Cupa na Camanachd 2015 |“Clioraig an Rathad son Lòbhait”?

https://commons.wikimedia.org/wiki/File:Lovat_Shinty_Club_Champions_2014.JPG#/media/File:Lovat_Shinty_Club_Champions_2014.JPG

Thog Lòbhat Cupa MhicThàmhais ann an 2013 is 2014 ach an urrainn dhaibh a dhol ceum nas fhaide ann an 2015 agus Cupa na h-Alba a bhuannachadh?

Bidh Lòbhat a’ coinneachadh ri Caolas Bhòid (Thug sinn an air an t-srac!) ann an Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd san Òban Disathairne seo tighinn. Tha Eòghan a’ toirt sùil air club a tha air tilleadh dhan ìre as àirde as dèidh còrr is trì fichead bliadhna agus mar a bhios grunn Ghàidheil a’ leantainn gu dlùth ris mar a thèid cùisean aig Pàirc a’ Mhossfield.

Gun dìmeas a dhèanamh air sgìre a tha glè bhuadhmhor agus àlainn, ’s i sgìre air nach biodh tu a’ tadhal ach nan robh thu a’ dol far an rathaid mhòir, ach ’s i sgìre a tha air cliù a chosnadh dha fhèin tro na linntean ann an iomadh seagh a th’ ann an Lòbhat, fearainn MhicShimidh, air an Àird eadar Inbhir Nis, Druim na Drochaid agus Manachainn MhicShimidh.

A-nise, tha an sgìre ainmeil airson Fèis Cridhe Thartain Bhelladrum ach o chionn seachdad bliadhna, b’ e na Scouts Lòbhait leis a’ cheann-cinnidh Mòrar MacShìmidh aig an ceann a bha a’ dèanamh ionnsaighean airson saorsa dhan Roinn-Eòrpa. Bha a shinnsirean Frisealach riamh a’ strì agus a’ sabaid airson an roinn aca fhèin a ghleidheadh an aghaidh cloinn-chinnidh eile a bha na bu chumhachdaile.

Ach dhomh-sa, ’s e an sgioba iomain a tha air an ainm Lòbhat a chumail an àird airson a’ mhòr-chuid. Bidh iad a’ cluich airson an duais ainmeil, Cupa Lòbhat gach Callainn ris an nàmhaidean, a’ Mhanachainn. (Canar gu bheil an dàimh eadar an dà choimhearsnachd “mar gun robh allt fuar a’ sruthadh eatorra”). Ach aig aon àm, ’s e Lòbhat a bh’ ann an sàr-sgioba a’ ghèama.

Anns na 50an, ’s e Lòbhat a’ chiad sgioba a bhuannaich a’ chiad “Grand Slam” – sin agad Cupa na Camanachd, Cupa MhicAmhlaigh, an Lìog a Tuath (air neo am Prìomh-Liog na làithean sa) agus Cupa MhicThamhais (air neo Cupa Chomann Ceilteach Ghlaschu ma ’s e sgioba on Cheann a Deas a th’ ann – agus bhuinnig Lòbhat an cupa sin ann an 1951 cuideachd nuair a fhuair iad cuireadh a bhith a’ co-fharpais ann.)

O Linn nan Creach, bha na Frisealaich cho cliùteach airson a bhith, gu deimhinne, cho seòlta ri sionnaich agus bidh feum aig an sgioba iomain a tha a’ giùlan an ainm Lòbhat air gach seòltachd is siùbhlachd nuair a bhios iad a’ dol an aghaidh sgioba Chaolas Bhòid anns an Òban ann an Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd.

lovatlogo

Bhuinnig Lòbhat an cupa ann an 1953 an aghaidh an dearbh sgioba a bhios romhpa Disathairne. B’e 1953 an dearbh bhliadhna a rugadh an neach-teagaisg Iain MacIlleChiar a tha air a dhachaigh a dhèanamh san sgìre agus bidh a mhac, Conall, a’ nochdadh gu tric dhan dara sgioba.

Bhruidhinn mi ri Iain mun ghèam seachdain sa chaidh agus mar a tha a’ choimhearsnachd a’ faireachdainn. Tha ceanglaichean làidir aig tòrr san sgìre dhan Ghàidhlig agus tha gu leòr Gàidhlig ri chluinntinn air iomall na pàirce.

“Tha a’ choimhearsnachd air bhioran a’ feitheamh ris a’ chuairt dheireannach. Tha co-dhiù trì busaichean a’ falbh às an àite le luchd-taic. Bidh guth Gàidhealach no dhà ann – a bharrachd air an teaghlach againn fhìn, tha Iain Caimbeul à Uibhist a Deas a bhios a’ bruidhinn gu tric mu iomain dha prògram Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal.”

“Cuideachd, tha Don Neil MacCalmain às an Eilean Sgitheanach a chluich aig Lòbhat a bharrachd air sgioba an Eilein fhèin. Tha Hearach no dhà a’ fuireach san àite a bhios a’ frithealadh nan geamannan agus tha bloigh Gàidhlig aig grunnan den òigridh a fhuair ann an Acadamaidh Bhaile Theàrlaich ann an Inbhir Nis i.”

Tha SWAG no dhà aig an sgioba às na h-Innse Gall: bean Eòghain Fheargastain, Sarah, à Bearnaraigh na Hearadh agus tha Gemma NicFhionghuin ann, tè phòsta aig Màrtainn, fear den teaghlach Bell a tha cho ceangailte ri Lòbhat, à Port nan Long.

Ged ’s e bun-sgoil bheag a th’ ann am Bun-sgoil Tom na Croiche, tha i air iomadh cluicheadair air leth a thogail thar na linntean agus bha màthair Mhàrtainn, Linda Bell, na cumhachd làidir air cùl ghnothaichean agus ise cuideachd a’ coimhead air adhart ris a’ ghèam nuair a thachair mi rithe aig Pàirc Bhaile a’ Gheata Didòmhnaich, is i a’ bruidhinn air an obair mhòr a bha dol air adhart gus na gillean ullachadh airson gèam cho mòr a bha ann o chionn seasgad ’s a dhà bhliadhna. Bidh iad a’ siubhal sìos an oidhche ro làimh agus a’ fuireach ann an taigh-òsta sa bhaile.

Tha dùbhlan mòr roimh na gillean o Chill Tharaglain aig Pàirc a’ Mhossfield ge-tà agus bidh feum aca air a h-uile tàmh a gheibh iad – tha Caolas Bhòid fhathast a’ coimhead ris a’ Phrìomh Lìog agus tha an Cupa Ceilteach aca mu thràth agus chan eil mòran a’ toirt cus cothrom dha na balaich Lòbhait, a dh’aindeoin ’s gun do thog iad Cupa MhicThamhais an-uiridh is a’ bhon-uiridh.

Bidh feum aca air tadhail a chur agus bidh uallach mòr air Jamie Mac a’ Mhathain, ged a bhios e coltach nach bi a bhràthair Greg deiseil as dèidh droch leòn a tha air a chumail far na pàirce o chionn fhada, an seann laoch Friseal Gallchoir agus Eòghan Fearghastan a bharrachd air a’ chluicheadair a thàinig o Chabar Fèidh o chionn dà bhliadhna, eadar-nàiseantach na h-Alba, Caomhain Bartlett.

Anns a’ mheadhan, tha Callum Cruden cudromach, agus na bràithrean Mainland cuideachd, le Lorne MacAoidh agus Drew Howie a’ coileanadh dhleastanasan cudromach aig a’ chùl cho fad ’s gu bheil an draoidh, Stiùbhart MacDhòmhnaill eadar na pùist. Is mathaid gur e call a th’ ann nach bi Coinneach Dòmhnallach o Chaolas Bhòid aig a’ cheann eile agus nach fhaic an luchd-amhairc aig an taigh agus aig a’ phàirc an dithis cliùiteach comasach a’ dol an aghaidh a chèile air an ùrlar as àirde.

’S e sgioba èasgaidh a tha annta le deagh mheasgachadh de dh’eòlas agus de dh’òige ach feumaidh iad a bhith aig bàrr airson eachdraidh a dhèanamh. Bidh mise ann an Inbhir Pheofhairean DiSathairne airson cùrsa (is mòr am beud) ach ma bhuannaicheas Lòbhat, chanainn gum b’ fhiach e a dhol dhan taigh-òsta ainmeil, Brockie’s Lodge anns a’ bhaile bheag, airson cèilidh – cha bhi a leithid de phàrtaidh air a bhith ann o chionn fhada.

Nuair a bhiodh MacShimidh a’ dol a-mach anns a’ chàr aige tràth san Fhicheadamh Linn, a-rèir coltais bhiodh an luchd-frithealaidh Fhrisealach aige a’ glaodh “Clìoraig an Rathad airson Lòbhait” – cha bhi an rathad cho clìor don sgioba aig Iain MacRisnidh ach bidh iad nan èiginn tilleadh dhachaigh an A82 agus an cupa fo achlais nuair a thig feasgar Disathairne.

  • Eòghan

*Mo bheannachd air na Sgitheanaich a bhios air tilleadh dhan Phrìomh Lìog airson a’ chiad uair o 2002 an ath-bhliadhna. Bha gu leòr den sgioba agam san sgoil ann am Port Rìgh, a bharrachd air an t-seann fheadhainn agus a h-uile mac màthar aca air a dhol nan deagh charaidean thar nam bliadhnaichean. Tha e math gu bheil an t-Eilean ag èirigh a-rithist agus ma bhios eachdraidh ag innse càil dhuinn, nuair a bhios na Sgitheanaich a’ togail ceann, chan eil cus air thalamh a chuireas stad orra.

**Mo bheannachd eile air Ùisdean D. MacIlleinein a rinn ‘‘scoop’’ cianail orm leis an alt iongantach seo aig BBC Alba mu Lòbhat.

Landing on Queen Red Beach, Sword Area.jpg
Landing on Queen Red Beach, Sword Area” by Evans, J L (Capt), No 5 Army Film & Photographic Unit –
This is photograph B 5103 from the collections of the Imperial War Museums (collection no. 4700-29)
. Licensed under Public Domain via Commons.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach