Cuimhneachadh air na càirdean

Cead o Chreative Commons

Mun àm dhuilich seo, dh’fhaoidte gu bheil cuid againn a’ toirt beachd air cho geàrr is a tha ar saoghal, agus gur feàirrde sinn cuideam a chur air na pàirtean dheth a tha dha-rìribh tarbhach, seach air nithean tana a bhios a’ bòdhradh cluasan ar cinn gach latha.

Faidhle fuaim dhen ùghdar a leughadh an artagail

Ma tha an saoghal a’ laighe cho trom oirnn ’s nach urrainn sùil a bhith againn ri dad fiachail san àm ri teachd, nach e sin an uair as motha a tha ùrachadh a dhith oirnn? Mur dèan sinn fhìn atharrachadh air ar beatha, thig caochladh uair no uaireigin ge boil leinn.

Seo an t-àm ma-thà cuimhneachadh air na càirdean is luchd-dàimh againn. An fheadhainn as cuimhneach leinn o ar n-òige, uaireannan is fhada bhon chridhe iad mura bheil iad a’ fuireach faisg air làimh. Tha ar teaghlaichean, mar bu chòir, a’ gabhail prìomh àite, ach ro thric bheir sinn sin mar leisgeul gun an oidhirp a dhèanamh gus a dhol ann an cuideachd ar luchd-dàimh, ag innse dhuinn fhìn gur e ar cor is crannchur as coireach don dearmad. Is mòr am beud sin, oir is dòcha gur e an luchd-dàimh a dh’fheumas sinn, a bharrachd air ar teaghlaichean, gus an t-ùrachadh deatamach seo a thoirt gu buil nuair a bhios sinn fad às, sgapte air feadh na dùthcha no air feadh na cruinne.

Bhuail sin ormsa gu h-àraidh an-uiridh nuair a dh’eug co-ogha mo mhàthar a dh’aona-bheum le stròc. Bha e mu thuaiream 50 bliadhna a dh’aois, duine air leth còir is càirdeil agus bha e uair na cheannaiche chlàran-ciùil leis an robh bùth-ciùil beag, neo-eisimeileach. Air latha a bhàis bha e ag obair san àite-chosnaidh aige ann an Dùn Reatha.

Gus an latha a shiubhail e, bha e a’ còrdadh ri Seumas fios a chumail ri a cho-oghaichean, a bharrachd air na dlùth-chàirdean is caraidean aige fhèin. Tha cuimhn’ agam turas e bhith tighinn a choimhead air mo mhàthair ’s mo bhràithrean mu dhà bhliadhna an dèidh bàs m’ athar le tinneas-cridhe. Dh’fhalbh mise agus Seumas ann am bus a-steach do bhaile Dhùn Deagh agus ghabh sinn biadh ann an seann chafaidh ris an cante “The Leerie”. Is e “leerie” facal air neach a bha uair a’ saltairt nan sràidean agus a’ cur lòchrain a’ bhaile thuige mus robh dealan ann. Co-dhiù, dh’òrdaich sinn le chèile “pie, chips & beans” ach b’ fheudar do Sheumas bochd cur suas leamsa, gille òg a’ mìneachadh dè a bh’ ann an “Wallace Pie” dha, oir bha an t-amadan òg seo dhen bheachd nach robh pàidhean “Dùn Dèaghach” rim faighinn ann an Dùthaich MhicAoidh! An duine gasta mar a bha e, cha do leig Seumas air idir, seach a bhith a’ luaidh air pàidh a dh’ith e fhèin aig Pàirc Hampden “turas a bha seo” agus a bha fìor choltach ris an fhear a bha sinn ag ithe.

Sìth d’ a anam.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach