Deich ceistean mun Ghàidhlig san #indyref

Tha Dòmhnall Iain a’ toirt sùil air deich ceistean cudromach dha na Gàidheil an lùib an Reifreinn.

1.      Am bi a’ Ghàidhlig aig cridhe Alba ùr?

Tha am Pàipear Geal ag innse dhuinn (anns a’ chànan eile):

“We plan to create a secure future for Gaelic in Scotland by increasing the numbers learning, speaking and using Gaelic, through Gaelic education in all sectors and all stages such as early years, primary and secondary education.”

Tha am Paipear Geal ag ainmeachadh Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA mar dà bhuidheann a gheibheadh tuilleadh taic bhuapa nam biodh am Pàrtaidh Nàiseanta os cionn Alba neo-eisimeileach. Tha iad a’ gealltainn dhuinn gum bi “central place” aig a’ Ghàidhlig ann an Alba ùr, ach tha na faclan garbh mì-shoilleir. Chan eil mòran ann mu phoileasaidhean mionaideach leithid còir d’ fhoghlam fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig mas e sin na tha thu ag iarraidh (mar a th’ aca sa Chuimrigh a thaobh Cuimris). Anns an fharsaingeachd, tha iad ag ràdh gun obraich am Pàrtaidh Nàiseanta gus an tionndadh air crìonadh na Gàidhlig a ghleidheadh. An tionndadh? – beagan tràth fhathast, chan eil an crìonadh a-nis ach nas maille!

Ach tha fianais ann gum bi àite ann don Ghàidhlig ann an Alba neo-eisimeileach, ’s gur e àite glè mhath a bhios ann. An àite a bhith nam mion-shluagh aig crìochan Bhreatainn, bidh na Gàidheil ’s an cànan aig teis-mheadhain beatha phoblach san dùthaich òg. Mu thràth, tha oifigear Gàidhlig aig a’ phàrlamaid is soidhnichean gu leòr timcheall. Chaidh eadhan beagan dhen Phàipear Gheal eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Ach, cha mholainn dhut a leughadh: chan eil – ehm – mòran bàrdachd ann, dh’fhaodainn a ràdh. Co-dhiu, chan eil ann ach geàrr-chunntas, agus tha i luideach a’ coimhead a thaobh fòrmat – droch sgeul air staid a’ chànain san àm ri teachd, ’s dòcha?

2.      Dè mu dheidhinn a’ Phàrtaidh Nàiseanta?

Ag argamaid an aghaidh breugan a dh’fhoillsich an Sunday Post, tha Artair MacCarmaig air dearbhadh nach eil mòran diofar ann eadar na thug Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba seachad don chànan tagsa ri na pàrtaidhean eile. Tha gu leòr ann fhathast a mholas Thatcher airson an taic a thug i seachad dha na meadhanan Gàidhlig sna h-ochdadan! Ach bho chuideachadh do Struileag gu mìltean ùra dha na sgoiltean, ge-tà, tha am Pàrtaidh Nàiseanta air dearbhadh a-rithist ’s a-rithist gu bheil ùidh aca anns a’ Ghaidhlig, ged a dh’fheumas sinn cuimhneachadh gur dòcha nach iad a bhiodh os cionn Alba neo-eisimeilich. Ged a tha e sgoinneil gu bheil comas Gàidhlig a labhairt aig dithis BPA nàiseantach – Alasdair Allan agus Daibhidh MacThòmais – agus gu bheil nàiseantaich eile leithid Mìcheil Russell is Aonghais Dhòmhnallaich air òraid innte, tha e coltach gu bheil tomhas de Ghàidhlig fiù ’s aig Murchadh Friseal, a tha na Thòraidh!

3.     Agus anns na meadhanan?

An caill sinn BBC Alba nuair a chailleas sinn am BBC? Tha Lunnainn, a’ bharrachd air Dun Èideann, a’ paigheadh airson an t-seanail, còmhla ris a’ BhBC fhèin. Ach, tha am Pàipear Geal a’ gealltainn leudachadh ann an seirbheis meadhanan na Gàidhlig, a’ dèanamh cinnteach gum bi cosnadh gu lèor ri fhaighinn sa chànan. Thathas an dùil gum faigh an SBS ùr smachd air BBC ALBA, ach tha an t-eagal air cuid gun adhbhraich seo prògraman Beurla a bhith air an sealltainn (ged nach eil seo cho diofraichte sin ri staid BBC ALBA an-dràsta fhèin, nam bharailsa). Agus am BBC fhèin air a chàineadh mar ghob an Aonaidh, tha BBC ALBA air molaidhean fhaighinn airson craoladh rèidh, soilleir mun reifreann, a leithid Rathad an Referendum air am faic thu eadhan an sgròbadair aineolach seo ann an ùine gun a bhi fada!

             4.     ’S air a’ Ghàidhealtachd?

Am faigh a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan buannachd às?  Tha iarrtas mòr ann dèiligeadh le ceist an fhearainn agus tha Pòl Wheelhouse BPA air a ràdh gum bi barrachd airgid ri fhaotainn son choimhearsnachdan a tha airson an cuid fearainn a cheannach bho na h-uachdarain. Ach chan fhacas an t-uabhas fianais fhathast gu bheil seo a’ tachairt. Chuala sinn an naidheachd o chionn ghoirid gu bheil CNES a’ dol a stèidheachadh sgoiltean Gàidhlig, agus gheall Alasdair Allan, mar mhìnistear nan cànain, airgead airson seo. Tro an Lerwick Declaration agus eile, fhuair am buidheann Ar n-eileanan – ri teachd taic bho Riaghaltas na h-Alba, agus iad ag iarraidh gum bi smachd aig a’ Chomhairle air airgead ùghdarras a’ chrùin son iasgaich agus cumhachd uaine leithid gaoth a leasachadh. ’S e amas na h-iomairt seo eaconamaidh nan eilean a bhrosnachadh agus bacadh a chur air fuadach an t-sluaigh gu tìr-mòr. Ach am bi muinntir nan eilean toilichte tuilleadh airgid a thoirt dha an cuid chomhairlichean? Uill, cha bhiodh e modhail dhomh a ràdh…

5.      ’S nar n-eachdraidh?

Tha na Gàidheal riamh air a bhi aig cridhe iomairt nàiseantas na h-Alba. Bho Alasdair MacMhaighistir Alasdair gu Kay NicMhàthain a “ghoid” Clach Sgàin fo thòn na banrigh, tha Gàidhlig air a bhith air bilean nan Nàiseantach bho thùs. Chì sinn ann an sgrìobhaichean Ruairidh MhicThòmais agus Dhòmhnaill Ruaidh Phàislig gun robh neo-eisimeileachd na h-Alba trom air inntinn feadhainn dhe na bàird as clìutiche againn. Tha rannsachadh bho Bechhofer agus McCrone (2014) a bhruidhinn ri Gàidheil a thogadh san fhìor-Ghàidhealtachd a’ dearbhadh gu bheil Gàidheil gu mòr gam faicinn fhèin mar Albannaich ’s chan ann mar Bhreatannaich, agus gu bheil co-cheangal deimhinn eadar cho làidir ’s a tha d’fhèin-aithne Ghàidhealach agus cho làidir ’s a tha d’fhèin-aithne Albannach. Coltach ri fèin-aithne Ghàidhealach an latha an-diugh (a tha gabhail a-steach seann chroitearan is mhnathan an Uibhist, fileantaich ann an sgoiltean Gàidhlig a rugadh aig pàrantan gallta, agus oileanaich bho gach cèarn den t-saoghail) tha fèin-aithne Albannach nan Nàiseantach a’ cur fàilte air duine sam bith a tha gan ainmeachadh fhèin mar Albannach, ge bith an cinneadh no an creideamh.

   

6.  Agus am measg Yes Scotland fhèin?

A dh’aindeoin an eachdraidh, chan eil a’ Ghàidhlig na pàirt mhòr den iomairt neo-eisimeileachd an-dràsta. Bha ùine mhòr ann mus deach Yes Alba stèidheachadh (ged nach eil Gàidhlig aig Nas Fheàrr Còmhla fhathast nas motha). Uaireannan, tha beagan de nàire air nàiseantaich a thaobh cultar na Gàidhealtachd, agus tha iad buailteach a sheachnadh mar faoineas ‘romansach.’ Chualas aon bhuidheann den Radical Independence Campaign a’ càineadh na Gàidhlig mar rud cèin a bha ga stampadh sìos air muinntir na h-Alba. A dh’aindeoin sin, bha Gàidhlig gu leòr ri fhaicinn air soidhnichean an t-sluaigh as t-samhradh a ghabh pàirt anns a’ chaismeachd airson neo-eisimeileachd ann an Dùn Èideann.

7.      No air latha an reifreinn fhèin?

Chan fhaighear cothrom a’ Ghàidhlig a chleachdadh nuair a bhios tu a’ bhòtadh, a dh’aindeoin ath-chuinge. Bha coinneamh sa phàrlamaid mu dheidhinn ach cha deach an Riaghaltas leis, eadhan às dèidh ollamhan mar Rob Dunbar fianais a thoirt seachad. Rinn gòraiche air choireigin san riaghaltas deuchainnean air Gàidheil far an tug iad dhaibh copaidh dhen phàipear-bhòtaidh sa Bheurla ’s a dh’fhaighnich iad an uairsin an gabhabh an tuigsinn. Saoilidh mi, an turas seo, nach do thuig am Pàrtaidh Nàiseanta am prionnsapal a th’air cùlaibh urram a thoirt do Ghàidhlig anns a’ phàipear-bhòtaidh!

8.      Agus ann an constitution na dùthcha ùir?

Uill, tha Ruairidh MacThòmais nach maireann ag innse dhomh san fhaclair aige gun e bunreachd am facal as còir dhomh chleachdadh. Air tilleadh chun na tobrach ud am Pàipear Geal, tha iad ag radh (agus tha mi duilich a-rithist son na Beurla):

“In Scotland, Gaelic has a significant level of official support from the Scottish Government. Official recognition for Gaelic is also provided by the 2005 Gaelic Act. In an independent Scotland this official recognition would be confirmed and maintained.”

O, nach sleamhainn na faclan tha sin! Tha e coltach nach bi a’ Ghàidhlig mar chànan oifigeil sa bhunreachd (agus is cinnteach nach bi am bunreachd anns a’ Ghàidhlig an toiseach mar a tha i an Èirinn). ‘S e an sgeul acasan nach tig atharrachadh air staid laghail a’ chànain, ach, ma thachras còmhradh poblach mun bhunreachd, bidh cothrom ann dhuinn obrachadh airson an aithne seo mas miann leinn sin a dhèanamh. ’S e a’ cheist ge-tà, am biodh e na bhuannachd tuilleadh aithne oifigeil a shireadh, le tuilleadh eadar-theangachaidh air bileagan nach eil duine dol a leughadh? No am b’fheàirrde ar sùilean a chumail dlùth air foghlam is iomairtean susbainteach mar sin.

9.      Sna pàipearan-naidheachd?

Am biodh e san fhasan fhathast magadh air a’ Ghàidhlig? Ged a tha i furasta Gàidhlig fhaicinn mar chànan na h-Alba, gu h-eachdraidheil agus fhathast ’s ann a tha a’ chuid as motha den mhì-rùn a’ tighinn bho Ghoill Alba fhèin. Mura bheil thu gam chreidsinn, leugh aithisg Choinnich MhicFhionghain gu Leverson son sealladh fhaighinn air an treallaich a spùt colbhan a-mach mun chànan taobh a-staigh aon bhliadhna. Nan tigeadh leasachadh ann an staid a’ chànain, ’s dòcha gum biodh barrachd gràin ri fhaicinn sna pàipearan-naidheachd bho dhaoine leithid Alan Massie no Joan Burnie no George Galloway, suarach mun h-uile sgillinn ruadh a thathas a’ cosg air a’ chànan. Ach eadhan am measg sgudal aonaidheil an Scotsman, nach suathainn fiù ’s mo thòn leis, gheibhear colbhan Gàidhlig gach seachdain. ’S cuideachd sa Phàipear Bheag a bha cho fada fo smachd an t-sàr aonadair ach sàr Ghàidheil ud Brian Wilson. Bidh cuid ann leithid Iain Beggs a’ coimhead son dìon laghail bho “ghràin-chinnidh” an aghaidh nan Gàidheal – ’s dòcha gum biodh feum ann an Coimisinear Teanga, ach chan eil fhios agam an dèanadh neo-eisimeileachd mòran diofar a thaobh an iarrtais sin.10.  Agus anns an ath chunntas-sluaigh?

’S dòcha a’ cheist as cudromaiche: am bi barrachd a’ bruidhinn a’ chànain le neo-eisimeilachd? An toir àrdachadh faireachdainn nàiseantach agus ùidh ann an cultar na h-Alba air tuilleadh dhaoine Gàidhlig ionnsachadh no an clann a chuir ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig? No, am bi a h-uile sìon mar a bha e? Tha e doirbh a ràdh, gun ach mo bharail chiontach fhèin a lìbhrigeadh. Ma thig neo-eisimeileachd, bidh cothroman gu leòr ann airson Gàidhlig agus airson nan Gàidheal. Ach tha e na dhleastanas oirnn dèanamh cinnteach gun gabh sinn na cothroman agus an taic-airgid sin, agus gun cleachd sinn iad ann an dòigh chiallach, stèidhichte air fianais agus rannsachadh bho Alba agus dùthchannan far an cluinnear mìon-chànain eile. Cha bu mhath leam idir na h-aon mearachdan a rinn na h-Èireannaich a dhèanamh nan tigeadh neo-eisimeileachd. Ma tha sinn ag amas air tuilleadh dhaoine a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig agus ga bruidhinn ann an suidheachaidhean buan is eadar-dhealaichte, ’s fhèarr dhuinn ar sùilean a chumail geur air an amas sin tro leasachadh cloinne, cosnaidh is coimhearsnachd, ’s chan ann air propaichean àrd-ìre (mar a their an t-eòlaiche David Crystal) a leithid a dh’fhoirmean nach lìon duine sam bith a-mach gu bràth…

– Dòmhnall Iain Dòmhnallach


FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach