Cruthachadh nam Bann

Leis gu bheil ciad eadar-sgeòil an t-sreatha ùir aig BBC Alba air tighinn gu crìoch, bhruidhinn Marcas Mac an Tuairneir ris an Oll. Catrìona Miller bho Oilthigh Chailleannach Ghlaschu, air a’ chùrsa shònraichte a bha aig fìor chridhe tùs a’ phròiseict.

Ann Marie di Mambro

Tha Bannan air còrdadh ri luchd-sgrùdaidh is luchd-amhairc air feadh na dùthcha, is na lèirmheasan uile a’ moladh an deagh obair a rinn Chris Young, is Young Films, gus drama lèirsinneach tarraingeach a thoirt gu buil. Tha Bannan air aire mòr-shluagh nam meadhanan, air fòram eadar-nàiseanta, a ghlèidheadh, is mar sin, tha e nas dòchasaiche na bha e a-riamh, gun till dràma Gàidhlig, leithid an t-sreatha mhaith seo, don sgrìn bheag san àm ri teachd.

Catriona MillerBidh Catrìona Miller a’ stiùireadh a’ chùrsa MA TV Fiction aig Oilthigh Chailleannach Ghlaschu. ’S e cùrsa cliùiteach a tha seo a tha ag amas air oileanach ionnsachadh ann an dòighean sgrìobhaidh ùr-nodha, a’ gabhail a-steach fasain is teòirig dràma telebhisein, gus am faigh iad blasad den ghnìomhachas a tha iad fhèin a’ sùileachadh.

Gu ruige seo, tha an cùrsa air a bhith a’ ruith fad còig bliadhna, is tha sgrìobhadairean Gàidhlig air a bhith am measg nan oileanach soirbheachail a ghlèidh àite air a’ chùrsa. Nam measg, tha Chrisella Ros, sgrìobhadair Bhannan, Alison Lang a tha air grunn nobhailean fhoillseachadh, Seònaid NicDhomhaill, a ghlèidh Duais nan Sgrìobhadair Gàidhlig Ùra ann an 2012, Uilleam Moireach a rinn sàr-fhiolm soirbheachail airson co-fharpais FilmG an-uiridh agus an sgrìobhadair seo fhèin. Bha a’ mhòr-chuid de na sgrìobhadairean seo taingeil don BhBC airson a chuid taic an lèirsinn a thoirt gu buil, is iad air barantas a chumail ri oileanaich a’ chùrsa fad ceithir de na còig bliadhna a tha an cùrsa air ruith.

Ach chan eil BBC Alba na aonar ann a bhith a’ cur taic ris a’ chùrsa. Gu dearbh, aig tùs cùisean, b’ iad Anna McManus agus Eileen Gallagher, stiùirichean Shed Media, a bha, bhon chiad dol a-mach, airson ginealach ùr de shàr-sgrìobhadairean a leasachadh gus an leanadh ealain dràma telebhisein sa chiad linn air fhichead. Nam beachd-san, ’s e an leasachadh seo an dearbh rud a bu chòir do dh’oilthigh a bhith an sàs ann, is mar sin, a’ tilleadh a Ghlaschu, baile an àraich, chuir iad fios gu Oilthigh Cailleannach gus ciad choinneamhan a chur air dòigh.

Còig bliadhna às dèidh sin, tha an cùrsa air taic a fhaighinn bho BBC Scotland, Freemantle UK, ScreenHI agus Warner Bros. Bidh an ceathrar luchd-stiùiridh aig Shed a’ lìbhrigeadh duais phearsanta, cuideachd. Tha an cùrsa, cuideachd, air suaicheantas a ghlèidheadh bho Creative Skillset, rud a tha a’ ciallachadh gu bheil sàr obair na roinne air aithneachadh aig fìor ìre phroifeiseanta, aig luchd-proifeiseanta fhèin.

Ach ’s e soirbheachas nan sgrìobhadairean an sanas as fheàrr son a’ chùrsa agus liosta de dhràmathan soirbheachail leithid Casualty, Holby, Doctors, Eastenders agus Waterloo Road anns an robh iad an sàs. A thaobh na Gàidhlig, is a bharrachd air Bannan fhèin, bha ceathrar alumni a’ chùrsa an sàs anns an t-sreath chloinne Ceitidh Mòrag do BhBC Alba an-uiridh. Mar sin, tha e gu math follaiseach gum faigh oileanaich air falbh bhon oilthigh le deagh sgilean a tha freagarrach don àite obrach, is comasach air am beachdan is sgeulachdan a leasachadh ann an dòigh chruthachail, tionnsgalach.

ChrsiDolanAig cridhe a’ chùrsa tha dithis sgriobhadair phroifeiseanta a tha air bhith an sàs ann an dràma thelebhisein is rèidio fad bhliadhnaichean mòra — AnnMarie di Mambro is Chris Dolan. Eatarra, tha iad fhèin air sgrìobhadh do phrògraman leithid Taggart is Eastenders, agus nobhailean, dealbhan-cluiche don taigh-chluiche is don rèidio, cuideachd. Mar sin gheibh oileanaich buannachd foghlaim is eòlais fharsaing bhon dithis ud, a tha comasach air na sgilean fhèin a theagasg or is iad a tha air a bhith an sàs anns a’ ghnothach fhèin. Gu dearbh, ’s e eadar-sgeul a sgrìobh AnnMarie am fear a ghlèidh an duais mar an sgeulachd a bu mhotha a chòrd ris an luchd-amhairc, is iad a’ comharrachadh nan còig bliadhna deug den phrògram dràma ainmeil.

Feumar cuimhneachadh, cuideachd, gur e cùrsa ceuma acadaimigeach a tha seo agus oileanaich a’ cosnadh maighstearachd san dealachadh. Mar sin, tha pàirt chudromach den ghnothach ga cur seachad ann an òraidean, far an ionnsaichear bhon Oll. Miller fhèin a thaobh gnè, mìon-choimhearsnachdan is an riochdachadh tro na meadhanan.

Don Oll. Miller tha an t-susbaint seo deatamach do leasachadh dràma, is na h-ealain san fharsaingeachd. “Dh’fhàs mi sgìth leis na h-aon tròpaichean laga a nochdadh a-rithist is a-rithist”, dh’aidich i, a’ sònrachadh nan iomadh caractar boireann a chìthear air an telebhisean san là an-diugh, a thèid a bheagachadh air sgàth chùisean gnèitheach, leithid Borgen. “An robh feum aca aillse bhroillich a chuir oirre?” dh’iarr i orm, fhad ’s a bha sinn a’ dèanamh an agallaimh. Ach tha i toilichte, aig a’ cheann thall, gu bheil sgrìobhadairean ùra a’ tòiseachadh air beachdachadh air a’ chuspair seo, is ag aithneachadh gur e rud cumhachdach a th’ ann an dràma; inneal oideachaidh aig ìre an dà chuid soilleir is dìomhair.

A’ meòrachadh air Bannan fhèin, is riochdachadh na Gàidhlig sna meadhanan coitcheann, bha an t-Oll. Miller, brosnachail, gu dearbh. Ged a tha coimhearsnachd na Gàidhlig air fulang leis an aon chlaon-bhreith ’s a th’ aig mìon-choimhearsnachdan eile, shònraich i an dràma ‘Hinterland’ a rinn am BBC is S4C o chionn goirid, is a chaidh a chraoladh air an aon t-seanail air am faicear ‘Borgen’, air an do rinn sinn deasbad roimhe. “Is dòcha gur e dà-chànanas, mar sin, an dòigh as fheàrr luchd-amhairc a ghlèidheadh airson dràma san t-suidheachadh sin”, shaoil i, a’ bruidhinn air luchd-amhairc fhèin a tha fàs nas cleachdte ri fo-thiotalan fhaicinn aig bonn an sgrìn air na prìomh sheanailean. “Ma tha na sgeulachdan èiginneach gu leòr, bidh daoine ag iarraidh am faicinn.”

– Marcas Mac an Tuairneir

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach