Deasbad nan Deasbadan | Poileataigs air TBh

Greens on debate

 

Tha rudeigin mòr air tachairt ann am poileataigs san Rìoghachd Aonaichte o chionn ghoirid.

Dè bha siud? Reifreann? Eh?

No, no – tha mi a-mach air Ukip, ’s iad air a’ chiad bhall pàrlamaid aca fhaighinn ann an Clacton. Oir tha sin a cheart cho cudromach ’s a tha 1.6 millean daoine a’ bhòtadh airson neo-eisimeileachd, nach eil?

Mar a sgrìobh cuideigin air Twitter, leis cho tric ’s a tha Ukip air a bhith a’ nochdadh air an TBh, bu chòir dhuinn a bhith ag ràdh “mealaibh ur naidheachd!” ris a’ BhBC, gun d’ fhuair iadsan a’ chiad bhall phàrlamaid acasan.

Air ais sa Chèitean, aig àm taghadh Pàrlamaid na h-Eòrpa, fhuair am BBC mu 1,200 gearanan bho dhaoine ’s iad uile den bheachd gun robh Ukip a’ faighinn fada cus ùine air na prògraman aca. ‘S e an fhreagairt bho dheasaiche poileataigs a’ BhBC, Nick Robinson, gun robh Ukip gan stèidheachadh mar an ceathramh pàrtaidh san Rìoghachd Aonaichte, agus mar sin, gum bu chòir don Bheeb gan sealltainn gu tric air an sgrìn.

An t-seachdain sa chaidh, chuala sin gun robh planaichean aig na buidhnean craolaidh – am BBC, ITV agus Sky – cuireadh a thoirt dha Farage a bhith an làthair aig fear de na deasbadan ron Taghadh Choitcheann an 2015, còmhla ri David Cameron, Ed Miliband agus Nick Clegg. Chan eil pàrtaidh sam bith eile air cuireadh fhaighinn. Tha sin a’ leantainn air beachd Nick Robinson gur e Ukip a-nis a tha na cheathramh pàrtaidh san RA. Cia mheud ball pàrlamaid a th’ aca a-rithist? O aoidh: AON.

Nise, tha Ukip air BP fhaighinn, agus tha am pàrtaidh air a riochdachadh aig ìre ionadail, agus aig ìre Eòrpach, cuideachd. Ged tha cuid de na poileasaidhean aca sgrathail dha-rìribh dhomh, tha iad a-nis nar pàirt den t-saoghal phoileataigeach againn san RA, agus mar sin tha iad airidh (iochd!) air àite anns an deasbad san fharsaingeachd. ‘S e a tha ceàrr an seo gu bheil na buidhnean craolaidh a’ taghadh cò na pàrtaidhean a tha airidh air àite, ’s iad a’ fàgail a-mach na pàrtaidhean eile aig a bheil riochdairean aig ìre ionadail, nàiseanta agus Eòrpach.

A bharrachd air na trì pàrtaidhean mòra ann am Westminster, tha buill phàrlamaid aig an DUP (8), an SNP (6), Sinn Féin (5), Plaid Cymru (3), an SDLP (3), am Pàrtaidh Uaine (1), an Alliance Party (1), agus Respect (1), cuideachd. Carson nach eil na pàrtaidhean sin a’ faighinn an uiread de chothroman ’s a tha Ukip a’ faighinn?

Uill, tha cuid ag ràdh nach bu chòir do na pàrtaidhean “ionadail” – an SNP, Plaid Cymru, na pàrtaidhean o Èirinn a Tuath – a bhith an làthair, leis nach eil buill phàrlamaid aca anns gach dùthaich san RA. Ach, air an làimh eile, chan eil BP sam bith aig na pàrtaidhean mòra ann an Èirinn a Tuath. Ann an Alba, tha na nàiseantaich ag ràdh gum bu chòir dhaibhsan a bhith an làthair a chionn ’s gum bi tiomnadh chumhachdan (no devolution) na chuspair mòr ron taghadh ann an 2015, agus nach bhiodh e ceart mura biodh guth Albannach ri chluinntinn aig co-dhiù aon de na deasbadan.

Gu dearbh, post indyref, nach bu chòir sealladh nas fharsainge a bhith againn a thaobh poileataigs san RA air fad, a tha mothachail air gach dùthaich? Ma tha sinn uile “nas fheàrr còmhla”, carson nach fhaod sinn uile a bhith còmhla air aon de na deasbadan Tbh? Bidh an àrd-ùrlar caran trang, ceart gu leòr, ach gabhaidh a dhèanamh – nach eil na daoine seo air Borgen fhaicinn?

‘S e dleastanas nam buidhnean craolaidh a bhith a’ leantainn air faireachdainn a’ phobaill: “reflecting public opinion”, mar gum b’ eadh. Gu dearbh, tha na buidhnean craolaidh a’ cumail a-mach gur e sin na tha iad a’ dèanamh leis a bhith a’ toirt àite do Ukip. Ach, gu follaiseach, tha mòran den bheachd gu bheil am BBC a’ stiùireadh faireachdainnean a’ phobaill, an àite a bhith gan leantainn, tron a bhith a’ toirt cus ùine do Nigel Farage. Agus chan e rud ùr a tha seo, nas motha: tha Farage air nochdadh air Question Time nas trice na duine sam bith eile, nuair nach robh fiù ’s aon bhall pàrlamaid aig Ukip.

Tha truas agam don Phàrtaidh Uaine san t-suidheachadh seo. Fhuair am pàrtaidh ann an Sasainn agus a’ Chuimrigh a’ chiad bhall pàrlamaid aca ann an 2010, nuair a bhuannaich Caroline Lucas ann am Brighton Pavillion. Chan eil iad idir air an uiread de chothroman fhaighinn air TBh no rèidio ’s a tha Ukip air faighinn, ge-tà. Ro thaghadh Pàrlamaid na h-Eòrpa, nuair a bha Farage air an TBh gach còig mionaidean, cha robh sgeul air na Greens. Air tàilleabh sin, chaidh tagradh a thòiseachadh air loidhne an aghaidh a’ “media blackout”, air ris an do chuir barrachd na 77,000 daoine an làmh.

Tha amharas agam cuideachd gu bheil làmhan nan dotairean toinneimh air a’ chùis. Tha Ukip tarraingeach mar sgeulachd naidheachd oir tha iad a’ cur dragh air na Tòraidhean. Tha an cuid as motha de na meadhanan stèidhichte ann an Lunnainn agus, ’s iad air an glacadh leis an dràma taobh a-staigh Westminster. Chan eil am Pàrtaidh Uaine a’ goid bhuill pàrlamaid bho phàrtaidh an riaghaltais, agus mar sin chan eil an adhartas a tha iadsan a’ dèanamh cho tlachdmhor do na meadhanan.

‘S cinnteach gu bheil Farage a’ faighinn an uabhais de chuiridhean Question Time air tàilleabh ’s gur e “caractair” a th’ ann, coltach ri Peter Hitchens no David Starkey. Tha fios aig a’ Bheeb gum bi e ag ràdh rudan connspaideach, agus gum bi sin a’ tarraing dhaoine don phrògram. Ach nuair a tha an aon dòigh smaoineachaidh a’ tighinn troimhe ann am prògraman naidheachd, gu h-àraidh ro thaghadh, ’s e trioblaid a th’ ann.

Sa Ghiblean, chaidh rannsachadh fhoillseachadh le Oilthigh Caerdydd ann an 2013, ’s e ag ràdh gun robh am BBC taobhach don taobh dheas. Tro dheasbad an reifrinn, dh’fhàs sinne ann an Alba cleachdte ri meadhanan a bha taobhach; mura bheil na buidhnean craolaidh air càil ionnsachadh bhon deasbad sin, tha an luchd-bhòtaidh. Tha faisg air 200,000 daoine air an làmhan a chur ri tagradh, ’s e ag iarraidh ’s gum bi am Pàrtaidh Uaine na phàirt den deasbad Tbh.

As t-samhradh, thuirt Robert Peston, neach-naidheachd a’ BhBC gu bheil am buidheann “air a bheò-ghlacadh gu tur” leis na bhios a’ nochdadh anns na pàipearan-naidheachd air an taobh dheis, mar eisimpleir an Daily Mail. “There’s a slightly “safety first” thing at the BBC – that if we think the Mail or the Telegraph is going to lead with it, then we should lead with it,” thuirt e. “I happen to think that’s mad.” Tha ’s mise, a Raibeirt.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach