Dol Fodha a’ Chaorainn is Èirigh a’ Chiùil Dhuibh

syncopated-orchestra

Is aithne dha na Gàidheil cho mòr ’s a bheir dol fodha luing buaidh air coimhearsnachd – seo an sgeul aig an SS Rowan agus an Southern Syncopated Orchestra agus mar a thug iadsan a tharraing beò às an tamailt buaidh air ceòl an t-saoghail.

‘S e eachdraidh air a sgrìobhadh na litrichean mòra a lorgar ann an leabhraichean teacsa, agus gu dearbh ’s e sin a fhuair sinn uile sna làithean sgoile againn. Cogadh, cinn-là, rìghrean, impireachd is mar sin air adhart.

Ach san latha an-diugh ’s ann as motha a tha ùidh agam ann an eachdraidh air a sgrìobhadh na litrichean beaga. Seo eachdraidh nan daoine àbhaisteach; mar a thug na tachairtean mòra buaidh air am beathannan agus mar a tha tachairtean beaga a’ toirt buaidh air eachdraidh an t-saoghail. Ach feumar rannsachadh nas dicheallaiche a dhèanamh gus lorg fhaighinn oirre. Fhuair mi a-mach o chionn greis gur e deagh fhuaran nan sgeulachdan beaga seo a tha anns na pàipearan naidheachd ionadail. Dhan sgìre agam fhèin ann an Eilean Arainn, tha sin a’ ciallachadh an ‘Ardrossan and Saltcoates Herald’.

‘S iomadh sgeul neònach is inntinneach a lorg mi falaichte na dhuilleagan nuair theann mi ri sporghail troimhe. Bha aon aithris bheag bho 1921 a thog m’ùidh gu sònraichte agus seo e: The body of a coloured man about 18 years of age was found ….washed ashore at Torrylinn, Kilmory, Arran. It is supposed to be that of a member of the Syncopated Orchestra, several of whom were drowned in the sinking of the steamship Rowan.

Cha b’ e rud neo-àbhaisteach a bh’ann am bàthadh an uairsin agus is cinnteach gun rachadh corra chorp a ghiùlan gu tìr leis a’ mhuir bho àm gu àm. Maraiche air tuiteam bho chrann no iasgair air a sguabadh far bùird. Ach bha an sgeulachd seo diofraichte. Cò dìreach a bh’ anns an òigear bhochd agus cò a bh’ anns a’ chòmhlan ‘The Syncopated Orchestra’? Chuir mi romham faighinn a-mach.

A rèir athris an rannsachaidh tubaist a fhuair mi ann an seann eagran a’ Ghlasgow Herald bha am bàt-aiseig air an robh an Rowan air a slighe eadar Glaschu is Baile Àtha Cliath ann an ceò anabarrach tiugh nuair bhuail an soitheach Aimeireaganach SS West Camak innte far costa Ghall-Gàidhealaibh. Thàinig na bha a’ seòladh oirre air bòrd gus feitheamh ri cobhair. Tha an àmhghar is oillt a dh’èirich air na truaghain seo an uairsin do-labhairt. Dh’fhuiling an soitheach darna buille, na bu mhiosa an turas a bhuail am bàta eile, an SS Clan Malcolm, innte.

Chaidh An Caorann a ghearradh glan na dhà leth agus ann an ùine gun a bhith fada bha i air a dhol à fianais fo na tuinn. Am measg nan iomadh duine a chaill am beatha an oidhche ud, bha ochdnar bhuill dhen chòmhlan The Syncopated Orchestra. Ged is beag an t-iomradh a thathar a’ toirt air a’ chòmhlan san latha an-diugh, fhuair mi a-mach gun tug iad buaidh mhòr air ceòl is cultar an t-saoghail ùir a thàinig gu bith as dèidh cruadal a’ chogaidh mhòir. Bha a’ mhòr-chuid a thàinig tron chogadh airson seann dòighean is modhan na linn Bhictorianaich a chaitheamh bhuapa is bha iad deiseil gus gàirdeachas a’ dhèanamh ri cultaran is ceòl a bha ùr dhaibh, nam measg sin, ceòl dubh Aimeireaganach.

Gus freagairt air a’ mhiadh seo ann am Breatainn bha an còmhlan air seòladh bho thùs thar a’ chuain siar ann an 1919. Ràinig iad Liverpool san Ògmhios is shiubhail iad a Lunnainn far an do chluich iad sreath de chonsartan aig an Talla Fiolarmonach. Bha fèill cho mòr orra is gun do dhòirt na tairgsean obrach a-steach is chùm iad a’ dol a chluich ann an Lunnainn is air chuairt air feadh Bhreatainn is na Roinn-Eòrpa fad an ath dhà bhliadhna, cha mhòr gun sgur. Chluich iad fiù ’s air beulaibh an rìgh aig lùchairt Buckingham is aig consart gus a’ chiad cheann-bliadhna bhon arm-stad a chomharrachadh. Chuir iad seachad grunn sheachdainean ann an Alba ann an 1920 is 1921 ’s iad a’ cluich chonsartan ann an Glaschu, Dùn Èideann is Dùn Phàrlain.

A bharrachd air toileachas is dibhearsan a thoirt dhan phoball bha iad cuideachd nan tosgairean a’ sgaoileadh blasad air fìor chultar an t-saoghail dhuibh. Agus b’ann gu h-iomlan a riochdaich an còmhlan an saoghal seo le buill bho air fheadh; bho dhiofar cheàrnan de dh’Aimeireagaidh; a Tuath is a Deas, bho Afraga, bhon Charaib is bho Bhreatainn fhèin. Bhuineadh am fear a chaidh a lorg air cladach Arainneach do Shierra Leone.

Ron Chogadh b’ e an aon fhios a chuir a’ chuid a bu mhotha de mhuinntir Bhreatainn air ceòl dubh am beag fios a fhuair iad tro na Minstrel Shows. Thàinig na taisbeanaidhean seo gu bhith ann an linn na tràilleachd sna Stàitean le daoine geala a’ dubhadh an aodainnean is a’ magadh is a’ dèanamh tàire air dualchas nan daoine dubha. Chuir an neach iomairt dubh Fredrick Douglass an cèill na faireachdainnean làidir aige mun fheadhainn a ghabh pairt sna tachairtean ‘the filthy scum of white society, who have stolen from us a complexion denied to them by nature, in which to make money and pander to the corrupt taste of their white fellow citizens’.

Ach rè a’ chogaidh bha daoine dubha is geala air sabaid ri taobh a chèile is bha sòisealtas geal deiseil sùil às ùr a thoirt air dualchas dubh. A-mach à seo ghineadh an saoghal as aithne dhuinn an-diugh far a bheil cultar dubh is cultar geal a’ tighinn beò còmhla is a’ cur ri càch a cheile. Ghairmeadh linn òr far an tàinig gu bhith cha mhòr a h-uile gnè ciùil air a bheil fèill san latha an-diugh eadar jazz, blues, soul, pop is rock.

Às dèidh na tubaiste chaidh an còmhlan a thoirt còmhla a-rithist is aon uair ’s gun robh an caraidean air an tìodhlacadh, sheòl iad air ais a dh’Èirinn gus na dleastanasan aca a choileanadh. Chùm iad a’ dol greis ach taobh a-staigh bliadhna sgaoil iad. B’ e deireadh sgeul iongantach is buadhmhor. Bha an obair a rinn iad deatamach is ionmholta agus ’s ann a tha iad làn airidh air barrachd aithneachaidh is gu dearbh ar spèis. Agus gu pearsanta tha mi toilichte gun deach mo thuigse air ceòl is cultar a bheartachadh air thuiteamas tro aithris bheag a fhuair mi ann am pàipear ionadail.

  • Alistair Paul
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach