Ball-coise | Cùisean Cridheil sa Chathair-bhaile

Tha Eòghan a’ toirt sùil gu luath air bliadhna thoilichte do Hearts

Heart of Midlothian FC logo.svg
Heart of Midlothian FC logo” by Source. Licensed under Fair use via Wikipedia.

Club ainmeil ann an cruaidh-chas ionmhais as dèidh bhliadhnaichean de thamailt, rianachd agus sgainneal. Turas fada aca ri dhol chun a’ mhullaich agus iad ann an lìog le dà sgioba mhòr eile a’ feuchainn ris an aon rud a dhèanamh.

Chan e Rangers a tha ann ach Heart of Midlothian. Tha na balaich Gorgie na mìltean air thoiseach air càch anns a’ Championship SPFL agus tha e coltach gum b’ urrainn dhaibh an lìog a ghlèidheadh ro dheireadh a’ Mhàirt.

Tha gu leòr air a dhol air adhart on a dh’fhalbh a’ Chiad Mad Vlad Romanov (saoil nach robh an Saoghal na bu shimplidhe nuair nach robh againn ach dragh a ghabhail mu bhancair Lithuanianach leis an ainm sin, seach Mgr Putin?). Tha Hearts air tighinn tro rianachd, seusan gu math cruaidh anns a’ Phremiership agus tha iad air cathraiche ùr agus manaidsear ùr fhaighinn – Ann Budge agus Robbie MacNèill – le Craig Levein a’ tighinn air bòrd mar stiùiriche ball-coise.

1024px-Tynecastle

Choinnich Rangers agus Hearts anns a’ chiad ghèam den t-seusan. Bha Rangers air Lìog a h-Aona bhuannachadh gun ghèam a chall, bha Hearts air tighinn a-nuas as dèidh bliadhna dhuilich. Chluich Hearts le dealas agus rinn Hearts an gnothach le tadhal o Danny Wilson sa chiad leth agus tadhal anns na mionaidean mu dheireadh o Osman Sow a’ toirt na puingean do sgioba Dhùn Èideann.

Tha Rangers air na sgòrnan aca fhèin a ghearradh iomadh uair on uairsin, ach tha e coltach gum biodh e air a bhith doirbh cumail suas ris na Jambos co-dhiù.

An do thog Hearts na leasanan ceart o rianachd? Tha e follaiseach gun do thog ceart cho math mar nach do thog Rangers. Far an do chosg fuamhairean Ghlaschu fortan air cluicheadairean aig an robh làithean geala o chian nan cian – cha robh taghadh aig Hearts ach earbsa a chuir san òigridh (is iadsan a ‘ fulang casg-malairt rè seusain) agus lean iad orra leis an fheallsanachd sin. Tha Budge air an club a ruith mar ghnìomhachas, a’ cumail chosgaisean sìos on chiad dol-a-mach, seach an aimhrit chianail a tha air a dhol air adhart aig Àth Bhruic, agus tha a’ fàgail Rangers (a tha a-nis fo stiùir Stiùbhart MacColla) air deireadh air Hibernian aig Ailean Stubbs a-nise cuideachd.

Leis gach cnap-starra ris an do choinnich Hearts, tha iad air faighinn seachad air gun cus dragh. Tha iad air aon gheam a chall sa Lìog – ris an Eaglais Bhric san Fhaoilleach – agus roimhe sin cha do leig iad puing air falbh ach an aghaidh Hibernian aig Rathad na Caisge aig àm na Bliadhn’ Ùir. On uairsin, chuir iad deich gun fhreagairt an aghaidh Cùl Dùn Bèith, a’ fàgail a’ Bhrasil Ghorm gu math gorm.

Tillidh Hearts dhan a’ chiad roinn an ath bhliadhna gun teagamh sam bith – mas urrainn dhaibh a’ mhòr-chuid den sguad a chumail còmhla, ’s cinnteach gum bi iad a’ farpais a-rithist airson cupannan agus àite san Roinn Eòrpa.

Chaochail an seann laoch Daibhidh MacAoidh seachdain sa chaidh, agus chaidh urram a thoirt dha – fear de na cluicheadairean Albannach as fheàrr a chluich riamh, agus bha cho cudromach do Hearts, Spurs agus Derby – agus ged nach bi Billy King, Sam MacNeacail no Osman Sow cho cliùiteach ris-san gu Là Luain, ma chumas iad orra an seusan seo, cha bhi dragh orra pàigheadh son pinnt ann an Gorgie fad am beatha.

– Eòghan

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach