Dacha mo Ghaoil | Tatù Airm an Tùir Spasskaya

Bha Liam thall sa Chremlin bho chionn ghoirid às leth Special Counsel Mueller ’s e a’ sgrùdadh na dlùth-dhàimh eadar an Ceannard agus am Pop Icon as fheàrr leis. Feuch mar a chaidh dha.

Do dhaoine a bhuineas do dhùthchannan NATO ’s nach eil air a bhith ann am prìomh-bhaile na Ruis roimhid, ’s dòcha gu bheil an t-ainm ‘A’ Cheàrnag Dhearg’ a’ dùsgadh ìomhaighean de chaismeachdan armailteach is ròcaidean niùclasach gan taisbeanadh fo bhrataichean dearg comannachais.

Seall! An taigh-tasgaidh far an robh sinn suidhichte!

Seall! An taigh-tasgaidh far an robh sinn suidhichte!

Bho dh’aom na làithean sin, tha tachartasan nas maoithe as trice buailteach a bhith dol sa Cheàrnag ainmeil. Airson nan deich bliadhna a dh’fhalbh, tha aon de na tatùthan airm as motha san t-saoghal air àite nan ròcaidean a ghabhail thairis: Tatù Airm an Tùir Spasskaya. Agus airson deannan bhliadhnaichean a-nise, tha còmhlan-pìoba amalaichte air a bhith na phàirt mhòr dhen fhèill, a’ taisbeanadh ceòl cathach nan Gàidheal do shluagh a tha dèidheil fhèin air ceòl cogaidh. Gu dearbha, bha pìos mòr san tatù mar chuimhneachan air an t-Seanarail Khalilov, seann cho-òrdanaiche an tatù a bhàsaich san tubaist phlèana Tu-154 air Latha na Nollaige 2016.

Mar a thàinig an deagh rath orm-sa, fhuair mi cothrom a dhol an lùib buidheann dhe sia fichead pìobairean is drumairean eile – gun iomradh air an leth-cheud dannsaire Gàidhealach – a chruinnich còmhla airson deich latha barraichte nach tig san dìochuimhne gu bràth. Fhuair an còmhlan-pìoba siubhal, àite-fuirich agus biadh an asgaidh, còmhla ri dà thuras timcheall Mhosgo. Cha robh againn ach airgead an leanna a thoirt leinn, ach creid thusa nach b’ e na fàirdeinean a bha sin.

Bha mi cleachdadh na cairt Revolut agam (air an dug mi iomradh roimhe). Mar sin, dh’fhaodainn clàradh a chumail de na chosg mi chùl a’ bhàir (a bha thairis air 90% de na chosg mi uile-gu-lèir). A bharrachd air bàr an taigh-òsta, nach dùin, bha deagh bhàr meadhan Mhosgo, Bàr BQ, a bha cuideachd sgoinneil airson biadh.

A' Cheàrnag Dhearg mus tigeadh an sluagh

A’ Cheàrnag Dhearg mus tigeadh an sluagh

Tha biadh Ruiseanach car coltach ri salachair mairt: proinnte, lom, agus chan ghabhainn e ged a bhiodh e an asgaidh. Bhiodh balla feòil agus càl na stiallan ga lìbhrigeadh còmhla ri bobhla blàth borsch, brot tana searbh bheetroot a thug dhomh losgadh-bràghad nuair a bh’ agam ris a’ phìob a chluich goirid às dèidh làimhe. Nuair a dh’fhaighnich mi dhe na h-eadar-theangairean againn mun bhiadh, thuirt iad gun robh e a cheart cho math ris a’ bhiadh a bha iad fhèin cleachdte. Agus, nach beag an t-iongnadh, gun d’fhuair mi na trotskies an dèidh grunnan làithean air a’ bhiadh ud. Fada nas sàbhailte cumail leis a’ MhcDs agus sàr-bhiadh Bàr BQ.

Tha an leann sàbhailte gu leòr, ge-tà. ’S ann agam a bhiodh fios – pìobairean gun char ri dhèanamh feadh an latha – cò mheud pinnt a dh’òladh, aig Dia tha brath. Gu dearbha fhèin, cha b’ e san turas ach daorach le far-ainm tatù. Neo a bheil a h-uile tatù mar sin?

Bhiodh ar n-obair làitheil a’ ruith bho 6f gu 11f, anns an robh greisean fois. Àn dèidh dhan tatù, bhiomaid uileag a’ taomadh air ais air a’ bhus dhan taigh-òsta agus thòisicheadh am pàrtaidh mu mheadhan-oidhche – na buidhnean eile à dùthchannan an t-saoghail gan dinneadh a-steach dhan bhàr, fuaim na pìoba ga mheasgachadh le còmhlan ionnsramaidean pràise Ostaireach, seinn is èigheach Turcach is òl Kazakh.

Bhiodh loidhne fada dhe deichnear a’ feitheamh phinntean agus mar as motha dh’fhàs an loidhne phàthach, Dhia, cha bu luaithe a lìonadh na glainneachan. Rud neònach mun Ruis: tha àite aig a h-uile duine, dleastanas aig gach anam – rud commanachais shaoil sinn. Ach bha e ciallachadh na seirbheis bu mhiosa. Air chùl a’ bhàir, bhiodh aonan a’ tarraing nam pinnt, aonan aig an till a’ gabhail òrdughan, aonan a’ coimhead air an dithist eile, aonan a’ coiseachd ann an cearcallan agus aonan, cha d’ fhuair mi a-mach fhathast gu dè diabhal dleastanas a bh’ aige. Agus ged a bha e foilleasach, oir bha sinn ag innse dhaibh, gun robhar ag iarraidh mu fhichead pinnt, cha lìonadh fear nam pinnt glainne gus an d’fhuair e an t-òrdugh aig tè an till. ’S e cuid den t-seirbheis agus den fhrithealadh as miosa a fhuair mi a-riamh ann am Mosgo. Bha e cho neònach – dh’fhanadh tu ùineachan a’ feitheamh frithealadh no deoch no biadh, ach aon uair ’s gun robh e agad, bhiodh iad a’ feuchainn ri thoirt bhuat leis gun robh iad a’ smaointinn gun robh thu deiseil. Chan eil fhiosam cò mheud truinnsear leth-ullamh a chaidh a chlìoraigeadh bhuam thairis an deich latha. Agus an uair sin, bhiodh tu feitheamh ùineachan a bharrachd airson pàigheadh. Chuir e mi fhìn agus na h-Albannaich ris an robh mi còmhla às ar rian.

Fhuair sinn seachad air seo le bhith luath gu bàr an taighe-òsta airson òrdugh trì pinntean an urra a chur a-steach mus nochdadh càch. Air cuid de na h-oidhcheannan, bha  e cus nas fhasa fuireach air ar cois gu breacaist aig 7m agus a’ falbh innte an dèidh do ar bruthan a bhith làn de bhiadh maiden annasach na Ruis – cearc ghoilte, bainne-cum-iogurt agus rudan nach tèid agam air liteachadh.

Seòmar nan Cathair-rìgh, Lùchairt Mhòr a' Chremlin

Seòmar nan Cathair-rìgh, Lùchairt Mhòr a’ Chremlin

Ach a Liam, feumaidh gun d’ rinn thu barrachd na fuireach taic a’ bhàir fad deich latha. Rinneadh! Rè na fèille, bha sinn a’ cleachdadh Taigh-tasgaidh Eachdraidh na Ruis airson a bhith a’ stòradh nam pìoba agus fèilidhean. Fhuair mi cothrom aon feasgar a dhol a-steach ann agus na stòrasan a rannsachadh. Bha e gu math inntinneach mar thaigh-tasgaidh – chìtheadh tu gun deach a chur air dòigh mu dheireadh san linn shòisealach, gun mhòran aithris-sgeòil ach làn de phìosan arceòlais (mar a bha taighean-tasgaidh bho chionn fichead bliadhna no an còrr).

Ri taobh Taigh-tasgaidh Eachdraidh na Ruis, bha an taigh-tasgaidh dhan Chogadh 1812, as fhiach tadhail gu mòr. An coimeas ris an t-seann taigh-tasgaidh bha am fear seo ùr-nòsach, sgeadaichte le taisbeanaidhean ioma-mheadhanach. Nuair a choisicheas tu a-steach, tha sgàile mhòr mud choinneamh is saighdear Frangach a’ gèilleadh ro fhuachd a’ gheamhraidh Ruiseanaich agus Cossack. Shin agad an t-adhbhar eile airson tadhal ann, tha an taigh-tasgaidh air aon de na eisimpleirean as taobhaiche a chunnaic mi a-riamh. Silly Frenchmen

Ann an 1812, nuair a bha impireachd Napoleon aig àirde cumhachd, ghabh iad ionnsaigh air impireachd na Ruise. Gliocas, cha b’ e. Mar as fhaide a gheàrr Napoleon tron dùthaich, ’s ann as fhaide a tharraing feachdan nan Ruiseanach a-steach gu cridhe an dùthcha. Nuair a cheannsaich Napoleon Smolensk, bha làn dùil aige gun gèilleadh na Ruiseanaich ris. Ach deagh naidheachd cha tàinig. Chuir e na tosgairean aige a dh’ionnsaigh St Petersburg gu far an robh impire na Ruise, ach èisteachd cha d’fhuaireadh. Leis an fhearainn mun cuairt dha na smàl an dèidh dha na Ruiseanaich teine a chuir ris, ghabh e Mosgo thairis san t-Sultain, 1812.

An slaodan san do theich Napoleon

An slaodan san do theich Napoleon

Ach goirid na dhèidh, chaidh prìomh-bhaile na Ruise a chur na theine. Cha chreideadh Napoleon gun dèanadh feachdan na Ruise ratreut cho fada agus an uair sin gun cuireadh iad teine rim prìomh-bhaile. Le lasraichean a’ slìobadh bhallachan a’ Chremlin agus an geamhradh reòite rompa, cha robh rogha ro Napoleon ach teicheadh. ’S e an teicheadh seo – a lean gu ciad fògradh Napoleon – air aon de na tachartasan as cudromaiche ann an eachdraidh nuadh-aimisireil na h-Eòrpa. ’S e an slaodan a chleachd e anns an teicheadh am pìos as ainmeile a tha a’ riochdachadh na mearachda mòire a rinneadh.

A-nist gun robh a’ chaothach air na Ruiseanaich, thàinig dìoghaltas. Lean iad an t-arm Frangach fada a-steach gu cridhe na h-Eòrpa, a’ leagal baile an dèidh baile, ’s a’ trusadh iuchar-baile an dèidh iuchar-baile, a tha uileag gan taisbeanadh san taigh-tasgaidh.

Iuchraichean bhailtean mòra na Roinn Eòrpa a thruis Arm na Ruise

Iuchraichean bhailtean mòra na Roinn Eòrpa a thruis Arm na Ruise

Chan e seo ach a’ bheag de na rinn mi sa bhaile agus tha tòrr ann nach robh tìde agam fhaicinn. Ach ’s dòcha nach math dhomh a dhol ann an cus doimhneachd mun dithist bhall ISIS a chuirear an grèim taobh a-muigh na fèille. ’S e baile annasach fhèin a th’ ann am Mosgo, is tha mi an dòchas gum faigh mi an cothrom cluich ann a-rithist an ath bhliadhna.

Mo thaing gu Diane Bhrus a thug dhomh an cothrom seo!

– Liam Alastair Crouse

 

Dealbh den chòmhlan-phìob sa Chremlin

Dealbh den chòmhlan-phìob sa Chremlin

FacebookTwitterGoogle+Roinn

2 thoughts on “Dacha mo Ghaoil | Tatù Airm an Tùir Spasskaya

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach