Dannsair Cèilidh a’ Chriosa Dhuibh

 

Cò leis nach bu mhiann dannsadh le sùrdag?
Ach dhan tè seo b’ionnan mireadh is màbadh.

Dannsair Cèilidh a’ Chriosa Dhuibh

Ged is èibhinn leam boireannach le sìnteag na cois
‘S èiginn dhomh innse mar a rinn tè orm a chùis

B’ e deireadh na h-oidhche; Strip The Willow
Nuair bu lèir dhomh an tè a lìon mi le eagal
‘S i a thàinig i gu m’aire bho oir mo shula
Sia troighean a dh’àirde; aig a’ char as lugha
Gruag fhada ruadh oirre, dreasa ghoirid thartain
Cus maise-gnùis oirre, tatù air a gàirdean
Is i a’ cur charan dhith, fear mar dòtaman
A’ caitheamh a cèilean, caran mar doileagan

Bu chòir gun cuireadh cuideigin mun aire dhi
Gun robh an clas Judo ann an t-seachdain sa chaidh

Dh’fheith sinn ar creach mar fhir air an dìteadh
Le breitheanas a’ teachd, na mhire, ’s e air iteag
Nuair a bha còir agam a bhith air teicheadh
Air adhbhar air choireigin, bha mi air reòthadh
Chan ann le mo dheòin a nochd smig air m’aodann
Ach leis a’ mhaoim a bh’agam nuair a thàinig i thugam
Bu daingeann a grèim nuair rug i air mo ruighean
Is theann sinn ri ruidhleadh mar gur caraichean sinn

Cha d’fhuair mi raighd a bha cho oillteil, garbh
Bhon a bha mi uair air splaoid aig Altan Towers

Ged bu duilich mo chàs fhad ’s a bha sinn a strì
Bu duilighe a dh’fhàs e nuair a leig i às mi
Fhuair mi gun robh mo bhuinn a’ falbh an làir
Bha mi a’ sgèith nam dheann, gun stiùir, tron adhar
Beagan fon mhullach a bhuail mi ris a’ bhalla
Làn pian a theàrn mi gu mall air ais gu talamh
Nuair a chrath mi mo cheann is a thàinig mi thugam
Cha robh sgeul air a’ bhean dh’fhàg mi nam èiginn

Bha i mar-tha thall aig deireadh an t-sreath
‘S i le àr a bha oillteil ga leantainn na dèidh

Chliob mi gu cugallach air ais gu m’àite
Le mo shùil glacte e air an tè chraicte
Cò leis nach bu mhiann seatadh le sùrdag?
Ach dhise b’ionnan mireadh is màbadh.
Nan tigeadh i mu thimcheall aon uair eile
Gur teann bhiodh m’iargall; bhithinn air chall
Cha robh coltas ann gun tigeadh an ceòl gu crìch
Bha an còmhlan fo làn sheòl le spìonadh nan cluich

‘Dhia dèan trocair orm!’ dh’èigh mi, is rinn E sin
Thuit fear a’ bhogsa far sheithir le gàireachdainn

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach