Dhan Uisge | Calum MacIlleathain

Sna beagan mìosan a dh’fhalbh tha luchd amhairc BBC Alba air a bhith a’ faighinnn toileachas bho sreath de phrògraman goirid mu shnàmh air a bhlàr a-muigh air a bheil ‘Dhan Uisge’. Do phreasantair a’ phrògraim Calum MacIlleathain bha an dà chuid spòrs is dùbhlain na luib. An seo tha Calum a’ toirt iomradh air mar a fhuair e tro na dùbhlain gus prògram spòrsail is fìosrachail a thoirt gu buil.

Dhan Uisge 2

Sloc an Altramain, An t-Eilean Sgitheanach

 

“Carson?”
Nuair a chluinneas neach gum bi mi ri snàmh a-muigh, ‘s e sin an dearbh cheist a bhios aig a’ mhòr-chuid, agus beagan amharais nan sùilean.
“A bheil thu às do chiall?”
Ma dh’fhaoidte gu bheil – cò a dhearbhas?

‘S ann a tha uisge gam thoirt beò. Tha rudeigin sònraichte mu dheidhinn. Falbhaidh dragh agus iomagain às m’inntinn agus gheibh mi sealladh gu tur ùr air an t-saoghal. Faighnich do neach sam bith a bhios ri snàmh is innsidh iad an dearbh rud dhut. ‘Sann a bheir e togail dha m’inntinn. Cha mhòr gun tèid latha seachad anns nach leum mi a-steach do loch air choireigin.

Tha mi air snàmh a-muigh airson grunn bhliadhnaichean, agus leis gu bheil ùidh mhòr agam ann an dealbhaireachd, bhithinn a’ togail dhealbhan. Thòisich mi air blog, le dealbhan is sgrìobhadh (www.goneoffswimming.com) agus an dèidh sin, dh’iarr BBC The Social gun dèanainn fiolmaichean goirid dhaibh. ‘S ann a thòisich an sreath Wild Swimming in Scotland airson nam meadhanan sòisealta. Choimhead na milleanan air cuid dhiubh air Facebook! Mar thoradh air seo, chuir sgioba Gàidhlig a BhBC beachd a-steach dha cuairt coimiseanaidh BBC ALBA – agus ‘s ann mar sin a nochd Dhan Uisge. Chaidh co-dhùnadh na prògraman a’ chumail goirid – nas coltaiche ri stuth air na meadhanan sòisealta.

Dhan Uisge 3

Coire Uisge, An t-Eilean Sgitheanach

Ged a bha mi air leth toilichte an cothrom fhaighinn – bha aon cnap-starra ann: ‘sann a bhiodh feum againn fiolmadh tron Gheamradh! Rinn mi fhèin, Alasdair MacIlleathain (Stiùiriche/Camara) agus Nick Roxburgh (Neach-sàbhailteachd BBC Scotland) ar slìghe mun cuairt air Alba airson faisg air cola-deug, a’ fiolmadh ann an iomadh àite. Thadail sinn air lochan, tràighean, aibhnichean, fiù ’s lòn ann an uamh! Rinn sinn fiolmadh ann an deich àite, feuch deagh mheasgachadh fhaighinn. ‘S e àitichean iomallach, leithid Abhainn Duchairidh an Taobh Siar Rois as fhearr leamsa, ach chaidh mi cuideachd dha Loch Laomainn, dìreach dràibh ghoirid à Glaschu.

Dhan uisge 4

Gleann Dubh-Chatharaidh, Siorrachd Rois

Bha feum againn coiseachd dà uair a thìde far nach eil rathaidean gus Duchairidh a’ lorg. Dh’fheuch mi snorcaladh ann an uisgichean mòinteach Loch Loinne gus sean drochaid a’ lorg – chan eil seo idir ciallach. Cha robh mi a’ faighinn anail cheart tron snorcal agus chaidh m’fhagail ann an tuaineil aon trup! Tha cuimhne agam a’ tadhal air Sloc an Altramain anns an Eilean Sgitheanach: feum againn solais mòra a’ ghiulainn a-steach – agus sùil a’ chumail air ìre na mara gus am faigheadh sinn air ais a-mach! Snàmh mi air cùl beanntan àirde a’ Chuiltheann – far a bheil each-uisge a’ tighinn beò! Am faca mi e? Feumar sùil a’ thoirt air a phrògram…

Ged a bhios mi gu tric a’ snàmh as aonais deise – cha robh seo comasach airson Dhan Uisge. Bha feum agam a’ bhith anns an uisge airson uairean a thìde gach latha – gus na diofar dealbhan a’ thogail, agus an sgeulachd airson gach àite innse gu ceart. Ged ’s iad prògraman goirid a th’annta; cha bheag an obair gus an dèanamh. Air an là mu dheireadh feumaidh mi ràdh gur robh mi sgìth, agus beagan greannach. Tha snàmh a’ còrdadh rium, tha fiolmadh a’ còrdadh rium ach caillear beagan den tlachd nuair a dh’fheumas tu gach rud a dhèanamh ‘s docha dà neo trì turas.

Dhan Uisge 5

Loch Coire an Lochain, Am Monadh Ruadh

‘Be seo a chiad bliadhna a’ chùm mi orm a’ snàmh gu ceart tron Gheamhradh. Air thòiseach air an fhiolmadh fhèin, bhithinn a’ dol is a’ seasamh ann an lochan airson 5, 10 mionaid tron t-Samhain agus an Dùbhlachd. Tha mi mothachail a-nise air an eadar-dhealachadh a thàinig orm. Tha mo bhodhaig fada nas tapaidhe agus nas treasa ann an uisge fuar. Thèid agam fiù ’s snàmh fo deigh a-nise, mar a rinn mi anns an loch as àirde an Alba – Loch Coire an Lochain!

An dèidh Dhan Uisge, dè an ath-phroìseact snàimh, ma tha? Uill bu thoil leam snàmh ann an gach coire Loch ann an Alba. Chuala mi gu bheil còrr is 500 coire ann – ged nach eil loch anns gach tè aca. Nuair a thèid mi ann, cruthachaidh mi ealain air choireigin; dealbhan, fiolm, sgrìobhadh. Mìlltean mòra de choiseachd is mìlltean mòra de dh’uisge fuar. Chan iarrain càil eile.

Calum MacIlleathain

Tha Calum an dùil ri sreath eile dhen phrògram a chlàradh an ath-Bhliadhna. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dha!

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach