Dè cho sìobhalta ’s a tha sinn?

Thug mi èisteachd don chòmhradh eadar Niall O’ Gallagher agus Marc Mac an Tuairnear air Aithris na Maidne mu dhà sheachdain air ais a thaobh an lagha ùir co-cheangailte ri còraichean gèidh a dh’aontaich a’ Phàrlamaid ann an Alba.

Tha an lagh seo a’ toirt cead do dh’fhireannaich ghèidh cur às do na dìtidhean a fhuair iad fo na seann laghan ro 1981. Sin àm san robh gnìomhan feise eadar dithis fhear deònach ge be bha iad ann an àite dìomhair no nach robh, agus pògan is suiridhe eadar fir ann an àitean poblach, air an toirmeasg.

Bho nach eilear am beachd gun tig ann ach dòrlach dhaoine am measg nan ceudan a bha beò sna bliadhnaichean ud gus cothrom an ainmean a dhubhadh à clàr nan eucoirean, thathar a’ faicinn an leasachaidh seo air reachdas na h-Alba mar rud samhlachail is cudromach do dh’inbhe nan daoine gèidh is tar-ghnèitheach, seach mar atharrachadh a nì diofar mòr obann air an saoghal-san an-dràsta.

Le sin a ràdh ge-tà, chan eilear ga mheas neo-phrìseil am piseach a chuireas am mùthadh beag seo air staid nan daoine a bh’ air am peanasachadh agus air a bheil, ‘s dòcha, tàmailt an dìtidh ’na laighe gu trom air an cridhe chun an latha an-diugh, ma tha iad beò fhathast.

Chan eilear a’ cur an suarachas nas motha na laghan a th’ againn a-nis a thaobh chòraichean daonna a tha a’ dìon chan e a-mhàin daoine gèidh, ach iomadh mion-chuid eile san dùthaich o leth-bhreith is fòirneart nan aghaidh; anns an àite-obrach, air an t-sràid, agus mar luchd-ceannaich sheirbheisean ann an taighean-òsta, taighean-bìdh is bùthan, msaa.

Ann an dòigh, tha na laghan a th’ againn an-diugh air sgàth Pàrlamaid na h-Alba agus an Aonaidh Eòrpaich a’ dìon neach sam bith o ghamhlas a tha a’ freumhachadh ann an gràin do dhaoine diofraichte bhon mhòr-chuid, ach cha dìon na laghan againn sinn o ghamhlas a-mhàin mura bheil droch-ghnìomh ann nar n-aghaidh a thàinig an lùib a’ ghamhlais sin.

Mar eisimpleir, dè mu dheidhinn an fhir òig don robh dreuchd air a thairgsinn le manaidsear no stiùiriche a chionn ‘s gun robh na sgilean a b’fheàrr aige, air neo, gun do shaoil iad anns an agallamh gum b’esan a bu mhotha a chòrdadh ri càch san oifis? An uair sin, chaidh an tairgse obrach a tharraing air ais. Carson?

Tha deagh-amharas aig an tagraiche ghèidh gun do dh’amais iad air a’ phròifil Facebook aige agus gun tug iad an aire gun robh e a’ dèanamh suas le bràmair fireann bho chionn dà bhliadhna. Cha dìon na laghan againn duine o bhith a’ call cothrom air obair ùr mur urrainn dhaibh dearbhadh gur e leth-bhreith no gamhlas an aghaidh an rud a tha nan aorabh – co-sheòrsachas, cinneadh msaa., a rinn gun deach fear no tè eile a thaghadh air thoiseach orra. Oir, faodaidh am fear no tè a dhiùlt iad air sgàth nan adhbharan sin leisgeil a thoirt le coltas dligheach air. Chan e seo ach eisimpleir de na dh’fhaodadh tachairt.

Ged a tha leth-bhreith an aghaidh co-sheòrsachais doirbh a dhearbhadh, chan ionann sin agus leathachas a thaobh chinnidhean. Ma thathar a’ dèanamh sgaradh sam bith eadar daoine, a’ cur cnapan-starra man coinneamh ‘s dreuchd agad le cumhachd gus sin a dhèanamh air sgàth a’ chinnidh aca, ʼs e “cinnidheachd” a tha sin. Chan abair mi “gràin-chinnidh” ris gach turas a chionn ’s nach eil gràin an-còmhnaidh ʼna lùib, ach dh’fhaoidte gu bheil an leathachas seo a’ nochdadh air sàilleabh claon-bheachdan air nach eil eadhon am fear no tè “leth-shùileach” aig a bheil a’ chumhachd mothachail. Ma bhios tu a’ seachnadh dhaoine air sgàth a’ chinnidh aca, ‘s e cinnidheachd a th’ann ge be tha gràin agad orra no nach eil.

Ged a tha DNA a’ leigeil ris dhuinn gu bheil sinn uile nar cothlomadh de threubhan eadar-dhealaichte o chian nan cian, cha toir sinn an aire do sin mura bheil tuar craicinn eadar-dhealaichte oirnn. Ann an ceàrnaidhean cumhang dhen dùthaich, thèid cur sìos air daoine à cinnidhean is cultaran eile dìreach air sgàth tuar a’ chraicinn no fiù ’s dìreach blas-chainnt eu-coltach ris a’ mhòr-chuid timcheall orra.

A thaobh dùthchannan cèine, chan eil e na iongnadh dhuinn faicinn gur e na comainn as truime air co-sheòrsaich, feadhainn dhe na comainn is dùthchannan as truime sa chruinne-chè air boireannaich – airson a bhith, seadh, nam boireannaich! Sin rud a tha mòran dhaoine thall ‘s a-bhos a’ tuigsinn a thaobh leathachais an aghaidh creideimh, cinnidh, co-sheòrsachais is eile. Nuair a thig air duine, thig oirnn uile. Tha cead do dhalmachas ri aon dream a’ leigeil cead do ghràin is gamhlas a’ sgaoileadh an aghaidh dhreamannan eile agus do dhroch-ghnìomhan nan aghaidh aig a’ cheann thall. Tha leathachas no gamhlas ann an aon roinn-shòisealta ga thàrmachadh ann an roinnean eile.

San Eadailt an-dràsta, tha e coltach a-nis gu bheil pàrtaidh na fìor làimhe deise na phàirt dhen riaghaltas le ministear-dùthcha a’ cur lagh an-sàs gus muinntir Roma a shadail às an tìr. Ma tha saoranachd na h-Eadailt aca, “‘s mòr am beud” thuirt e, ach cha tèid an cur air fògradh. Mur e gràin-chinnidh a tha sin, tha mi air mo mhòr-mhealladh. Sin na briathran gamhlasach a th’air a bhith dol cho fada a’ tionndadh a-nis gu do-bheart da-rìreabh.

A’ fuireach san Iapan, chì mi sluagh a tha an ìre mhath fulangach a thaobh rudan as dòcha nach biodh comainn eile deònach a ghiùlan gun a bhith a’ trod, a’ talach ’s a’ gearan. Mar eisimpleir, leis na th’ann de dhaoine a’ tighinn beò sna prìomh bhailtean, bidh iad a’ cur suas le rud a mheasadh càch mar “tighinn a-nall air an còir fhèin” (invasion of personal space) oir feumaidh iad; chan eil a dhà dhòigh air.

An-dà, bidh iad gan dinneadh fhèin a-steach do bheàrnan cho cumhang air an trèan ’s nach urrainn do dhuine seach duine gluasad air a sgàth. Is ann gu h-àraidh ann an Tokyo a tha sin far a bheil an t-àite cho dubh le daoine. Tha an cultar  “mar aon” (group mentality) aca agus am modhalachd ga dhèanamh nas fhasa gabhail ri bhith air an cur gu mì-fheum no mì-chomhfhurt air an dòigh seo.

Ged as e deamocrasaidh bheothail a th’ anns an dùthaich seo, agus còraichean aig gach duine mar a tha sna dùthchannan deamocratach eile, chan eil cead do phòsadh gèidh ga thoirt seachad ach ann an aon cheàrn beag de Thokio ris an canar “Shibuya”. Chaidh seo aontachadh sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, ach chan fhaod e tachairt an àiteachan eile. Tha Shibuya mar eilean beag leis fhèin am meadhan cuan mòr an dalmachais.

Mas e neach ‘tar-ghnèitheach’ a th’ annad san Iapan agus tu a’ tagradh don chùirt gus do ghnè atharrachadh gu laghail, chan fhaod thu sin a dhèanamh gus a bheil thu fichead bliadhna a dh’aois, agus feumaidh tu a bhith air do dhèanamh seasg fon lannsa agus gun chlann agad a-cheana!

Chan eil lagh sònraichte san Iapan a’ dìon daoine gèidh o leth-bhreith san àit’-obrach no an roinnean eile dhen bheatha, ged a tha laghan ann a’ dìon a h-uile duine againn o leth-bhreith. Mar an ceudna, chan eil lagh sònraichte ann a’ dìon mion-chinnidhean san dùthaich o dhalm-bheachdan no leth-bhreith no gràin nan aghaidh, ach tha laghan ann gar dìon uile o ghràin is fòirneart nar n-aghaidh. An e an Iapan an aon dùthaich dheamocratach aig nach eil lagh a’ dìon mion-shluaghan o ghràin-chinnidh san tìr? A bheil seo na fhianais de dh’fhulangas a’ chomainn aca, a’ mhòr-chuid cho bàigheil ri mion-chodaichean nach fheum laghan sònraichte a bhith ann? Gun teagamh, chan eil reataichean fòirneart cho bitheanta acasan ’s a tha iad ann an dùthchannan eile. Dè tha sin ag innse dhuinn mun chomann-sòisealta aca?

Co-dhiù no co-dheth, o chionn ghoirid, dh’aontaich Pàrlamaid na h-Iapain lagh ùr an aghaidh “cainnt ghràineil”. Tha seo gu sònraichte mar fhreagairt do chainnt ghràineil air a tomhadh ris a’ choimhearsnachd Choireanaich, ach chan eil e a’ gabhail a-steach cainnt ghràineil an aghaidh luchd-imrich san fharsaingeachd, no ri tùs-mhuinntir a’ chinn a tuath, na h-Ainu.

​‘S tric a chluinnear gur e Alba tè de na dùthchannan as làidire a thaobh chòraichean gèidh, is mhion-chodaichean eile. Chan ionann seo agus an suidheachadh o chionn 30 bliadhna ro ath-thighinn Pàrlamaid Dhùn Èideann. Ach carson a dh’fheumas sinn an leithid seo de laghan ma tha a’ mhòr-chuid againn reusanta agus fulangach a thaobh chaitheamhan-beatha diofraichte bhon mhòr-chuid? Am feum sinn na laghan seo a chionn ‘s nach eil a’ mhòr-chuid againn cho fulangach no reusanta ’s a tha sinn a’ saoilsinn? Air neo, an e beag-chuid dhalma, mì-reusanta as coireach gu bheil na laghan sin a dhìth oirnn gus ar dìon bhuainn fhìn?

Le Steaphan MacRisnidh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach