Dìleab Thugainn, Dìleab Bhuainn | Ceit Fhoirbeis BPA

Tha sinn air leth urramaichte aig Dàna a bhith a’ faighinn a’ chothruim an teacsa slàn on a’ chiad òraid chuimhneachaidh Iain MhicLeòid fhoillseachadh. Air a thoirt seachad le Ceit Fhoirbeis BPA air 24 am Faoilleach aig Oilthigh Dhùn Èideann, thug i iomradh air dìleab Iain agus air na dh’fheumas sinn mar choimhearsnachd airson ar sluagh a dhùsgadh.

Mòran taing – ’S e fìor urram a th’ ann a bhith a’ còmhla ribh an-diugh, agus a’ toirt seachad a’ chiad oraid chuimhneachaidh Iain MhicLeòid, an seo ann an Oilthigh Dhùn Èideann – ceud mìle taing dhan Chomunn Ghàidhealach, tha mi fada nur comainn agus tha mi ’n dòchas gun toir na h-òraidean seo – an òraid a-nochd agus na òraidean ‘s na bliadhnaichean a tha romhainn – spionnadh agus neart gu luchd-labhairt na Gàidhlig, ge bi dè aois a tha iad, no dè cho fileanta ‘s a tha an cuid Ghàidhlig, no far a bheil iad a’ fuireach.

Tha pàirt air leth cudromach agaibh uile – tha dìleab prìseil againn, is le dìleab, tha dleastanas oirnn cuideachd agus ‘s e an dìleab againn agus an dleastanas tha oirnn cuspair  na h-òraid agam a-nochd.

’S ann mar chuimhneachain air Iain MacLeòid – Iain Dhonnachaidh Iain a’ Chocair Carlabhaigh – a nì mi an òraid seo.

Bha lèirsinn is dìlse aig Iain MacLeòid dhan a’ Ghàidhlig a bha ionmholta.

Bha e an dà chuid ionadail agus naiseanta, ag iomairt sna bailtean mòra agus ann an sgìrean le sluagh beag agus gu dearbh bha e pearsanta agus poblach, a’ tuigsinn am feum a bha ann a bhith ag obair san dà roinn sin leis a’ Ghàidhlig, san dachaigh agus ann am beatha poblach na dùthcha.

Dh’obraich e gun sgìths airson fàs na Gàidhlig ann an Dùn Èideann – chuir e taic ris a’ Mhòd sa bhaile agus bhiodh e ag eadar-theangachadh no a’ stiùireadh choinneamhan phàrantan.

’S e neach-iomairt èifeachdach a bh’ ann aig ìre nàiseanta, a’ cur a-steach ath-chuingean dhan Phàrlamaid agus a’ dol an sàs ann an co-choimhearlachaidhean nàiseanta mun a’ Ghàidhlig.

Ach ged a bha e riamh cho lasanta mu fhàs na Gàidhlig sna bailtean mòra, bha e ceart cho dealasach mu chòr na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd thraidseanta.

Anns na h-òraidean fosglaidh a rinneadh e aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, bhiodh e tric a’ toirt luaidh air cho cudromach ’s a bha e cleachdadh na Gàidhlig àrdachadh sna sgìrean dùthchasach. Bha fios aige gum biodh an dà àite a’ tarraing neart a chèile.

Mar a thuirt mi roimhe, bha a lèirsinn ionadail agus nàiseanta, bha e beò sa bhaile mhòr agus sa bhaile bheag, ann an Taigh Mòr Dhùn Èideann agus taigh-cèilidh Charlabhaigh, agus tha sinn ri chèile mar shluagh ag ionndrainn a dhealas daingeann, leathann, buan.

Thachair mi ri Iain MacLeoid cho luath ‘s chaidh mo thaghadh ann an dà mhìle ’s a sia deug.

Goirid as dèidh an taghaidh, thòisich mi mar chathraiche buidheann thar-phàrtaidh na Gàidhlig sa Phàrlamaid, agus bha Iain airson bruidhinn rium mu na h-iomairtean anns an robh e an sàs agus na beachdan aige air ciamar a b’ urrainn dhan bhuidheann sin a’ Ghàidhlig a neartachadh agus a leasachadh.

Cha robh e, is cha robh e riamh, riaraichte leis an adhartas a thaobh na Gàidhlig. Bha e mothachail mu na dùbhlan is na duilgheadasan, ach an àite a bhith a’ caoidh is a’ caoineadh mu staid na Gàidhlig, bhiodh e a’ cur an gnìomh iomadh iomairt agus pròiseact a rinn feum mòr dhar cànan.

Bha e eòlach air na feumalachdan sònraichte aig gach ceàrn de shaoghal na Gàidhlig, agus tha sin follaiseach anns gach dreuchd a bh’ aige.

Bha e an sàs ann an Comann nam Pàrant mar chathraiche, bha e na bhall air bòrd Comunn na Gàidhlig agus Bòrd na Gàidhlig fhèin agus mu dheireadh thall bha e na cheann-suidhe air a’ Chomunn Ghàidhealach.

Choilean e an dreuchd seo le urram, le spèis agus le deagh ghean – a’ toirt cliù agus inbhe dhan chànan a h-uile cothrom a gheibheadh e.

Bha e, gun teagamh sam bith, na shàr Ghàidheal, agus bha seo ga aithneachadh leis an dearbh dhuais bho Cholaiste Ghàidhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, ann an dà mhìle ’s a seachd deug.

Bha creideamh làidir aige, agus thuirt a cho-ogha dhomh an-diugh fhein gu robh Salm 15 a’ sumadh suas an seòrsa duine a bh`ann an Iain.

 

“A Thighearna, cò a dh’fhanas ann ad phàillean?

Cò a chòmhnaicheas air do shliabh naomh?

Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a nì ceartas,

agus a labhras an fhìrinn na chridhe”.

Ged a bha e caran sochaireach a thaobh a bhith bruidhinn mu nithean spioradail bhitheadh e a’ cur a-mach na loidhne gu math tric aig seirbhisean Gàidhlig ann an Dùn Eideann `s bha a charactar `s a chaitheamh beatha glè mhòr a-rèir na fìrinne.

Bha e na shàr eiseimpleir den fhirinn a bh’aig Seumas:

“Dè a’ bhuannachd a th’ ann, mo bhràithrean, ma tha neach ag ràdh gu bheil creideamh aige, ach às aonais obraichean. An urrainn creideamh a shàbhaladh?”

Agus sin mar a bha na h-obraichean aige – bha e ag obair gun sgur as leth na Gàidhlig fad a bheatha a’ tuigsinn gum feumadh Gaidhlig a bhith na rud beò, fìor agus fallain.  Sin an dileab a dh’fhàg e dhuinn.

Agus shaoil mise gum biodh seo freagarrach dhomh mar bhun-stèidh airson a’ chiad oraid na chuimhne. Dè na h-obraichean a tha dhith oirnn gus ar cànan a chumail beò, fìor agus fallainn? – gu h-àraidh a measg dhaoine òga?

Ciamar a bhios sinne gan dùsgadh dhan dileab phriseil a th’ aca agus an dileab aca fhein a dhèanamh dhaibhsan a thig às an dèidh cuideachd?

Anns an ùine ro ghoirid a bha mise fortanach eòlas a chur air, bha aire Iain gu mòr air feuchainn ri inbhe UNESCO fhaighinn airson cultar, dualchas agus seann nòs nan Gàidheal.

Chan fhaca e seo a’ tighinn gu buil ach chanainn-sa leis gu bheil bliadhna eadar-nàiseanta nan cànanan tùsanach aig UNESCO ann am-bliadhna gu bheil an cothrom againne còmhraidhean a chumail as ùr ri ar coimhearsnachdan mun dileab phriseil a dh’fheumas sinne glèidheadh còmhla.

Bhiodh inbhe UNESCO a’ ciallachadh gum bi inbhe “intangible cultural heritage” aig a’ Ghàidhlig agus tha sin a’ ciallachadh gum bi dòigh eile ann ar cànan , ceòl agus dualchas a dhìon airson an ath-ghinealaich.

Ged a dh’fhuiling a’ Ghàidhlig iomadach buille chruaidh anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh – tha i beò fhathast agus ag ùrachadh mar chànan sam bith eile agus bheireadh inbhe UNESCO taic ris an amas againn a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig agus ga neartachadh airson an àm ri teachd.

Airson daoine oga, tha a’ Ghàidhlig a’ toirt dhuinn tuigse nas coileanta air ar n-eachdraidh is ar cultar, agus dealbh nas soilleire air na tha romhainn.

Tha beartas a’ chanain a’ cur dath air ar tìr, a’ cur an cèill ar n-àrainneachd agus a’ soillearachadh ar dualchas, a’ fosgladh doras gu sealladh eile air ar saoghal – tha e na dhleastanas dhuinn uile mar dhaoine fa leth a bhith ga dìon.

Ach cha d’fhiach a h-uile rud a seo agus òigridh a’ fàs suas, gun fhios mu luach a’ chànain, gun tuigse air mar a tha an cànan sin cudromach dhaibh fhèin agus gun chothroman aca an canan cleachdadh mar chànan laitheil.

 

Nam bheachdsa, agus ann am beachd Iain Mhicleoid, chanainn, cha bhiodh ann an inbhe UNESCO ach na fhìor thoiseach tòiseachaidh  airson strì na Gàidhlig a chur air bun-stèidh na bu sheasmhaiche oir  cha bu chòir dhuinn a bhith a’ dèiligeadh ris a’ Ghàidhlig mar rudeigin ann an taigh-tasgaidh.

Tha a’ Ghàidhlig ceart cho domhainn ris a’ Bheurla – ach ciamar a bhios sinn a’ cuideachadh dhaoine òga a bhith a’ dol air adhart leis a’ chànan mar rudeigin beò, fìor is fallain nan beatha làitheil? – ga cleachdadh air an raon spòrs, anns an eaglais, san taigh-òsta, ann an ceòl, anns na-òrain agus eadar na h-òrain – rudan àbhaisteach, laitheil agus cumanta?

Tro bhith a’ dèanamh nan gnìomhan beaga seo bidh sinn a’ toirt urram dhan h-uile rud a thàinig romhainn – feumaidh sinn bruidhinn ri chèile mar Ghàidheil.

Agus tha sin gam thoirt dhan ath cheum, mar a bha Iain a’ gabhail uallach airson na h-òigridh agus ag obair gun sgur gus am brosnachadh.

Nach eil e iongantach gur e an nighean aige fhèin, Màiri, a thug dha a’ bheachd agus a’ mhisneachd a bhith ag ath-thoiseachadh Mòd Dhùn Èideann agus a dhol an-sàs anns a’ Chomunn Ghàidhealach nuair a choisinn i duais mar nighean bheag aig Mòd Chataibh ann an naoi ceud deug naochad sa còig?

Dìreach smaoinichibh air a h-uile rud math a thàinig ri linn an tachartais àbhaistich, làitheil sin le neach òg.

Canaidh iad “na chì na big, nì na big”, ach an turas seo gu dearbh, na chunnaic am mòr, a rinn am mòr.

‘S e an cuimhne as motha a bhios agam air Iain gu robh esan airson gun dèanainn-sa, cuideigin og, rudeigin mu dheidhinn inbhe UNESCO agus Gàidhlig ‘san fharsaingeachd.

Bha an earbsa agus an creideamh sin a’ ciallachadh tòrr dhomh – ged a bha sinn gu math eadar-dhealaichte ann an iomadh dòigh – a thaobh aois, a thaobh ìre na Gàidhlig agus a thaobh eòlas air saoghal na Gàidhlig.

Thogadh esan ann an Carlabhagh, ann an coimhearsnachd làidir Ghàidhlig agus ged a chaidh e a Dhùn Eideann aig aois gu math òg airson a bhith na phoileas, bha e fhathast cho Gàidhealach gu smior – cha mhor leth-cheud bliadhna às dèidh dha Eilean Fraoich fhàgail.

Mise – càit an tòisich mi?

Uill, le ainm mar Forbes tha mi gu math ceangailte ri siorrachd Inbhir Nis agus Strath Narainn ach, ged a chaidh mi gu bunsgoil Gàidhlig ann an Glaschu airson greis fhuair mi tòrr de m’arach òg anns na h-Innseachan. ‘S e Gàidhlig a’ Phunjab a th’agam!

Ach ghabh Iain rium mar Ghàidheil air sgàth ’s gun robh tuigse aige gum feumadh òigridh a bhith aig teis-mheadhain strì na Gàidhlig san àm ri teachd.

Mar a thuirt duine no dithis dhomh, anns na seasgadan agus na seachdadan, airson daoine a chaidh an togail ann an coimhearsnachdan Gàidhlig, cha robh dàil aca gum biodh Gàidhlig – agus an cultar Gàidhealach – ann an cunnart sna bliadhnaichean a bha romhpa.

Ach sin far a bheil sinn, tha sinn ann an saoghal caochlaideach agus tha cleachdadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan sin air fàs lapach, gu h-àraidh eadar na ginealaichean.

Ach fhathast, ged a tha na h-àireamhan air a dhol sios, tha sinn fhathast nas seasmhaiche na tòrr mion-chànain eile – tha fhathast còrr is leth-cheud mìle luchd-labhairt againne.

Ach cia mheud dhiubh a bhios a’ cur gu feum an cànan gach latha agus ciamar an urrain dhuinn am brosnachadh agus an cuideachadh gus sin a dhèanamh nas trice?

Gu h-araid, na ceudan de dhaoine, cuid a tha a fàs suas gu bhith da fhichead bliadhna a dh’aois, a thainig tro Fhoghlam tro mheadhan na Gaidhlig. Dè tha gan cumail air ais? Dè tha a’ cur bacadh orra? Ciamar a ghlèidheas iad sa chànan? Ciamar a stiùireas iad dhachaigh?

Innsidh mi dhut an sgeulachd agamsa, cuideigin òg a ghabh an cuairt sin.

Bidh daoine a’ faighneach carson a bha mi ag iarraidh a bhith nam bhall parlamaid Albannach.

An e gu robh mi ag iarraidh an t-aite gam bhuineas mi a thoirt air adhart?

Air neo saorsa fhaighinn do dh’Alba?

Air neo gur toil leàm fuaim mo ghuth fhèin a chluinntinn? Uill tha na rudan sin uile fior!

Ach a-nochd, innisidh mi dhuibh an fhìrinn cheart. Nuair a thill mi as na h-Innseachan le mo chuid Ghaidhlig Phunjabi, bha mi fortanach a dhol gu dà ard-sgoil le roinnean Gàidhlig ionmholta – Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig, agus Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

Agus anns an dà sgoil, fhuair mi an cothrom deasbad nàiseanta nan àrd sgoiltean a dhèanamh.

A chiad bhliadhna aig Acadamaidh Dhrochaid an Easbuig còmhla ri mo charaid Eilidh, bhuannaich sinn gach cuairt ann an Steornabhagh agus bha sinn anns an semi-final ann an Glaschu agus dòchasach faighinn gu Pàrlamaid na h-Alba an ath-oidhche.

Ach bha beachdan eile aig na britheamhan! Ailean Caimbeul nam measg  (Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich a thug fiathachadh dhomh a-nochd!) agus feumaidh mi radh gun robh mi cho duilich nach d’fhuair mi an cothrom deasbad sa phàrlamaid – bha mi uile gu lèir troimh-cheile.

Nise, bha e neònach ach ‘s e an sgioba a rinn an gnothach orm an oidhche siud à Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

Mar sin bha e caran annasach nuair a fhuair mi mi-fhèin an ath-bhliadhna nam sgoilear anns an sgoil sin nuair a ghluais mo theaghlach gu tuath.

Bha mi gu math soilleir gu robh seo na chothrom eile a dhol dhan phàrlamaid agus an deasbad a bhuannachadh!

Nach mi bha dòchasach a’ dol a-steach dha na cuairtean dearbhaidh ann an Inbhir Nis.

Ach dè thachair ach chaidh an gnothach a dhèanamh orm sa chiad chuairt an turas seo!

Oh bha mi cho fiadhach – agus Ailean Caimbeul as coireach a-rithist!

Ma ’s e an tàmailt a dh’fhuiling Mairi Mhòr ann an Inbhir Nis a thug a bàrdachd beò, ‘s e an tamailt a dh’fhuiling Ceiteag Òg a bhrosnaich mi an cothrom deasbad sa phàrlamaid aon latha brèagha air coireigin.

Thug e deich bliadhna dhomh ach mar a chanas iad ruigidh each mall muilinn!

Ach gu mì-fhortanach agus ‘s dòcha seo mar a tha deugairean co-dhiu, chaill mi mo mhisneachd a thaobh mo chuid Gaidhlig  goirid as dèidh seo a chionns gu robh mi a’ fàs suas ann an coimhearsnachd far nach robh daoine aig an robh Gaidhlig ga cur gu feum – sean is og.

Agus lorg mi mi-fhein a’smaoineachadh dè feum a th’ann a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig mura h-eil an fheadhainn aig a bheil Gàidhlig bho thùs ga cleachdadh?

Agus saoilidh mi gu bheil moran deugairean a faireachdainn an aon rud bhon a bhith a bhruidhinn riutha.

Tha iad toilichte leis an fhoghlam aca, tha iad pròiseil gu bheil Gàidhlig aca, ach ’s gann gum bi iad ga bruidhinn air sgàth ’s nach bi daoine nas sine a’ bruidhinn riutha.

Chan eil e idir air sgàth ‘s gu bheil daoine leisg, no coma, no fiù ’s an aghaidh a’ chànan aca fhèin ach air sgàth ‘s gu bheil eachdraidh dhuilich, thoinnte aig a’ chànan againne, a tha air dileab de sgaradh agus cròn cultarail  fhàgail aig na daoine.

Mar a sheinn Runrig san òran chumhachdail ud An Toll Dubh, a’ samhlachadh a’ Ghàidheil mar phriosanach

“Tha an Gàidheal na leabaidh, tha an Gàidheal na shuain, le èiginn ar n-èirigh às ar suain, le èiginn ar n-èirigh às ar suain.”

Gun teagamh, tha sinne, sluagh na gaidhlig, a’ fulang leis an dileab sin gach latha, ged nach eil mòran a’ tuigsinn gu bheil iad ga fulang agus air an leòn, agus feumaidh sinn na leòintean sin a shlànachadh tro chòmhradh, tro ghnìomhan agus gu dearbh, tro ghràdh.

Feumaidh sinn ar càirdean agus caraidean a dhùsgadh.

‘S e an storas as priseile a tha againn na daoine, agus mar dhaoine fa leth feumaidh sinn a dhol a-mach dhan t-saoghal agus na sgeulachdan aig daoine eile le Gaidhlig a chluinntinn, a thuigsinn agus a sgaoileadh.

Cha bhi seo furasta, ach tro bhith a’ tighinn ri chèile mar dhaoine, seach mar bhuidhnean mòra no “iomairtean” no pròiseactan ach mar shluagh a thig fàs agus neart ùr a tha beò, fìor agus fallainn.

Feumaidh sinn deagh sgeulachd na Gàidhlig innse, oir ‘s e sgeulachd na Gaidhlig ar sgeulachd fhèin.

Agus mar tè òg, tha fios agam gu bheil tòrr cothroman againn a thaobh a Gàidhlig – barrachd, ann an dòigh, na bha aig  ginealach sam bith eile.

Cothroman a thaobh obair, sgoil, na meadhanan.

An uiridh, ‘b e Bliadhna na h-òigridh a bh’ann, agus gun teagamh tha na h-òigridh ann an Alba, is na h-òigridh aig a bheil Gàidhlig, a’ dearbhadh gu bheil ceòl, cultar agus coimhearsnachdan Gàidhealach fhathast beò.

Agus tha buannachdan ann airson luchd na Beurla cuideachd.

Tha rannsachadh Iomairt na Gàidhealtachd a’ sealltainn gu bheil luach ceud’s a ceathrad ‘s h-ochd puing a choig million not (£148.5m) anns a’ Ghàidhlig do dh’eaconamaidh na h-Alba gach bliadhna. Tha sin mìorbhaileach.

An uiridh, chuir Port Rìgh san sgìre agam fhèin fàilte chridheil air an t-siathamh sgoil Ghàidhlig ùr ann an Alba.

Air sgath ‘s gu bheil Achd na Gàidhlig, agus planaichean Gàidhlig ann, tha na h-àireamhan de luchd-òigridh a’ dèanamh foghlam tro mheadhan a Gàidhlig a’ fàs gach latha.

Anns an sgìre agam fhèin, tha sinn a’ faicinn ath-bheothachadh ann an iomadh dòigh – le na fèisean, na h-iomairtean Gàidhlig, sgoiltean Ghàidhlig, ionadan Gàidhlig, ceòl Ghàidhealach!

Ach ‘s e an amas as cudromaiche Gàidhlig a neartachadh airson gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig san taigh, san sgoil agus san obair.

Tha ceist ann an diugh airson na daoine òga:

“Gur truagh a’ Ghàidhlig bhi ‘na cas

O’n dh’fhalbh na Gàidheil a bh ‘againn

A ghineil òig tha tighinn ‘nan ait’

O togaibh suas a bratach”

Thàinig dìleab thugainn – am bi dìleab bhuainn?

’S e ginealach eile a sheas ri càs na h-eachdraidh gus am bratach ud a chumail an àird  a dh’aindeoin gach buille is slaic, gach stuagh is gach stoirm.

Tha an ginealach agamsa air buannachdan fhaighinn agus a-nis dè nì sinn leis an dìleab a dh’fhàg iad againn?

Ciamar a bhios sinn a’ dùsgadh nan Gàidheal?

Mar a thuirt mi an-uiridh aig Sabhal Mòr Ostaig, tha sinne, an fheadhainn a fhuair buannachd bhon obair chruaidh agus àrd-amasan aig ginealach eile, a-nis nar tidsearan, nar luchd-poileataigs, nar luchd sgoilearachd, nar luchd-ciùil, nar sgrìobhadairean agus iomadh rud eile, agus tha dleastanas oirnn: dè ni sinn?

Sgriobh Julie Fowlis sa phàipear naidheachd aig an deireadh sheachdainn gur e an ginealaich againn a bhios anns a’ ghinealach aig am bi an cothrom a’ Ghàidhlig a shàbhaladh neo a’ Ghàidhlig a dhiochuimhneachadh.

’S e cùis air leth cudromach a th’ ann – nas motha na duine sam bith againn.

‘S e mion-chànan a tha sa Ghaidhlig, ach chan eil i mar mhion-chànan airson nan daoine a tha ga bruidhinn agus ga cleachdadh.

Tha i cho farsaing ri macmeanmna na h-òigridh, agus cho mòr ri bruadaran na h-òige.  Tha mi taingeil airson an dìleib seo, agus tha mi a’ guidhe gum faic sinn adhartas nas luaithe is nas leantannaiche sa Ghàidhlig sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Mo bheannachd oirbh airson èisteachd rium a-nochd, agus tapadh leibh.

 

’S e Ball Pàrlamaid na h-Alba do Sgìre an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanaich a th’ ann an Ceit Fhoirbeis agus tha i na Ministear airson Ionmhas Poblach agus an Eaconamaidh Dhidseataich ann an Riaghaltas na h-Alba.

@KateForbesMSP

 

Share

2 thoughts on “Dìleab Thugainn, Dìleab Bhuainn | Ceit Fhoirbeis BPA

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach