Dearg le fearg an Èirinn

©Eddie Wong

©Eddie Wong

Bho chionn ghoirid tha luchd na Gaeilge an Èirinn a’ fulang buille an dèidh buille: measgachadh mì-chàilear de ghearraidhean, crathaidhean agus ‘ath-leasachaidhean’ a tha a’ milleadh saothair agus adhartas a rinneadh thar mòran bhliadhnaichean. Tha cuid a-nis ‘dearg le fearg’. Chaidh na mìltean a-mach air sràidean Bhéal Feirste airson deamo mòr air 12 Giblean, An Lá Dearg, agus roimhe sin, air 15 Gearran, bha suas ri 10,000 air sràidean Bhaile Átha Cliath airson Lá Mór na Gaeilge.

Is dòcha gu bheil sealladh car romansach aig cuid de luchd na Gàidhlig air Èirinn agus suidheachadh na Gaeilge: eu-coltach ris a’ Ghàidhlig, tha inbhe oifigeil (bhun-reachdail) aig a’ chànan, tha i ga teagasg anns a h-uile sgoil, tha i a’ nochdadh air soidhnichean anns a h-uile àite. Ach tha aineolas agus mì-rùn luchd an aona-chànanais pailt is follaiseach an Èirinn cuideachd, agus tha nàimhdean a’ chànain cumhachdach.

Tha na connspaidean a dh’èirich bho chionn ghoirid a’ buntainn ri structaran leasachaidh agus co-dhùnaidhean air maoineachadh.

Ann an 2003 chaidh Achd na dTeangacha Oifigiúla (Achd nan Cànan Oifigeil) tron Oireachtas (Phàrlamaid). Car coltach ri Achd na Gàidhlig a-bhos, tha an Acht a’ toirt air buidhnean poblach sgeamaichean Gaeilge a chur air dòigh gus luchd na Gaeilge a fhrithealadh. Cuideachd chaidh oifis a’ Choimisinéir Teanga a chruthachadh. (Chan eil a leithid a dh’oifigear an Alba idir, ach tha sa Chuimrigh a-nis). Bha cumhachdan farsaing aig a’ Choimisinéir a thaobh cur an gnìomh na h-Achd.

Chaidh Seán Ó Cuirreáin, a bha roimhe na chraoladair, a chur san dreuchd ann an 2004 agus bhon toiseach bha e dripeil agus gnìomhach – rud nach do chòrd ri cuid san raon phoblach a bha a’ gabhail ris, a rèir coltais, nach toireadh Acht na dTeangacha Oifigúla buaidh orra an da-rìribh. A rèir na h-achd feumaidh an Coimisinéir aithisg bhliadhnail a chur a-steach a h-uile bliadhna, agus thar nam bliadhnaichean dh’fhàs na h-aithisgean na bu dhuibhe is na bu dhuibhe, ag innse mar a bha an Riaghaltas agus na buidhnean poblach a’ seachnadh an dleastanasan le seòltachd is leisgeulan. Anns an aithisg airson 2012 dh’ainmich an Coimisinéir mòran uireasbhaidhean a bha nan adhbharan dearg-nàire. An rud as miosa, is dòcha, b’ e cleachdadh Oifig na gCoimisinéirí Ioncaim (na Revenue Commissioners) a thaobh eadar-theangachadh shanasan naidheachd. An àite a bhith a’ cur a-mach nan sanasan san dà chànan aig an aon àm, ’s ann a bha iad a’ foillseachadh nan tionndaidhean Gaeilge ann an cnapan, dà thrup sa bhliadhna, ged nach robh feum sam bith annta tuilleadh.

Mu dheireadh chaill an Coimisinéir a mhisneachd a-muigh ’s a-mach agus leig e dheth a dhreuchd gu h-obann aig toiseach na Dùbhlachd 2013 agus e a’ toirt seachad fianais do chomataidh den Dáil (a’ Phàrlamaid) mun aithisg bhliadhnail aige agus mu na duilgheadasan a dh’ainmich e innte. Thòisich Coimisinéir ùr na àite, Rónán Ó Dónaill, anns a’ Mhàrt 2014. Tha e ro thràth a ràdh dè thachras a-nis, ach is cinnteach gu robh tòrr gu math toilichte nuair a fhuaras cuidhteas Seán Ó Cuirreáin agus gum bi Rónán Ó Dónaill air a bhacadh leis na h-aon cnapan-starra ’s a bha Seán Ó Cuirreáin.

A bharrachd air oifis a’ Choimisinéir, tha Acht na dTeangacha Oifigúla fhèin an cunnart. As t-earrach 2012 rinn an Riaghaltas co-chomhairle phoblach air ‘ath-sgrùdadh’ air Achd na dTeangacha Oifigiúla. Bhon toiseach bha e follaiseach gur e lagachadh an lagha a bha fa-near dhaibh seach a leasachadh no a neartachadh. Dà bhliadhna an dèidh deireadh na co-chomhairle, aig toiseach a’ Ghiblein 2014, dh’fhoillsich an Riaghaltas na molaidhean aca a thaobh atharrachadh na h-Achd. Thèid an lagh a lagachadh ann an grunn dòighean cudromach. An toiseach, thèid cur às don riatanas anns an Achd gum feumar a h-uile sgrìobhainn a tha a’ cur an cèill mholaidhean a thaobh poileasaidh poblach fhoillseachadh anns an dà chànan oifigeil (seach anns a’ Bheurla a-mhàin). Tha cosgaisean co-cheangailte ri eadar-theangachadh air a bhith nan adhbhar mòr connspaid an Èirinn, a’ sàrachadh luchd nan tabloids agus a leithid.  Cuideachd, mairidh na planaichean cànain a thèid aontachadh fon Acht seachd bliadhna an àite ceithir – nas fhaide na teirm Coimisinéir, nas fhaide na beatha riaghaltais. Agus bho seo a-mach bidh an Coimisinéir fo smachd Ministeir an Ionmhais seach Ministear na Gaeltachta. Uile-gu-lèir, tha na ‘leasachaidhean’ seo ag amas air lùghdachadh chosgaisean agus dleastanasan nam buidhnean poblach, is chan eil guth annta air feumalachdan no còirichean luchd na Gaeilge.

A bharrachd air an Acht, tha an Stráitéis 20 Bliain don Ghaeilge 2010-2030 (Ro-innleachd 20 Bliadhna) a-nis an ìre mhath marbh. Chaidh am plana leasachaidh farsaing seo a chur ri chèile thar grunn bhliadhnaichean le taic bho chuid de na prìomh-eòlaichean eadar-nàiseanta. Ach chaidh a foillseachadh mus do thòisich linn nan gearraidhean an Èirinn agus mus do thaghadh an Riaghaltas a th’ ann an-dràsta ann an 2011. Bhon uair sin tha e follaiseach nach tèid na targaidean a choileanadh agus nach gabhte ceumannan nan ionnsaigh.

Fhuair luchd na Gaeilge tuilleadh droch naidheachd anns a’ Ghearran, bho Ard-Chúirt na hÉireann. Ann an co-dhùnadh cudromach, Ó Maicín v. Ireland , cho-dhùin an Ard-Chúirt nach eil còir laghail aig duine an dearbhadh cùirte aige a dhèanamh air beulaidh diùraidh le tuigse air a’ Ghaeilge. Tha a’ chòir seo aithnichte ann an grunn dhùthchannan, oir tha diofar mòr eadar conaltradh dìreach ris an diùraidh agus conaltradh tro sgleò an eadar-theangair. Cha robh co-dhùnadh na h-Ard-Chúirte na iongnadh, oir chan eil am prionnsabal seo stèidhichte ann an lagh na h-Èireann, ach bha e follaiseach gu robh na britheamhan a’ cur barrachd cuideam air leas luchd na Beurla agus feumalachdan na Stàite na air còirichean luchd na Gaeilge. Nochd aon bhritheamh, am Britheamh Hardiman, a eas-aonta gu deas-bhriathrach.

A bharrachd air na co-dhùnaidhean seo a thaobh poileasaidh, rinn Foras na Gaeilge co-dhùnaidhean cudromach a thaobh maoineachaidh a dh’adhbharaich connspaid is fearg. (Tha Foras coltach ri Bòrd na Gàidhlig ann an cuid de dhòighean, ged nach eil a raon dhleastanasan cho farsaing). Tha Foras ag obair air dà thaobh na crìche an Ėirinn – structar a tha co-cheangailte ri pròiseas na sìthe – agus tha an dleastanan thar-crìche sin aig cridhe na connspaid an-dràsta. A’ cleachdadh modal maoineachaidh a tha coltach ri na rinn Alba Chruthachail a-bhos, cho-dhùin Foras nach fhaigheadh ach sia buidhnean an Èirinn (deas no tuath) maoineachadh airson obair leasachadh cànain bho seo a-mach.

B’ e toradh a’ phròiseis seo nach d’fhuair gin de na buidhnean Gaeilge an Èirinn a Tuath taic idir, agus gun tèid obair leasachadh na Gaeilge air feadh an eilein a stiùireadh le buidhnean a tha stèidhichte sa Phoblachd. Bha cuid de na buidhnean anns a’ cheann a tuath glè làidir agus èifeachdach, gu h-àraidh Pobal , a tha a’ strì airson inbhe a’ chànain agus còirichean a luchd-labhairt. Tha cuid a’ cumail a-mach gum biodh mùchadh nam buidhnean seo feumail chan ann a-mhàin don Riaghaltas agus do nàimhdean na Gaeilge ach cuideachd do Shinn Féin, a tha ag iarraidh iomairt na Gaeilge a chumail fo a smachd fhèin, uiread ’s a ghabhas.

Tha luchd-taic na Gaeilge gu math nas pailte agus nas làidire na luchd na Gàidhlig an Alba, ach anns a’ cho-theacs nàiseanta tha iad lag agus fann. Tha e follaiseach gu bheil cuid an Èirinn toilichte na gearraidhean seo fhaicinn agus gu bheil tòrr a bharrachd coma is coingeis. Tha e nas follaisiche buileach dè thachradh an Alba nan èireadh backlash an da-rìribh an aghaidh na Gàidhlig.

– le Wilson MacLeòid

Chaidh an dealbh a chleachdadh le cead Creative Commons.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach