Dàn | Marcas

A' chiad bhoireannaich a cheumnaich à Oilthigh Dhùn Èideann

A’ chiad bhoireannaich a cheumnaich à Oilthigh Dhùn Èideann

Bha trioblaidean againn le puist-dealain o chionn mios no dhà agus mar sin, cha d’ ràinig dà phios le Marcas Mac an Tuairneir gus an latha eile. Tha sinn gam foillseachadh an seo gus an cur fa ur comhair.

Dàn a sgrìobh mi son là eadar-nàiseanta nam ban.
Thug thu bhuat do speuclairean,
an dùil a sgrùdadh gun iompaidh;
sùil ùr air eachdraidh
ga cur mud choinneamh.

Bana-sgoilearan gan grinn-riaghladh
an loidhn’ a-rèir iarraidh
fhireannaich le lionsa.

Dhearc thu an seasamh,
sgeadaicht’ an fiughair
dubh-is-geal Bhioctòirianaich.

Dh’fheuch mi rium ruathar
an sgiortan slaparach air Potterow.
Tsunami do loidhne-ama fireannta.

Thionndaidh thu, beul-fosgailte
gog-shùileach le iongantas
às dèidh leughadh an coileanais,
earr-nòtaichte le ealain an athraichean.

  • Tha Marcas Mac an Tuairneir na thagraiche ollamhachd ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Tha ùidh aige ann an litreachas is dràma na Gàidhlig, teòirig chuèir, iar-cholonachd is boireannachas.
  • Tha e air dà leabhar bhàrdachd a sgrìobhadh – Deò (2013, Grace Note Publications) is Lus na Tùise (2016, Clò a’ Bradain) a tha rim faotainn bho ghrunn bhùithean is rèiceadairean air-loidhne.
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach