
Bha mi ri ur taobh tro thoileachas is cruas
Aig bàs is breith, aig stèidh ur seanchais
Bu mhise air bilean ur Dè an àm breitheanais
Bu mhise a chùmadh blàths ri ur caidreachas
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Bha mi nur cuideachd nuair ’shiubhail sibh bho thùs
Tro tìr, is tonn, is teagamh bu mhise ur misneachd
Tromhamsa a chuireadh an sgeulachd air gleus
Bu mhise a thug tuairisgeul air na bha ri teachd
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Bha mi a’ cluich leibh is sibh nur pàistean
– Bu mhise a thug sibh ciall ur càirdeasan
– Bu mhise a chuir an cèill ur ciad ghaol
– Bu mhise a thug brìgh do ur saoghal
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Thàinig am buille is thàinig gu cruaidh e
Claidheamh air a shàthadh tro mo chridhe
Fo ur sùileansan a chaidh mo leagail
Nam ablach; mo dheò lem fhuil gam fhàgail
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Càit’ a bheil sibh a’ tàmh a chlann mo ghaoil?
Cò na briathran coimheach a-nis ur n-iùl?
A threòir bhuam sibh do thìr an aineoil
Fada bhon dùthchas a dh’fhàg sibh air ur cùl
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
‘S mise a tha dìleas dhuibh agus bidh gu bràth
Ge dìmeas mo dhàimh cha traogh mo ghràdh
Am measg nam faileas an cùl ur n-inntinne
Sin mise a’ feitheamh gu foighidneach ur pilltinne