Sgeulachd Ghoirid | Dithis Leanabh le Erin Hill

Is cuimhnich leam an latha a thàinig mo nighean as sine thugam ’s ise a’ faighneachd “Cò às a thàinig mi?”

Rugadh tu ann a sheo, thuirt mi; bha thu nam bhroinn airson naoi mìosan agus an uairsin dh’fhàs thu mòr gu leòr agus rugadh tu san taigh seo.

Cha robh i ach a’ teannadh air sia bliadhna a dh’aois, cha robh mi cinnteach an robh i aosta gu leòr airson an sgeul air fad. Tha cuimhne agam gun robh mi a’ dèanamh nan soithichean. Gach triop a bhiodh ruideigin aicese ri ràidhinn rium, dh’fheitheadh i gus an robh mi nam sheasachd aig an t-sinc, suas rim uileannan ann an uisge teth is truinnsearan.

Ach co-dhiù, cha robh sin math gu leòr.

“Tha fios agam air a sin, a Mhamaidh, ach cò às a thàinig mi? Càit an robh mi roimhe sin?”

Nise, dh’ionnsaich mise mu dheidhinn nithean mar sin bho charaid agam sa bhun-sgoil aig an robh ceathrar bhràithrean na bu shine. Cha robh i dìreach ceart agus bho na rudan a dh’innis ise dhomhsa ’s iongantach gun robh clann agam a-riamh. Cha robh mi ag iarraidh sin airson mo nighean-sa is mar sin, chuir mi dheth na tapaichean, shuidh mi sìos còmhla rithe agus cho math ’s a b’urrainn dhomh, dh’fhreagair mi na ceistean aice.

“O,” thuirt i dar a bha mi deiseil agus an ceann còig mionaidean, bha i air an rud air fad a dhìochuimhneachadh is bha i a-mach às an dorast a-rìs.

 

Dar a bha i sia bliadhna deug, bhàsaich bò againn. Bha ceathrar chloinne againn an uair sin, dithist bhalach agus nighean bheag eile a bha fhathast nam ghàirdeanan, a thàinig thugainn dìreach dar a bha beachd agam gun robh na làitheachan sin ri mo chùl. Ach bha mi air mo chois tràth, mar a b’àbhaist sna làitheachan ud. Làithean-saora samhraidh a bh’ann airson na triùir anns an sgoil; làitheachan fada grianach nam chuimhne ged a tha làn-fhorfhais agam gun robh an t-uisge ann cho tric ris a’ ghrian agus na meanbh-chuileagan a’ fàs nas miosa gach seachdain. Dh’èirich mi aig sia dar a chuala mi an naoidhean bheag ag èigheachd; thog mi do mo bhroilleach i agus chaidh sinn sios an staidhre. Chuir mi uisge anns a’ choire is bha mi a’ dèanamh air an stòbha airson brochan a dhèanamh dar a chunnaic mi an gamhainn a b’òige againn, na seasachd gun ghluasad a’ dearcadh air ruideigin air an làr. Bha fhios agam dè thachair – nach robh mi air an aon rud fhaicinn iomadh triop roimhe?

 

Chùm sinn seòrsa tìodhlacaidh air a son. Cha robh sinn cleachdte ri sin a dhèanamh airson a h-uile bheathaich – ghabh sinn cùram math dhiubh ach chaill sinn feadhainn co-dhiù gach bliadhna – ach b’ e sin a’ chiad bhò a bh’againn riamh; bha sinn uile cho eòlach oirre ’s a tha an ladar air a’ phoit. Bhiodh beathaichean eile a’ tighinn ’s a falbh, air an reic, a’ fàs tinn… ach cha bhiodh ise. Dar a gheall mi ri mo chèile a phòsadh, bha esan eadar dà bheachd mu deidhinn; ach thuirt mi gum pòs mi e cho fhad’s nach reiceadh e a-riamh i. Is cha do reic.

Bha mi caran ìosal air an oidhche ud. Thàinig mo nighean a-staigh don chidsin far an robh sinn nar suidhe; mise a’ gabhail teatha, an duine agam a’ smocadh làimh ri uinneag fhosgailte. Sheall i air an dithist againn, is rinn i seòrsa gàire.

“Cha robh ann ach bò,” thuirt i. “Tha fhios a’m gun robh i sean ach thighearna, nach eil sibh cleachdte ri sin fhathast?”

Choimhead an dithist againn air a chèile.

“Rugadh thusa air sgàth na bà sin,” thuirt mi an uairsin. Cha tuirt an duine agam càil ach bha fhios a’m dè bha e a’ smaoineachadh. Bha ioma-cheist air aodann mo h-ighne.

Ach bha e fìor. Cheannaich sinn a’ bhò a’ bhliadhna a dh’fhàg mise a’ cholaiste. Ghluais mi a-staigh còmhla ris-san is bha sinn toilichte ach cha mhòr nach robh sinn air cnoc an acrais. Uill, bha daoine gu leòr na bu mhiosa na sinne gun teagamh; bha a’ chroit againn is bha mise ag obair sa bhaile trì làitheachan san t-seachdain ann an taigh-òsta. Ach b’ e an samhradh a bh’ann agus bha làn-fhorfhais agam dè cho mì-chinnteach ’s a bha obair mar sin.

Fhuair sinn a’ bhò aig prìs ìosal; bha an tuathanach a’ cinntinn ro aosta airson cùram a ghabhail dhi is bha a chuid chloinne airson na beathaichean aige a reic.

“Bidh laogh aice as t-Earrach,” thuirt a mhac, “laogh math, nì i a h-airgead air ais an ceann bliadhna.”

Bha sin anns an t-Sultain. Aig deireadh a’ Ghearrain, thàinig e a-staigh orm gun robh mi trom.

“Chan eil airgead gu leòr airson leanaibh,” thuirt sinn ri chèile. “Cha chùm iad dreuchd fosgailte dhomh aig an taigh-òsta…Cha mhòr nach do chaochail mo mhàthair dar a rugadh mise…Chan eil sinn deiseil fhathast…Chan e an -àm ceart a th’ann.” Rinn sinn suidhe aig a’ bhòrd agus rinn sinn liosta de dh’adhbharan carson an e fìor dhroch bheachd a bh’ann an leanabh. Aon latha, uaireigin, thuirt sinn.

“Ceart,” thuirt mi, ann an guth na bu toilichte na bha mi a’ faireachdainn. “Thèid mi don dhotair a-màireach – chan eil mi cho fada air adhart co-dhiù, is tha a h-uile rud cho furasta, luath an latha an-diugh.” Rug e làmh ormsa agus shuidh sinn san t-sàmhchair airson greiseig.

 

Anns a’ mhadainn, chaidh an duine agam a-mach is fhuair e gun do rugadh laogh marbh air an oidhche. Cha robh càil ann a b’urrainn dhuinne dhèanamh; bha e ro thràth, ro bheag, ro bhochd. Bha a’ bhò na seasachd làimh ris a’ chorp, ga phùtadh le a sròn, ag amharc air. An uairsin thog i a ceann is choinnich ar sùilean ri chèile. Nise, cha mhì boireannach a bheir creideas do ghisreagan is chan eil mòran ùine agam airson sgeulachdan gòrach, seann chailleachan a-mach air an dà-shealladh is na sithichean is nithean gun fheum mar sin. Ach cho fad’s a mhaireas mi beò, geallaidh mi gun cuala mi guth na bà sa mhionaid sin. Dè rinn mi ceàrr, bha i a’ faighneachd. Cuir ceart e, carson nach eil e a’ gluasad?

 

Rugadh ar nighean seachd mìosan as dèidh sin, faisg air bliadhna don latha on cheannaich sinn a’ bhò. Thachair a h-uile rud cho luath, cha robh ùine gu leòr againn airson an ospadal a dhèanamh dheth. Cha tàinig mi dlùth ris a’ bhàs , ged a bha mi an dùil ris airson mionaid no dhà. Bha an leanabh tràth, beag, bochd  – ach bha i beò.

Dar a thuirt iad gun robh mi fallain gu leòr gu bhith air mo chois a-rìs, dh’èirich mi gu faiceallach às an leabaidh agus chuir mi mo bhòtannan orm – fhathast nam pidseamas – is chaidh mi a-muigh, pàiste nam ghàirdeanan. Bha a’ bhò ag ithe an fheòir beagan air falbh bhon taigh; caran às mo chiall le hormones is drugaichean leig mi orm smaoineachadh gun robh i a’ feitheachd rinn.

“Seo dhut, a ghraidh,” thuirt mi. “Seo dhut.”

– Erin Hill

Share

One thought on “Sgeulachd Ghoirid | Dithis Leanabh le Erin Hill

  1. Glè mhath! ‘S e neach-ionnsachaidh Gàidhlig a th’annam agus tha tòrr agam fhathast a dh’ionnsachadh, ach chòrd ur sgeul rium gu math. Cum oirbh leis a’ sgrìobhadh!

Freagair Màiri Coille Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach