Dad a thuirt thu?

Faclan Feumail

A leughadair chòir! Seo agad taghadh de na gnàthsan-cainnte a tha a’ nochdadh ann an trì de na sgeulachdan goirid aig Dàna. Bidh tuilleadh fhaclan a’ tighinn ann an ùine gun a bhith fada. Ma tha thu airson mìneachadh fhaighinn air facal no abairt nach eil san liosta, leig fios dhuinn. Cuideachd, ma tha thu am beachd gu bheil mìneachadh nas fheàrr air a’ ghnàth-fhacal na tha sgrìobhte gu h-ìosal, no ma tha thu dhen bheachd gu bheil coltas ceàrr air gin dhiubh, bidh sinn nad chomain ma leigeas tu fios dhuinn! Aon rud ge-tà, cùm nad chuimhne gu bheil na h-abairtean air an taghadh a rèir an t-suidheachaidh anns na sgeulachdan fhèin, agus gu bheil na mìneachaidhean Beurla orra air an taghadh dha rèir.

Dòmhnall na Dachaigh (Pàirtean 1 & 2)

 

air seachran  astray; 

Rach air seachran – go astray; (metaphorically) err in one’s ways

Na dàimhich – the relatives; an luchd-dàimh

Spleuchdadh – staring, squinting; also: squish

rinn e spleuchdadh ri / a’ spleuchdadh air – he stared, squinted at…

bus – mouth, lip, cheek, snout

am bus air –in the huff, sullen, glum

for – awareness; 

cha robh aon fhor aice – she had no idea

gnothach – business, concern, matter, affair

cha robh iad ag iarraidh gnothach ri… – they didn’t want anything to do with…

gleus – key (music)

a’ cur a gleus fhèin air na gnàth-fhaclan – putting her own slant on the sayings

a’ faire-itealaich – hovering

a’ plapadaich – flapping

tog – pick up, lift

thog e air gu… – he set off for (towards)…

spongadh

air spongadh leis a’ phathadh  parched with thirst

rathad – road; way

’s math gu bheil rathad agad dhen deoch – it’s good you can hold your drink (lit: it’s good that you have a way of the drink)

Beò – lifetime;

Ri a bheò – in his lifetime

Dearrsach – downpour, heavy rain

Gabh dearrsach – drink buckets of alcohol

Othaig – a bad habit

’s tu a ghabh an droch othaig – haven’t you fallen into bad habits!

Leann-dubh – depression

An leann-dubh air…

Air – (preposition) on, after

Cha robh air ach… – there was nothing for it but to…

Bonn – sole of foot làrach – site, spot (place)

(ann) an làrach nam bonn – immediately, on the spot

Sgàil-riochd – an outline of a figure

Uimhreachd – observation

Chuir e uimhreachd oirre – she thought it strange (seeing Donald heading for the church so late)

Fada – long, far

Fada dhen latha – late in the day

Gobhal – fork (in the road)* gobhal-rathaid; thoir an aire gur e “crotch” ciall eile air an fhacal seo agus na tha mòran Ghàidheil a’ tuigsinn dheth nuair a chì no a chluinneas iad “gobhal”! Ach, ’s iomadh rud a tha gobhlach, agus ma tha beachd aig duine am bu chòir “forc san rathad” a bhith ann seach “gobhal-rathaid” bhiomaid toilichte cluinntinn bhuat.

Crìonglach – culprit, one made to pay the penalty

Fàl (an rathaid) – grassy verge of road

Aithearnach  – land ploughed for a second crop

a’ ciaradh – growing dark

còir – kind, righteous

srùbag – a ‘cuppa’, a cup of tea gabh srùbag – have a cuppa

atharrachadh – changing gràs – grace

atharrachadh nan gràs – religious conversion

lapan – sound of footsteps with wet feet

a’ lapanachadh suas an rathad – plodding up the road

ùtraid – croft access road

boillsgeadh – gleaming, shining

boillsgeadh den duine – a glimpse of the man

fidir, a’ fidreadh be aware of, explore

mur fidreadh e gun robh i a’ coimhead air – if he didn’t notice that she was watching him

 

Dòmhnall na Dachaigh (Gràin air do Ghobaireachd)

 

fada – long, far

B’ fhada le Dòmhnall gus …. Donald was impatient to…

Ceann – head

An ceann a’ ghnothaich thruaighe – on the pitiful errand

Sgrìob – a scratch, scrape; stripe; trip, journey

Sgrìob ghoirid de rathad còmhnard – a short, flat stretch of road

Sraon, ag sraonadh – digress, take a false step

Dh’fhàgadh an doras sraointe fosgailte – the door was left wide open (air a’chlab)

Tolman rainich – a mound of bracken

’na crùban – crouched (down)

Clobhdach – clumsy

An tòir air – in pursuit of cobhartaich – prey

Starradh – a sudden motion

Thug i starradh timcheall – she skipped around

Bad – tuft, bunch, cluster

Badan fraoich – clumps of heather badain fhraoich – small clumps of heather

Biorach – pointed, pricked

Cluasan biorach –ears pricked listening for the slightest sound

Fradharc – eyesight

San fhradharc – in view, sight (anns an t-sealladh)

Roid – run before a leap, run-up

Thug i roid gu… – She made a rush for…

Sgàthach – timid, fearful

Seathan – panting

Glugach – wobbling (like a cow’s udder)

Gu luideach – clumsily

Geilt – fear, terror

Turtar – thudding sound

Le turtar aig a cridhe – her heart pounding

Tàislich – soft sound like shuffling (a’ siabadh)

Tàislich chas – shuffling feet

Sporghail – noisy scramble, rustling (like mice, rats)

Làmh a’ sporghail – a hand rummaging (for something)

Preasach – wrinkled, furrowed (i.e. with worry, contemplation)

A bathais preasach – her forehead/brow furrowed/crinkled

Gliongadaich –  clinking sound (i.e. of money)

Somalta – placid

Tàmh – rest

Bha na buill ’nan tàmh – the members were off (for the holiday)

A dh’aona bhàgh – purposely

Cirb a’ chùrtair – the hem, edge of the curtain

Anam – soul, person (figuratively)

Cha bhiodh de dh’anam air a shròn a nochdadh – he wouldn’t dare to show his face

Claoidhte – exhausted, worn down

Air a chlaoidh – exhausted

Dìol – abuse

Thug e a dhìol dhi gun sgreuchail – it was all she could do not to scream

Tog – pick up, lift

Thog X rithe – X scarpered

Tòn – arse, ass, bum, backside

Tòn togsaid – barrel-ass (huge)

Gob – beak, nose (impolite)

A ghobag bhàin! – you little nosy blonde-haired ‘cow’! (i.e. the nosy, blonde bitch!)

Sìol, a’ sìoladh às – disappear, disappearing

Searg, a’ seargadh – withering (like leaves in autumn)

A bheatha a’ seargadh às – his life fading away

Gobaireachd – nosiness, busy-bodiness

Mo ghràin air do ghobaireachd! – Damn your nosiness!

 

An Seun

 

Gainntir – prison; cramped, confined place

Gainntir de dh’fhàrdach – a cramped, confined dwelling

Siolp (à) – pilfer (from)

Ceann – head

Bha e air gabhail ’na cheann gun robh… – he had got it into his head that…

Seun – a protective spell

…nan robh seun air a’ choimpiutair – if the computer were invisible (to any would-be thief because of a protective spell)

Fàth – reason, cause; opportunity

…a’ gabhail fàth gus… – awaiting his chance until…

Sgob, a’ sgobadh – pluck, snatch,

A’ sgobadh às (leann, biadh) – ‘gulping’ or scolfing (beer, food)

Brath – information, notice

Gun a bhith air a bhrath – without being discovered

Gu fiatach – stealthily

Fianais – witness, evidence

(ann) am fianais a’ ghàrraidh – that could be seen from the yard

(ann) an làn fhianais duine sam bith – in full view of anyone

Buatham – a sudden attack

Thigeadh buatham foidhe… – he would have a sudden impulse to…

Toinnte – twisted

Facal-faire toinnte – a complicated password

Stairean (staran) – a path

Sean – old

Fear leth-shean – a middle-aged man

Rian – order, method

Cha robh rian air nach robh e a’ faire air-san. There’s no way he wasn’t watching him.

Sgrios – destroy (v)

Cha robh sgrios air nach… – He was bound to have (done it).

Meidheadair an dealain – the electricity meter

Clisge – move suddenly, start

Cha rachadh a ghlacadh le clisg’ e.  He wouldn’t be caught in the act (unawares).

Cliobadh (le) – tripping up (on)

Plathadh – flash, glance

Fhuair e plathadh dhith… – He caught a very brief glimpse of her…

Forcadh – getting a purchase with hands or feet

A’ feuchainn ri forcadh nan cas fhaighinn – trying to steady herself

Aimhean – a fit

Ann an aimhean – having a fit (wriggling, rolling on the ground)

Riaslach – tearing, mangling; stressful, hectic

A leth-cheann riaslach le grinneal – the side of her face scratched and bloodied by gravel

Grèim – a grip

Chuir i a casan an grèim – she put her foot down (i.e. strong willpower, being firm in intention)

’s ann a thog i oirre – and off she went

 

Prionnsa na Pàirce

 

Pàillean – pavillion (in this case building, but often, tent)

Latha-fèill – market day, day of the fare

Pàirc a bh’ air làtha-fèill a b’ fheàrr  – a park that had seen better days

Greadhnachas – grandeur

Tacsail – sustaining

Sliochd – descendents, offspring

Bu shliochd dhàsan iad – he was descended from them

Ceòb – a dark nook or corner

Caog – wink

Le sùilean caogte a’ coimhead – looking with one eye shut

Mol, a’ moladh (do) – praise, praising

Mholadh e an latha dhaibh – he would greet them (with a comment about the weather)

San dol seachad – in passing

Grèim – hold, grip, grasp; custody

Bhon a thug iad an grèim e – since they took him into custody

An tacsa – in support (of)

druim an tacsa balla – back leaning against a wall

drèin – facial expression (usually scowl)

glàm – a large mouthful

ghlàmadh iad sìos e – they’d gobble it down

bho – (preposition) from, since

cha robh bhuapa ach… – all they wanted was…

talaich, a’ talach – complaining ( as a child about having to eat all their dinner or something it doesn’t like)

càil – appetite, disposition, desire

nuair a thigeadh e ri an càil – when they felt like it

èirich, ag èirigh – rise, rising

dh’èireadh air gu grad – he’d suddenly lose his temper, get angry, become furious

saod – expedient

an saod a bh’ aige air… – his expedient to…(i.e. escape, get rid of them)

cubhaidh – decent, fit, becoming, seemly

mar a bu chubhaidh dha – as befitted him (highly formal register on purpose)

àilgheas – will, inclination, desire

gu àilgheas fhèin – to his heart’s desire (highly formal register on purpose)

 

 

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach