Diùltadh ann an dàta fuar 

Sgrìobh Marcas Mac an Tuairneir an aiste seo mar a fhreagairt don alt-naidheachd (seall air a’ cheangal seo) a nochd anns an National  o chionn ghoirid.

“Hiort Shasainn”, no “Gibraltar” mar a chanas a’ mhòr-chuid rithe.

Marcas Mac an Tuairneir

Leugh mi le ùidh, an-dè, alt anns An Nàiseantach a thòisich le fianais a chur air shùilean dhomh gu bheil luchd-bhòtaidh ann an Sasainn, is dòcha, a’ fàs coma co-dhiù a thaobh àite na h-Alba san Aonadh is a’ cur luach nas fhaide air Gibraltar, fear de na baisteonan mu dheireadh den Ìmpireachd.

Mar Shasannach a tha air a bhith a’ fuireach ann an Alba o 2003 tha lèirsinn nas fharsainge, is nas pearsanta, agam air a’ chùis, is dòcha, on a tha mi air a bhith a’ siubhal air ais is air adhart, thar nan crìochan, fad mo bheatha inbheach. Le sin, uaireannan, tha e air a bhith doirbh a bhith a’ leughadh, mar a leughar gu tric, gu bheil Sasainn uile gu lèir den aon bheachd, is nach eil gràin-cinnidh, aonarachdas is colonachd aig cridhe na cùise. Chan e sin a bhios mi faicinn, fad an t-siubhail, is mi a’ coiseachd sràidean Eabhraige is ag èisteachd ri mo theaghlach is muinntir na coimhearsnachd ann.

Nuair a dh’fhoillsicheadh toraidhean an reifreinn, a chuir Br-a-mach an gnìomh, bha mi toilichte fhaicinn rudeigin gu tur eadar-dhealaichte na am maoim-talmhainn ris an robh ‘mucraidh’ na dùthcha an dùil ach, 13,266,996 de dhaoine a bha fhathast airson a bhith nam pàirt de choimhearsnachd na Roinn-Eòrpa. Sin cha mhòr còig uiread de dhaoine a bhòt ann an Alba uile gu lèir. Mar sin, a bheil e cho furasta a bhith ag ràdh gu bheil Sasainn, no fiù ’s na Sasannaich fhèin, uile den aon bheachd a thaobh seo?

Càite bheil guthan nan daoine sin? Chan eil iad rin cluinntinn ann am meadhanan a’ mhòr-shluaigh, ach tha dòchas ann fhathast. Anns a’ York Press, leughadh anns an Iuchar an-uiridh gun robhar an dùil ri còig ceud à gach ceàrnaidh den t-Siorrachd, cruinn còmhla aig caismeachd an aghaidh Br-a-mach is iad deònach ceann a thogail gus a bhith a’ sealltainn don t-saoghal nach gabh iad ris. Tha York for Europe a-measg sreath de dh’iomairtean a tha air nochdadh air feadh na dùthcha gus ceann a’ mhaide a chumail ri Westminster, mar phàirt de phròiseas deamocratach nas fharsainge. ’S e togail cridhe a bu chòir a bhith ann an sin. 

Agus ’s ann mar sin, gun teagamh, a tha mi a’ faicinn toraidhean an rannsachaidh a chaidh fhoillseachadh an-dè le seann-nàmhaid na Gàidhlig Sgiathan Os Cionn na h-Alba. Fianais a tha sin a dh’innseas gu bheil luchd-bhòtaidh Shasainn a’ faicinn gur iad beachdan is feallsanachdan gu tur eadar-dhealaichte a bhios a’ stiùireadh poilitigs an-seo, ann an Alba, is gu dearbh, suidheachaidhean poilitigeach fa-leth a th’ aca anns a’ Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath. Leis an sin, thàinig ceist orm: ann an  2018, a bheil na Sasannaich fhèin a’ gabhail for nach eil ‘A’ Bhreatainn Mhòr’ ag obrachadh dhaibh-san, nas mò. Gu dearbh, an lèir dhaibh, is dòcha, gum b’ e breug a bh’ ann am ‘Breatainneachd’ fad an t-siubhail?

Bha àireamhan gu math gairiseachail am measg nan toraidhean; 35% a bhiodh coma nan toireadh Br-a-mach air Alba A’ Bhreatainn Mhòr fhàgail, 31% a thaobh Èireann a Tuath. Bhiodh e furasta sin a leughadh mar phais san aghaidh fhèin, ach dhòmhsa dheth, ar leam gu bheil sinn a’ faicinn tuigse aig na Sasannaich air toraidhean an reifreinn, an-seo is sna Sia Siorrachdan, is gèilleadh fhèin do dh’fhìorachd fèin-cinnteachadh is sgaoileadh-chumhachd nan nàiseanan eile.  

Chan fheumar mòran a leughadh gus a bhith a’ faicinn carson a ghabhadh muinntir Gibraltar greim air dùthaich nas fhaide cèin, seach air an Spàinn. Leis an dòigh sa bheil Madrid air dèiligeadh ri Tìr nam Basgach, fad nam bliadhnaichean mòra, is a dhèiligeas i fhathast ri Catalòinia fhad ’s a tha mi a’ sgrìobhadh, cha chuireadh e iongnadh orm nach biodh Gibraltarach sam bith airson creineach eile a dhèanamh dheth fhèin, do Riaghaltas nach gabh ri ionnanachdan is cultaran dùthchasail is a chuireadh bacadh air fèin-riaghladh sam bith, nam b’ urrainnear. 

Mar sin, ma ’s e sin a bheir air muinntir Gibraltar a bhith nam pàirt de sgioba Bhreatainn, is dòcha gur e an aon seòrsa ceist a chaidh a thogail ann an Sasainn. Gu dearbh, a bheilear an dùil, ann an dà-rìribh, gun do rinn an 46.6% de Shasannaich car a’ mhuiltein is naidheachd na dàimhe sònraichte eadar Tèrag is Arlene ga sgaoileadh romhainn? ’S fhada o chuireadh Èirinn a Tuath dùbhlan ro Westminster agus ’s lèir gu leòr nach eil na Tòraidhean deònach idir an oidhirp cheart a dhèanamh gus piseach eaconamach a thoirt air an àite, is air Stormont fhèin ath-fhosgladh ann an lorg staing Achd Gàidhlig na h-Èireann. Chan eil e doirbh fhaicinn nach cuir libearalaich is sòisealaich Shasainn, nam measg iadsan a bhòt gus ar cumail san Aonadh Eòrpach, luach sam bith ann am poileasaidh Pàrtaidh Deamocratach Ulaidh, fhad ’s a chailleas iad an tud is an tad aig earball leasachadh chòirichean daonna do bhoireannaich is muinntir LGBT. 

A dh’aindeoin fàs is fàilleadh UKIP is beachdan fada gu deas is a’ cheist mhaireannach an crochadh os cionn in-imriche, chan eil e mì-reusanta a bhith a’ faicinn bheachdan is libearalachd ga toirt orra am measg na tha air taobh deas a’ mheadhain. A dh’aindeoin connspaid a bha ag èirigh aig àm pòsadh co-ionnan is ceadachadh ana-torrachais laghail, bidh rannsachaidhean eile a’ sealltainn gu bheilear a’ fàs cleachdte ri sin, a-nis, gu ìre far a bheilear an dùil ris ann an dùthchannan eile. A’ toirt fainear dhan adhartas shòisealta sin, is dòcha, dhaibh-san, gu bheil Stormont na dhùbhlan ro mhòr is gum faigheadh iad cuidhteas e air sgàth an droch bhlas a tha claon-bhreith a’ fàgail air an teanga. Air an làimh eile, dh’fhaoidte gum faicear sluagh nàiseantach, no Caitligeach, co-dhiù, a’ sìor-fhàs is a’ fuasgladh ceist ath-aonadh na h-Èireann, ge b’ e dè an toradh a bhiodh aig pròiseas deamocratach is reifreann eile.  Chìthinn tuigse is fiosrachadh air a’ chùis an-seo, seach cion bàidh a-mhàin.

Is na Sasannaich fhèin? Chan fhiach a bhith bodhar ris na guthan taiceil a chaidh a chluinntinn aig àm an reifreinn againne. Guthan dhaoine a chunnaic buannachd Taigh an Ròid is a dh’iarradh sin dhaibh fhèin. ‘S ann le cinnt a dh’fheumas sinn a bhith pròiseil às mar a shoirbhich sgaoileadh-cumhachd is fèin-riaghladh dhuinn ann an Alba. A bheil e cho neònach gum feuchadh an aon nàisean a-mhàin aig nach eil seanadh nàiseanta fhèin an rud ceudna. ’S maireannach ceist chùisean Shasannach is comas bhall à dùthchannan eile a bhith an sàs innte. Eadar seo is sin, a bheil e cho doirbh a bhith a’ faicinn fàs miann fèin-riaghlaidh ann an Sasainn, a dh’iarradh ìre chumachdan, gus astar a chumail o bhrùidealachd Westmister Tòraidheach is coimhearsnachdan, gu seachd àraid aig tuath, a dhìon?

Gu mì-fhortanach ann an Sasainn, chan eil an taghadh ann. Bidh buidhnean leithid Sgaoileadh-chumhachdan do Shiorrachd Eabhraige, nam bheachd-sa, a’ sgapadh an smior is a’ toirt air falbh, le bhith ro mhionaideach, bho iomairt aig ìre nàiseanta a dhèanadh fìor-fheum ann an Sasainn. Ach tha e na shamhla dòchais, cuideachd, gu bheilear a’ faicinn slighe eile, air falbh bho nàiseantachd Shasannach is Bhreatainneach an taoibh dheis, dhen robh Br-a-mach fhèin na fhianais. Dh’fhaodamaid-ne an-seo ann an Alba, ma tha sinn fialaidh gu leòr, a bhith taiceil ri sin is an còmhradh fhosgladh, le a bhith a’ sealltainn ciamar a shoirbhicheas nàiseantachd shìobhalta ann an làmhan an taoibh chlì. Chan eil a dhìth ach an dàrna làmh a shìneadh, air cho mòr ’s a ghrèimhicheadh an làmh eile an neo-eisimeileachd a tha a dhìth oirnn. 

Gu mì-fhortanach, sin rudeigin nach fhaic Stiùbhart Caimbeul, a bha air cùl an rannsachaidh  fhèin, is e cho daingeann nàimhdeas eadar na dùthchannan a bhrosnachadh a-rèir na thuirt e. Tha Caimbeul na dheagh shamhla de nàiseantaich a nì fuaim mòr is e ceart gum bu chòir nàisean sam bith am miann aige fhèin a chur an cèill, ach aon uair is gu bheil e a’ faicinn an aon bheachd air an taobh eile, ’s clis a thilleas e le briathran diùltainn, mar bhobag bleideil. Gun teagamh, tha Gàidheil an-seo cleachdte ris an sgrìobhadh ‘bheachdail’ aig Wings, a chuireas nar cuimhne, gu tric is gu cunbhalach, nach eil àite don Ghàidhlig anns an Alba Neo-eisimeileach a dheasaicheadh is a chuireadh e romhainn. Gu dearbh, a-rèir Chaimbeul, ’s fhiach ceist a thogail am biodh àite do na Gàidheil fhèin mur a biomaid deònach Beurla a bhruidhinn a là ’s a dh’oidhche. Mar sin, ma tha Caimbeul cho deònach nàmhaid a dhèanamh den luchd-dùthcha aige fhèin, cha bu chòir dha a bhith na iongantas dhuinn gum faiceadh e nàimhdeas ann an toraidhean an rannsachaidh aige; iomairt, aig a’ cheann thall, nach robh cho soirbheachail sin is nach d’ rinn trusadh ach air còrr is mìle de luchd-fhreagairt. 

Dhòmhsa dheth tha mi buailteach is deònach rudeigin math a chìreadh às na toraidhean, agus is dòcha gu bheil mo lèirsinn is mo chuid eòlais phearsanta – mar Ghàidheal, mar Eabhraigeach, mar Shasannach – beagan nas fharsainge is nas ion-ghabhalach na tha a chuid-san.

Ann an cainnt Chaimbeul cha chluinn mi ach briathran balaich-sgoile, a bha mì-chàilear, nach robh coibhneil, sa chlas, is a chluich leis fhèin aig àm-plèadha.

Tha Marcas Mac an Tuairneir na bhàrd is na sheinneadair is na thagraiche ollamhachd ann an Roinn na Ceiltis is Eòlas na h-Alba, ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Tha dà cho-chruinneachadh bàrdachd Gàidhlig is Beurla aige an clò – ‘Deò’ (Grace Note, 2013) is ‘Lus na Tùise’ (Bradan Press, 2016) – is cho-sgrìobh e pamflaid eile – ‘beul-fo-bhonn / heelster-gowdie’ (Tapsalteerie, 2017) – a rinn e còmhla ri bàrd na Beurla is na Beurla Gallta, Stuart A. Paterson. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faicibh www.marcas.scot  

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach