instagram (tha na bhideothan uile cearnagach, mar as fheàrr airson a thaisbeanadh air fòn-làimhe no sgleat-didseatach). Tha Instagram a’ còrdadh glan rium airson beagan eòlas mun a’ Ghàidhlig a sgaoileadh. Mar sin, tha na bhideothan a’ tighinn ann an sreath “Gàidhlig gu leòr”, a’ toirt sùil air diofar chuspairean, gu pongail is gu sgiobalta. Tha mi dìreach a’ guidhe nach bi an aon chasg a’ tighinn orm airson beachdan-smuain a bhios orm airson artagailean Dàna na làithean-sa!

Air a’ Bhus | On the Bus Ionnsaich beagan Gàidhlig an-diugh | Learn a little Gaelic today Turas beag ann an Dùn Èideann | A wee journey in Edinburgh Mo Cheathramh Ceud Post Insta cuideachd | #400thpost also 😁 Cothrom math airson gnìomharan | Good opportunity for verbs a’ ruighinn – arriving a’ tighinn – coming a’ gluasad – moving a’ siubhal – travelling a’ stad – stopping and a wee satirical point about the Edinburgh trams Caitheamh-airgid – Waste of money #gaeliclanguage #learngaelic #scotlandslanguage #gaelic #gàidhlig #dùnèideann #edinburgh #lothiantransport #edinburghbuses #mayday #beltane #appleclips #gàidhligguleòr #education #languagelearning #entrepeneurlifestyle #cantknockthehustle #machàseo #edinburghcastle #scotlandlover #moving #coming #arrival #stop #travel #tourism #turasachd #outlander

A post shared by Eòghan Stiùbhart (@eoghanuig) on


Tha mi a’ moladh na h-aplacaid seo gu mòr mar inneal glè eifeachdach airson briathrachas a thaisbeanadh do luchd-ionnsachaidh, gu h-àraidh le cuid de ghnìomhairean nach eil furasta a mhineachadh le ìomhaigh ach tha nas fhasa a thaisbeanadh le dealbh-bheò. Chan eil fios agam a bheil an leithid ann air fònaichean android ach ma bhios inneal ubhail agad, ’s fhiach e airson na criomagan agaibh fhèin a chruthachadh. Feuch air!

@eoghanuig

Gheibhear Clips an asgaidh an-seo

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach