Daibhidh Bochd

David Moyes MUFC 2013

Uill, cha tug sin fada. Daibhidh Moyes air an t-sitig taobh a-staigh deich mìosan. “Is ladarna an cù air a shitig fhèin” mar a chanas iad. Ach cha robh coltas ann gur ann air a shitig fhèin a bha Moyes.

Bu mhòr an euchd a rinn Ailig Fearghasdan an-uiridh gan treòrachadh chun an tiotail uair eile mus do leig e dheth a dhreuchd ach chùm sin an dubhar air daoine mu na cluicheadairean aosta, gillean faoin agus structaran cugallach a bha e a’ fàgail air a chùl.

Ged nach dèan luchd-leantail Mhan U dearmad air na rinn Fearghasdan dhaibh (uill iadsan a bhios deònach fantail agus nach robh ann air toir glòir a-mhàin), ’s mathaid gun cuir Moyes, a thagh Fearghasdan fhèin, cuimhnich, sgleò beag air dìleab Fhearghasdan, mar a thachair le Matt Busby a bha a’ tathaich thrannsairean Old Trafford ro fhada às dèidh dha fhèin oifis a’ mhanaidseir fhàgail.

Tha gu leòr air feadh an eadar-lìn mu na h-adhbharan airson fàilneachadh ach bha e coltach gun robh an obair ro mhòr do Mhoyes – nach robh e comasach dha a dhòighean atharrachadh bho Everton far an robh e math gu leòr a bhith anns an t-siathamh àite seusan as dèidh seusain. Tha e ioranach gur e Everton a chuir ceap a’ bhàis air iomairt thruagh Dhaibhidh le buaidh dhàna 2-0 air Là na Càisge. Là duilich airson Crìostaidh mar Mhoyes, cha bhi aiseirigh ann airson an Albannaich aig Old Trafford co-dhìu.

’S dòcha gun robh an obair ro mhòr ach cò dhiùltadh an cothrom a dhol ann mar mhanaidsear? Thug e cothrom do Mhoyes fuasgladh fhaighinn air a chòmhstri le Wayne Rooney agus mar sin, tha e coltach gum fuirich Rooney ann am Manchester greis fhathast. Gheibh Moyes a dhuais, nuair a bhios an teaghlach Ghlazer a’ pàigheadh dheth a chùmhnant, ach is cinnteach gum bi e goirt dha airson ùine mhòir.

Mar a thuirt Donnie Maroot air Facebook an là eile, thug e còrr is trithead bliadhna airson Obar Dheathain a bhith faighinn seachad air Fearghasdan fhàgail agus e fhèin a’ saoilsinn gur mathaid gun toir e ceart cho fada airson Man U. Le Liverpool air ais aig bàrr, còmhla ri Chelsea, Man City, gun ghuth air Everton, Spurs is Arsenal, tha obair mhòr ron ath mhanaidsear na Deamhain Dhearga a thilleadh gu mullach ball-coise Shasainn.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach