Didòmhnaich | Marcas Mac an Tuairneir

IMG_7791
Didòmhnaich

’S ann air Didòmhnaich a thàinig iad,
èideadh ’s sgapall dubh umpa,
gus na cistean a rannsachadh.

Pàipearean sgapte air feadh an làir,
mar a sgaradh na briathran fhèin o chèile;
dath dubh nan trì cànan air ite.

Sgread ròcas boireannaich.

Brag stràicean air cùl bodaich;
sgailc na lod-fala, ’s e air a ghlùin.
Thionndaidh iad thuice,

Grèim fear dhiubh ma h-amhaich.
Thionn e a gàirdean mu chaol a droma,
a thug buaidh na dromairt dha dubhagan.

Brag cnàmhan air leacan marmoir.

Cuirp gan caitheamh chun an làir,
Bhioraich an sùilean spleuchd orra;
Breabadh, bualadh, buaireas san t-seòmar.

Chan iarr iad ach deamocrasaidh.
Ged bu shìtheil am miann,
cha d’ fhuair iad ach freagairt fòirneirt.

’S ann air Didòmhnaich a thàinig iad,
gun fhiosta, an e ùr-là a bhriseadh romhpa.
Sa chathair-eaglais, dh’èirich tùis is ùrnaigh.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach