Deàrrsadh-grèine air Lìte | Ball-coise

gordon is athair

Hibs agus Cupa na h-Alba – Sgeul 114 Bliadhna air tighinn gu crìch – Gòrdan MacCoinnich a’ beachdachadh air deàrrsadh-grèine air Lìte.

Uill, tha mi cha mhòr air ais air talamh a-nis as-dèidh deireadh sheachdain iongantach. Mas e nach eil fhios agad dè thachair Disathairne is cinnteach nach eil thu a’ fuireach air an t-Saoghal againn!

Chaidh mi fhìn is m’ athair dha Hampden Disathairne. ’S e an treasamh turas tha sinn air a bhith ann airson an sgioba againn fhaicinn ann an cuairt dheireanach Cupa na h-Alba sna coig bliadhna a chaidh seachad.

Ann an 2012 agus 2013 chaill sinn gu dubh an aghaidh Hearts agus Celtic. Ach le Hibs – tha fhios aig cha mhòr a h-uile neach-taic ball-coise ann an Alba an eachdraidh a tha an lùib a’ chupa seo. Ged tha Hibs air a bhith soirbheachail san fharpais seo gu ìre – a’ faighinn dha deich finals – gach turas a tha sinn air a’ chuairt dheireannach a ruighinn chan eil Hibs air a bhith comasach an cupa fhèin a ghlèidheadh. Tha seo air a bhith fìor airson 114 bliadhna. ‘S e ‘hoodoo’ a bh’ ann. Bha Hibs mallaichte a rèir cuid.

Bha m’ athair ann nuair a chluich Hibs an aghaidh Rangers san cuairt deireanach an turas mu dheireadh ann an 1979 – as dèidh dà ghèam co-ionnann, bhuannaich Rangers an treasamh fear – cha robh uine a bharrachd air 90 min sna làithean ad!

rangers ticket

Leis an eachdraidh seo, ged a bha sgioba tòrr nas treasa againn am bliadhan, cha robh mòran duil gum b’ urrainn dhuinn a chùis a dhèanamh an turas seo nas motha.

Ach mar a tha fhios agaibh (mura a bheil sibh air a bhith fuireach fo chloich) mu dheireadh thall bhuannaich Hibs! Agus abair thusa nach do phàrtaidh sinn. Tha fhìos nach robh na h-uile modhail agus ’s truagh sin ach ag inns’ na fìrinne bha sinne san East Stand agus chan fhaca sinn ainneart sam bith.

As deidh a’ ghèama sgaoil teaghlach Hibernian air falbh bho Hampden air feadh na h-Alba agus an t-Saoghail ach an ath latha chruinnich 100,000 air sraidean Dhùn Èideann son an coileanas a chòmharrachadh. Cha d’ fhuair mi fhèin ach chòmhraich mi fhèin e ann an dòigh eile – dòigh ’s dòcha caran mì-àbhaisteach (chì sibh gu ìosal).

Uill, rinn Hibs a’ chùis air a’ chupa mu dheireadh thall. An ath sheusan bidh sinn a’ cluich ann an Cupa Europa agus cha b’ urrain dha muinntir Hibs a bhith nas toilichte. Cha b’ e ‘Cailis puinnsenta’ a mar thuirt aon de sgìobhadairean Dàna trì bliadhna air ais agus tha mi fhathast a’ fèitheamh airson leisgeul bhuaithesan – ach leis gun do bhuannaich Hibs a’ chupa cha chuir dad sam bith sìos mi!

hibs feur

– Gòrdan MacCoinnich

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach