O Diego!

 

Tha na h-Euros ann a dh’aithghearr – cha bhi Alba ann ach cha bhi Mgr Costa ann nas motha – Eòghan a’ toirt sùil air sgeulachd bhrònach Dhiego.

Diego Costa - 01.jpg
Le Carlos Delgado, CC BY-SA 3.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=28393829

“am fear a chuireas chùl ri chuideachd, cha d’fhiach e” – Bruce Springsteen, Highway Patrolman

Le seann ghaoid Uladh a’ tilleadh aig astar gu Prìomh Lìog na h-Alba leis an onghail is nonsaireachd cho searbh is cho gòrach is cho faoin sa bha e riamh agus Alba ag ionndrainn na h-Euros anns an Fhraing ged a bhios an dà sgioba Èireannach, na Sasannaich agus na Cuimrich ann, faodaidh sinn comhfhurtachd a thoirt à cruaidh-chàs chuideigin eile.

Cò an truaghan a tha seo a bhios a’ fulang cho dona ri Feachd nam Breacan? Is e Diego Costa, fear a chuir a chùl ris an dùthaich san d’ fhuair e àrach, Brasil, airson na Spàinne, ach nach do lorg ionmhas air taobh thall a’ chuain.

Ged a bhios feadhainn caran cruaidh air an leithid de dh’Aodhan Mag Ceádaigh airson cluich do dhùthaich dhiofraichte,  bha ceanglaichean-fala làidir aige fhèin agus aig a h-uile fear a dh’fhuiling an càineadh “Plastic Paddy” ri Èirinn, cha robh riamh ceangal aig Costa ach tro spòran.

Leis gun robh e ag obair san Spàinn fad seachd bliadhnaichean a’ cluich do Atletico Madrid, fhuair e Saoranachd na Spainne ann an 2013. Ged a bha e air cluich dà ghèam càirdeil còmhla ris an t-Seleção, thàinig e gu co-dhùnadh gum b’ fheàrr leis a chluich do La Roja mar a tha ceadaichte fo Riaghailtean FIFA. Bha coidse Bhrasil, am fear stolda, Luis Felipe Scolari geur na chàineadh “Tha e a’ cur chùl ri bruadar na milleanan, a bhith a’ riochdachadh sgioba ar dùthcha ann an Cùpa na Cruinne ann am Brasil.”

Am-bliadhna sin ann an 2014, ’s mathaid nach robh cluicheadair aghaidh cho buadhmhor san Roinn-Eòrpa, ach dh’fhuiling e leòn air fèith na h-iosgaid a thug crìoch obann air a gheam ann an Cuairt Dheireannach Cùpa na h-Eòrpa agus bha e phàirt den sgioba Spàinnteach a dh’fhuiling tamailt mhòr a’ dol a-mach sa chiad chuairt ann am Brasil. Ràinig sgioba Scolari an iar-chuair-dheireannach, ach nuair a chaill iad Neymar sa chairteal-chuairt-dheireannach an ghaidh Cholombia, bha iad deiseil airson an spadaidh a fhuair iad on Ghearmailt.

Is e an trioblaid a bh’ ann gun robh e follaiseach gun robh an dà dhùthach nan dìth – cha robh stoidhle cluiche aig an Spàinn a’ freagairt air dòigh fhiosaigeach Chosta (is e fhathast a’ strì an aghaidh an leòn a fhuair e ann an Cupa na h-Eòrpa) aig an aon àm a bha na Brasilianaich nan èiginn airson fear mòr tapaidh aig an aghaidh seach Fred bochd.

Le Brasil air chùl, rinn Costa cliù dha fhèin ann an Sasainn le Chelsea, gu h-àraidh nuair a bha na meadhanan Sasannach a’ sìreadh cuideigin a ghabhadh àite Balotelli is Suarez mar dheamhan cèin. (Is mathaid gur am moladh as motha a tha air a bhith aige gu bheil APC den bheachd gun seasadh e a choraichean air pàirc na camanachd!) Tha e air a bhith connspaideach gu leòr ach bha e follaiseach gun robh e na shàr-chluicheadair, a’ togail an tiotail an-uiridh agus nuair nach robh e a’ cluich aig àrd-ìre nas tràithe san t-seusain, thug e buaidh mhòr air cothroman Mourinho.

Feumaidh gun robh mar a chaidh dha am–bliadhna-sa air aire Vicente Del Bosque nuair a thagh e an sguad airson na h-Euros an ath mhios – Ged a tha Del Bosque air dion a thoirt air Costa nuair a bhiodh luchd-leantainn ga chàineadh, cha robh àite ann dhan Bhrasilieanach agus cuid mhath de seann sheòid na Spàinne agus iadsan a’ feuchainn ri grèim a chumail air tiotal na h-Eòrpa.

An till Diego airson na Spàinne? Chan eil e coltach gun till agus le aon tadhal an aghaidh Lugsamburg, agus deich ceapannan – chan e tiomnadh ro mhath a th’ ann airson fear a leig seachad a dhualchas. Is gorm na cnuic fada bhuainn.

 

  • Eoghan
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach