Deasbad Gàidhlig an Reifreinn

ReferendumGaelicdeasbadanreifreinn 

Chaidh Steaphan MacRisnidh do Dheasbad Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann agus rinn e èisteachd ri argamaidean bho gach taobh den iomairt a tha air an dùthaich a bheò-ghlacadh.

Bha mi an làthair air a’ 14mh latha dhen Chèitean aig deasbad Gàidhlig air a chur air dòigh le Oilthigh Dhùn Èideann agus a b’ e, a-rèir an Ollaimh Rob Dunbar, “a’ chiad dheasbad mun reifreann neo-eisimeileachd air a chumail tro mheadhan na Gàidhlig a-riamh”. Feumar innse nach robh an t-Ollamh gu tur deimhinn às am b’ e no nach b’ e a’ chiad fhear Gàidhlig, ach tha e ceart a bhith ag ràdh gum b’ è a’ chiad dheasbad Gàidhlig mun reifreann anns an do ghabh Alasdair Allan, Ball-pàrlamaid na h-Alba aig na h-Eileanan an Iar, agus Alasdair Moireasdan, seann BhPA nan Làbarach, pàirt an aghaidh a chèile. Chan eil fhios ge-tà cò an iomadach Gàidheal a dh’fhaodadh a bhith air an reifreann a dheasbad am measg a chèile gu ruige seo, ge b’ e an tac an teine, sna taighean-òsta no sna h-eaglaisean a bha sin.

Tha an reifreann air bilean an t-sluaigh gu tric is minig, saoilidh mi, air tàilleabh nach eil latha a’ dol seachad gun luaidh no iomradh air anns na meadhanan. Ged a b’ e iomairtean nan eascaraidean, ‘Bu chòir’ agus ‘Cha bu chòir’, a’ slacadh càch a chèile, air neo an cunntas-bheachd as ùire, tha sinn air ar bàthadh le tuil naidheachdan a’ dòrtadh oirnn.

’S e deagh chothrom a bh’ anns an deasbad seo do Ghàidheil a bhith a’ cluinntinn nan cànan fhèin freagairtean ri ceistean a chaidh an sgrìobhadh tacan ron toiseach leis an luchd-èisteachd agus a thugadh don dithis dheasbairean, fear an dèidh a chèile, ann an dòigh rianail le Angela NicEachainn a bha ‘anns an eadraiginn’ ach nach d’ fhuair buille sam bith fhad ’s a bha i a’ stiùireadh an deasbaid eatorra! Fhuair gach compàirtiche mu 3 mionaidean an urra airson freagairtean a thoirt do na ceistean agus leis gur e cànan bhon ghlùin a th’ anns a’ Ghàidhlig aig a’ Mhoireasdanach à Uibhist a Tuath, saoilidh mi gun robh sin na bhuannachd dha a thaobh a bhith a’ deargadh a bheachdan-san oirnn ge b’ e bha sinn ag aontachadh leotha no nach robh. Dhòmhsa dheth, a tha airson gun tèid Alba neo-eisimeileach, bha e follaiseach gun robh liut aig a’ Mhoireasdanach air a bhith a’ gabhail òraid oir, ged a tha thu a’ dol le a chuid bheachdan no nach eil, chuir e an cèill na chànan màthaireil na h-argamaidean aig an iomairt ‘Cha bu chòir’ gu pongail, deas-bhriathrach.

’S e call a th’ ann nach eil Alasdair Moireasdan ann an Taigh an Ròid a’ riochdachadh muinntir nan Eilean Siar ann an dòigh air choireigin ged a tha e an sàs aig diofar ìrean, na stiùiriche ionadail air “Nas fheàrr còmhla” agus ’na stiùiriche air “CeangalG”, pròiseact an Aonaidh Eòrpaich a’ toirt taic do ghnìomhachasan Gàidhealach na h-Alba ’s na h-Èireann. Gidheadh, tha rùm gu leòr ann an Seòmar Deasbaid Holyrood airson nan òraidichean as fheàrr agus chan eil teagamh nach eil am Moireasdanach air fear dhiubh.

Cha b’ urrainn do Alasdair Allan ceann a’ mhaide a chumail ris a’ Mhoireasdanach a thaobh fileantachd na Gàidhlig, ach tha Alasdair Allan na BhPA a tha fìor chomasach ’s onarach agus chùm e gu daingeann ri fìrinnean ’s fiosrachadh Riaghaltas na h-Alba a thaobh neo-eisimeileachd. ’S e Gàidhlig ionnsachadh a rinn Alasdair Allan, agus am measg luchd-poilitigs chan eil a shamhail ann, ball-pàrlamaid Albannach a th’ air Gàidhlig ionnsachadh gu ìre far an urrainn dha òraidean a dhèanamh agus poileasaidhean a’ phàrtaidh aige ’s aig an riaghaltas a mhìneachadh do na meadhanan innte.

Ged a b’ e deasbad rianail a bh’ ann le ùine cho-ionann ga toirt don dithis fhear, bha sin ga fhàgail beagan ro shuidhichte, air mo shonsa dheth co-dhiù. Bha aca ri a chumail taobh a-staigh uair a thìde, ach nan robh àite air a thoirt do cho-labhairt ris na daoine san èisteachd, dhèanadh e na bu bheothaile ’s na bu “rannsachaile” ’s dh’fhaoidte gum biodh sinn air caochladh thaobhan fhaighinn nach robh buileach a rèir argamaidean “nan seann mhaor eòlach”, ach a bhiodh tarbhach a dh’aindeoin sin.

Sin dìreach puing bheag bhuamsa mar neach a tha an-còmhnaidh ag iarraidh na daoine cumanta a bhith an sàs anns na rudan cudromach a tha a’ bualadh orra gu dìreach. Tha sin na phàirt bhunaiteach de ar còraichean mar shìobhaltaich, ach ’s duilich leam aideachadh gur e “ìochdarain” a th’ annainn uile ann an dòigh oir ’s e monarcachd a th’ anns an Rìoghachd seo fhathast. Tha e coltach gu bheil am Moireasdanach riaraichte le sin oir thuirt e san deasbad gu bheil ar còraichean “air am buileachadh oirnn leis an Stàit” ’s gun robh esan toilichte le sin, agus tha fhios agam dè a bha e a’ ciallachadh, oir tha còraichean againn mar shìobhaltaich a bharrachd air a bhith nar n-ìochdarain fon teaghlach rìoghail! Ge-tà, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sinne, an sluagh, a’ dleasadh ar cuid chòraichean agus tha e mar dhleastanas air an Stàit na còraichean sin a dhaingneachadh dhuinn, seach rud a thèid “a bhuileachadh” oirnn.

Bhuilicheadh fradharc ’s claisneachd ’s comas breithneachaidh orm, agus an dèidh an deasbaid mhath, òrdail ris an robh mi ag èisteachd, cha do dh’atharraich mi mo bheachd gur e neo-eisimeileachd phoilitigeach an rud as fheàrr do mhuinntir na h-Alba air fad.

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach