Dòmhnall na Dachaigh: Mo ghràin air do ghobaireachd!

cùrtaireanle Steaphan MacRisnidh

 

On a bha e a-nis caran fada air an latha, bha fadachd air Dòmhnall faighinn chun na h-eaglaise an ceann a’ ghnothaich thruaighe.  Gnothach truagh a bh’ ann dha-rìribh a bhith a’ tilleadh an rathad a thàinig e ann am beul na h-oidhche gus corra sgillinn a chur air ais do ladar a’ choitheanail : ach, nuair a thigeadh e gu h-aon ’s gu dhà, cha leigeadh a chogais ’s a chiont ’s an t-uallach leis smaoineachadh air dòigh eile ach sin fhèin.

An dèidh sgrìob ghoirid de rathad còmhnard, thàinig sgàth-fhras a bha seachad ann an ùine ghoirid ach a dh’fhàg Dòmhnall bog fliuch. Thòisich an rathad air dìreadh beagan mar a bha e a’ triall air adhart agus a’ tighinn am fianais corra thaigh agus na h-eaglaise fhèin an taobh shuas.  Sheall e air an doras uaine agus smaoinich e air a’ bhùrach a bha seo a’ dol a dhèanamh air na cunntasan sgiobalta aige bhon t-seachdain’ sa chaidh.

Chuir e an iuchair mhòr a-steach don doras agus thionndaidh e i . Ghabh e a-steach, agus chuir e air solas an trannsa. Ghabh e greim air làmh an dorais gus a dhùnadh, agus shaoil e gum faca e faileas air choireigin a’ nochdadh san t-solas a bha a’ lasadh suas am bad den rathad a b’ fhaisge do bheul na h-eaglaise. Stob e cheann a-mach, ach cha robh e a’ faicinn dad.

Nuair a dh’fhalbh Dòmhnall a-steach don togalach dh’fhàgadh an doras sraointe fosgailte. Thog Ealasaid a ceann air cùlaibh tolman rainich agus choimhead i air doras-aghaidh na h-eaglaise a’ soillseachadh stairsich ’s staran. Mhiontraig i tighinn a-mach on raineach gu fiatach, ’s i ’na crùban mar chat clobhdach an tòir air a chobhartaich. Rinn i oidhirp mhòr gun na bòtannan aice a phlumadh ann an glumag no boglach, ’s gun am fuaim a bu lugha a dhèanamh. Thug i starradh timcheall glumaig, ’s leum i thairis air boglach beag agus rinn i trotan eadar badan fraoich ’s poll mun do stad i le cluasan biorach mu astar fichead slat bhon doras – agus deiseil gus leum don dìg nan tigeadh Dòmhnall a-mach a-rithist.

Dh’fhuirich i an sin a’ spleuchdadh air an togalach san dorchadas. Bha i a’ feitheamh ach an cluinneadh i gun robh e sàbhailte dol na b’fhaisge. Dh’fhan i na b’ fhaide. Ruith i a dh’ionnsaigh an dorais agus nochd ceann Dhòmhnaill aig an dearbh àm. Thuit Ealasaid sìos don talamh ’na clod ‒ a cridhe ’na slugain. Le a sùilean dùinte ’s a ceann ìosal, bha i guidhe gun cleitheadh an duibhre i on nach robh sìon eile ann don rachadh i am falach. Nuair a dh’fhosgail i a sùilean, cha robh Dòmhnall ’na sealladh.

Cha robh Dòmhnall a’ faicinn sìon seachad air an àite bheag a bh’ air a shoillseachadh air beulaibh na h-eaglaise. Shaoil leis gur e fiadh a bh’ ann agus thionndaidh e air ais an dàrna turas gus coiseachd an trannsa chun an talla. Bha aire air an airgead sna cunntasan a dh’fheumadh e gluasad do ladar a’ choitheanail nach robh air a chunntadh fhathast. Ghreas Dòmhnall a-null an trannsa agus dhìrich e an t-àrd-ùrlar aig ceann thall an talla, ga phutadh fhèin suas le a bhasan ’s le a ghlùinean. Bha an uair sin cùrtairean agus doras air gach taobh de chùl an àrd-ùrlair. B’ e aonan dhiubh seo am preas mòr anns an robh ladar a’ choitheanail ’na shuidhe ann am bogsa meatailt glaiste. B’ e an doras eile an t-slighe a-steach don oifis. Thug e a-mach gad iuchraichean agus dh’fhosgail e doras na h-oifise.

Dh’èirich Ealasaid san dorchadas ’s bha an ad ’s a’ bhriogais aice air an stealladh le poll. Coma leatha, thug i roid gu taobh an togalaich gun fhios nach robh Dòmhnall faisg air an doras fhathast. Stob i a ceann gu sgàthach a-steach don doras fhosgailte ’s cha robh Dòmhnall ri fhaicinn ann, ach bha i cluinntinn anail ’s seathan fad às on talla mar gun robh e a’ togail no a’ giùlan rudeigin trom. Ma bha a cridhe a’ plosgartaich roimhe, ’s ann a bha e a-nis a’ bualadh gu trom mar chlag-iarainn nuair a lean Ealasaid fuaim na h-analach gu doras an talla. ’Na seasamh an sin, thog i màs glugach Dhòmhnaill a’ streapadh suas air an àrd-ùrlar agus a’ falbh às air cùl cùrtair air an taobh dheas.

Air a corra-biod, choisich Ealasaid bhàn gu socair a dh’ionnsaigh ceann thall an talla, agus chrùb i aig a’ bhonn gun fhios nach brùchdadh Dòmhnall a-mach far na h-oifise gu h-obann mar a rinn e le a cheann a stobadh a-mach roimhe, gun rabhadh. Gu mall, dh’èirich pom-pom pinc na h-aid aice suas, agus nochd a bathais leathann ’s a dà mhala thana thar àird an ùrlair mun robh i a’ coimhead gu dìcheallach a-null chun a’ chùil dhorcha. An robh e sàbhailte dhi dhol na b’ fhaisge? Mheas i gun robh, mar sin, streap i gu luideach suas air an àrd-ùrlar aig an dearbh àm ’s a dh’fhosgail doras na h-oifise ’s a thàinig Dòmhnall a-mach.

A Thì beannaich mise! Stad Ealasaid ’na seasamh cruaidh le geilt ’s aon chas air thoiseach air an tè eile mar gun robh i ris na splits, no spad-chasach; ’na h-inntinn, bha i a’ ruith tro gach leisgeul air am b’ urrainn dhi smaoineachadh. Ach cha leigeadh i leas oir cha robh Dòmhnall idir mothachail gun robh i ann. Theich i gu cùrtair air an taobh dheas agus dh’fhalaich i i fhèin ann, le turtar aig a cridhe.

Bha ceann Dhòmhnaill fhathast crom ’s e a’ cunntadh nan sgillinnean ’na bhois, a’ dearbhadh an robh an t-suim cheart aige fhad ’s a bha e a’ coiseachd gu neo-amaisgeil a-null chun a’ phreasa bhon oifis. Thug Ealasaid sùil bhiorach air san doilleireachd agus bho nach robh de dhànadas aice na b’ fhaide na a leth-cheann a phutadh a-mach air eagal gum faiceadh esan i, chan fhaca i gun robh Dòmhnall a’ giùlan sgillinnean ’na làimh. Cha robh i a’ faicinn ach a chliathaich agus cha robh i a’ cluinntinn ach tàislich chas fhad ’s a bha e a’ siabadh a-null an àrd-ùrlair. Ge dè bha e ris?

Chaidh e à sealladh taobh thall an ùrlair agus chuala i iuchair ga tionndadh, doras a’ phreas ga fhosgladh, agus làmh a’ sporghail anns an dorchadas. An uair sin, sgrìobadh meatailt a’ bhogsa. Chuala i e ga fhosgladh ‒ bha a cluasan cha mhòr a’ gluasad. Cha bu dùraig dhi sealladh fhaighinn air, ach ghabh i grèim theann air a’ chùrtair a bha ga cleith agus dhìochuimhnich i a h-anail a tharraing. Bha a bathais preasach le iomagain agus a pluicean cho dearg ri glainne fìon rosé, ’s i a’ strì ri tuigsinn dè an rud amharasach ris an robh Dòmhnall. Nuair a chuala i gliongadaich airgid, bha i air a h-uabhasachadh. A Dhòmhnaill, an gille laghach, an duine somalta, cha b’ urrainn dha bhith fìor!

Sheas Dòmhnall a’ coimhead a-mach air an talla, a’ cuimhneachadh air òige ann an dealbh-chluich na Nollaige. B’ esan an cìobair, chuimhnich e. Smaoinich e an sin air na figearan a bha e air atharrachadh air na cunntasan san oifis. Fichead sgillinn far suim na teatha ’s nam briosgaidean, not far suim a’ bhadmantain oir bha na buill nan tàmh an-dràsta ’s cha tugadh iad an aire, agus an còrr far suim a’ chomanachaidh, nach rachadh a chumail airson mìos eile. A chiad turas a bha Dòmhnall air a leithid de chleitheachd a dhèanamh a-riamh, agus cha robh e air a dhòigh mu dheidhinn.

Gun fhiosta dha, bha Dòmhnall ’na sheasamh cha mhòr fo shròin Ealasaid ’s i air cùl a’ chùrtair. Dh’fhairich i cuideam ’s pian air òrdag mhòr na coise clì. B’ e sàil na bròig aig Dòmhnall a bh’ ann, agus bha e mar gun robh e a’ fùcadh ’s a’ stampadh oirre a dh’aona bhàgh gus a ciùrradh. An robh fhios aige gun robh is’ ann? Chais i a fiaclan ga cumail fhèin o èigheachd gu h-àrd. Dh’fhàs a bathais preasach ’s i feuchainn gun sgiamh a leigeil às.

Bha Dòmhnall a-nis ’na sheasamh le a mheòir air a smiogaid a’ trom smaoineachadh. Bha e a’ meòrachadh agus bha sàil a choise chlì ’na laighe air cirb a’ chùrtair thiugh ri thaobh. Sin a shaoil leis ’na sheasamh air ais air a shàil ’s e a’ cnuasachadh. Cuin a gheibheadh e chun a’ bhanca agus cuin an ath thuras a ghabhadh e air tighinn don oifis gus na cunntasan a rèiteachadh, air dha an t-airgead a thilleadh? Shaoil e gun robh e air an rud a bu riatanaiche a dhèanamh  ‒ airgead a’ choitheanail a cheartachadh mun tugadh fa-near an ath latha. Mur robh e air sin a dhèanamh, chailleadh daoine earbsa ann gu buileach. Cha bhiodh de dh’anam air a shròin a nochdadh nan tachradh sin.

B’ fheàirrde dha falbh a-nis, ’s cha robh e a’ coimhead air adhart le tlachd ris an t-slighe dhachaigh, air chor sam bith. Dh’fhaoidte gum faigheadh e ceann earbaill nan naidheachdan air an telebhisean nuair a ruigeadh e an taigh. No, dh’fhaoidte gum biodh e air a chlaoidh cho mòr ’s nach dèanadh e ach cadal. Thog e air gus falbh, agus lasaich an cràdh ann an òrdag coise Ealasaid. Thug e a dìol dhi gun a bhith a’ sgreuchail.

Dh’fhalbh Dòmhnall a-steach don oifis a-rithist agus thog Ealasaid rithe le giorag ’na com agus bròn ’na cridhe. Dòmhnall còir, an laochan, nach robh ann dhi a-nis ach an dearg mhèirleach! Cha b’ ì an seòrsa boireannaich a leigeadh seachad rudeigin mar seo. Dh’fheumadh i smaoineachadh air an dòigh a b’ fheàrr aghaidh a thoirt dha. Cò ris am bruidhneadh i? Thòisich na deòir a’ sileadh mar a bha i a’ greasadh a-mach. Dòmhnall a shaoil i cho onarach. Dòmhnall laghach a bha dèidheil air an dram ’s air scrabble.

Ràinig Ealasaid doras-beòil an togalaich agus thuislich i thar na stairsich a-mach agus a ceann ’na sgleò. Air a slighe chabhagach thar na talmhainn a bha eadar an taigh aice ’s an eaglais, chliob a casan thar badan feòir ’s fraoich; phlum a bòtannan do na glumagan ’s don a’ chlàbar air an do dhanns i timcheall na bu tràithe air a slighe chun na h-eaglaise.

Thàinig Dòmhnall gu clis as an oifis a-rithist air dha na pàipearan a sgioblachadh agus a h-uile càil a chur an òrdagh. Chunnaic e tòn togsaid a’ fàgail aig ceann thall an talla agus ghrad-smaoinich e ‒ò! a ghobag bhàin a tha thu ann! Ghreas e às a dèidh agus nuair a ràinig e doras an togalaich, bha faileas neach air astar beag bhuaithe ach a’ sìoladh às san dorchadas a dh’ionnsaigh taigh Ealasaid agus ag osbagail gu muladach an lùib slapragaich chas mar gum b’ e bò a bhiodh ann. Sheas Dòmhnall na Dachaigh an sin air chrith; bha e doirbh a ràdh an ann le fearg no le uabhas no le ciont …sheas e an sin a’ coimhead air Ealasaid ’s ag èisteachd ris a’ chaoineadh ’s an t-seathain a’ sìoladh às, agus a’ smaoineachadh air a bheatha mar a bhà, a’ seargadh às air a bheulaibh…dh’èigh e mach ris an oidhche ga h-ionnsaigh:

“Mo ghràin air do ghobaireachd!” Agus dh’èirich rànaich Ealasaid bho fhad às.

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach