Dà Dhàn | Nathaniel Harrington

Tha sinn toilichte dà dhàn (fear dhiabh na eadar-theangachadh) le Nathaniel Harrington a chur air ur beulaibh an-diugh

balach-naidheachd

thig e a-mach às an uisge agus leanaidh mi
a chorp le mo shùilean, a’ lorg nan deur
a shleamhnaicheas sìos a dhruim, fho-aodach
geal a’ gramadachadh ri cheus, an dùbhlan
na ghuth nuair a bhruidhneas e, gun aire
dha lomnochd, a ghàirdeanan air am filleadh.
“dol a dh’àiteigin, a bheil?” a’ cheist a chuireas e,
agus mise ag iarraidh a bhith ga fhreagairt,
ged nach labhair mi ris a chaoidh: an-còmhnaidh,
bha mi an-còmhnaidh a’ dol gad ionnsaigh
                    fad mo bheatha.

 

am falbhan-gaoithe 
ghlac mi sa’ mhoch seo ailleann na maidne, dauphin rìgheachd
an t-solais, seabhag bhreac-briseadh-là ga tarraing na marcach
air an adhar air udal socrach fodha rèidh, ’s e a’ sìtheadh
an àirde an sin, mar a sheirm e air reang sgèith ri srann
na mhire! ’s an uair sin air falbh, falbh na luasgadh,
mar a shiabas sàil spèileachain air lùbaig: tilg- is sigheadh
a dhiùlt a’ ghaoth mhòr. mo chridhe am falach
air a theannadh do dh’eun, — coilean-, maighstireachd an ruid!
bòidhchead bhrùideil is gaisge is gnìomh, o, adhar, moit, ite, an seo
gèilleadh! IS an teine a bhriseas bhuat an uair sin, billean
tursan nas greannmhoire, nas cunnartaiche, o mo ridire!
gun iongantas dheth: bheir ceum glan air treabhadh thar talmhainn
a dheàrrsadh, agus èibhleagan liath-loma, o mo luaidh,
tuitidh, bioraidh iad iad fhèin, agus sgoraidh òr-dhearg.

(tionndadh o Gerard Manley Hopkins, 1844-1889)

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach